27 February, 2026
Leapannan nan creachann-teine air an ath-shlànachadh an dèidh stèidheachadh an Raoin-Mhara Ghlèidhte
Chaidh dà aithisg a rinneadh air choimisean NàdarAlba fhoillseachadh an-diugh a tha ag innse gu bheil leapannan nan creachann-teine ann an Loch Carrann air ath-shlànachadh buileach a rèir coltais an dèidh stèidheachadh an Raoin-Mhara Ghlèidhte (MPA) ann an 2017.
Rinn a’ chiad aithisg, le luchd-rannsachaidh Oilthigh Heriot-Watt, ath-mheasadh air cor leapannan nan creachann-teine aig trì stèiseanan monataireachd ann an taobh siar Loch Carrann far an do rinneadh suirbhidh roimhe ann an 2017. Aig an àm sin, bha slighean dreideireachd chreachann follaiseach ann agus nid nan creachann-teine air an dochann, air am briseadh is air an rèidheadh.
Nuair a rinn an sgioba suirbhidh eile air an làrach ceithir bliadhna na dhèidh, cha robh na luirg no an damaiste ri fhaicinn tuilleadh aig gin dhe na trì stèiseanan monataireachd agus an àite sin, bha nid shoilleir ann – ag innse dhuinn gu bheil leapannan chreachann-teine slàn fallain ann.
Tha fianais a bharrachd air sin a fhuaireadh an cois suirbhidh bhidio nas ùire le NàdarAlba air feadh an raoin air fhad a’ cur nar sùilean cuideachd gu bheil leabaidh nan creachann-teine air leudachadh cuideachd.
Bidh an creachann-teine, creutair a tha na mhoileasg dà-shligeach, na laighe am falach air grunnd na mara ann an nid a thogas iad de shligean, clachan is stuth eile ’s iad gan ceangal ri chèile ann an leapannan dùmhail. Bidh na ceudan de ghnèithean eile a’ tighinn beò sna leapannan seo agus cumaidh iad grunnd na mara na àite. Tha a’ mhòrchuid de leapannan nan creachann-teine air taobh an iar na h-Alba agus ’s ann an Loch Carrann a tha an leabaidh as motha dhiubh fhad ’s fhios dhuinne. Tha iad fo dhìon ann an còig MPAan eile mun cuairt air cladach na h-Alba cuideachd.
Thuirt Rie Pors, Eag-eòlaiche is Neach-suirbhidh nam Bith-àrainnean Mara aig NàdarAlba: “’S naidheachd mhìorbhaileach a th’ ann gu bheil de chomas aig bith-àrainn chudromach mar seo a tha na dhachaigh do dh’uiread a chreutairean is lusan mara, ath-shlànachadh cho luath ri seo an dèidh sgrios. Tha e a’ sealltainn an diofar mòr a nì raon-mara glèidhte do bheathaichean is bith-àrainnean sa mhuir againn.
“Ach ged a dh’fhàs an leabaidh ann an Loch Carrann slàn gu math sgiobalta, tha e cudromach cumail nar cuimhne gum feum àitichean eile nas fhaide na sin a rèir dè cho fallain ’s a bha an leabaidh mus tàinig sgrios air agus dè cho mòr ’s a bha an sgrios. Gu fortanach, ann an Loch Carrann, cha deach mòran de stuth nan nead a thoirt air falbh oir cha deach a dhreideireachd ach aon turas agus bha an leabaidh fallain roimhe sin. Dh’fhàg e sreath de stuth nid briste mu sgaoil air grunnd na mara agus tha coltas ann gun do thill leapannan nan creachann-teine astasan.
“’S e soirbheas mòr a th’ againn an seo ann an Loch Carrann, a’ sealltainn na thig an cois obair-ghlèidhteachais luath agus tharbhach.”
Leugh na h-aithisgean slàna an seo…
DEIREADH
Ri aire an luchd-deasachaidh
Airson barrachd fiosrachaidh, faic
Àrd-shealladh - Loch Carron MPA – Conservation and Management Advice
Aithisg rannsachaidh - Assessment of recovery from dredge impacts in Loch Carron
Aithisg rannsachaidh – Biological analyses of underwater video from monitoring and research cruises
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot





