11 June, 2026
Fiathachadh do chroitearan air feadh nan Eilean an cuid sgeulachdan innse mar phàirt de phròiseact rannsachaidh ùr
Tha luchd-rannsachaidh a’ sireadh chroitearan bho air feadh nan Eilean airson pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh ùr a tha a’ toirt sùil air a’ cheangal shònraichte eadar beatha croitearachd nan eilean, an nàdar, agus sunnd pearsanta – a’ chiad rannsachadh den leithid a tha gu sònraichte a’ coimhead air coimhearsnachdan anns na h-Eileanan.
’S ann le Gnèithean air an Oir, ann an com-pàirteachas ri Atlantic58 agus Urras Glèidhteachas nan Seilleanan, a tha am pròiseact ’s e a’ sireadh chroitearan aig gach aois, le eòlas den a h-uile seòrsa airson pàirt a ghabhail ann an agallamhan fa leth as t-samhradh-sa. Gabhaidh na h-agallamhan a chumail a-staigh, a-muigh air a’ chroit, no air loidhne – ge bith dè fhreagras oirbh as fheàrr. Faodaidh an t-agallamh a bhith sa Ghàidhlig no sa Bheurla, agus mairidh e mu uair a thìde gu leth.
Ged a tha rannsachadh a’ dol air adhart ann an coimhearsnachdan tuathanachais air tìr-mòr na h-Alba a choimhead air ceanglaichean ri nàdar ’s sunnd, chan eil an leithid de sgrùdadh ga dhèanamh anns na h-Eileanan. Tha croitearachd sna h-Eileanan sònraichte – leis an tìr, an cànan, an cultar ’s cleachdaidhean uile a’ toirt buaidh ann an dòigh nach fhaighear ann an àite sam bith eile – agus tha an luchd-rannsachaidh airson a’ bhuaidh a tha seo a’ toirt air eòlas nan croitearan ’s an ceangal a th’ aca ris an t-saoghal nàdarra a thuigsinn.
Bidh an sgrùdadh a’ rannsachadh a’ cheangail a tha croitearan a’ faireachdainn a th’ aca ri nàdar, agus ma tha an ceangal sin a’ toirt buaidh air an cuid sunnd, agus na tha a’ toirt air daoine gnìomhan a tha math dha nàdar a thoirt gu buil air an fhearann aca.
Thuirt Frances Simmons aig Atlantic58, a tha air cheann nan agallamhan: “Tha sinn airson cluinntinn bho chroitearan iad fhèin – an t-eòlas ’s na sgeulachdan aca, agus an dàimh a th’ aca ris an fhearann. Chan fheum sibh eòlas sònraichte sam bith airson pàirt a ghabhail ann. Chan eil sinn ach airson faighinn a-mach na tha croitearachd a’ ciallachadh dhuibh-se, agus mar a tha sibh a’ faireachdainn mun nàdar a tha ceithir timcheall oirbh.”
Gabhaidh toraidhean an rannsachaidh a chleachdadh airson goireasan practaigeach a leasachadh a chuidicheas buidhnean glèidhteachais gu bhith ag obair ann an dòigh nas èifeachdaiche ri coimhearsnachdan croitearachd, agus a dhearbhaicheas gu bheil pròiseactan glèidhteachas nàdair san àm ri teachd a’ tighinn a rèir feumalachdan ’s lèirsinn cheart nan daoine fhèin.
Thèid agallamhan a chumail san Iuchar ’s san Lùnastal 2026, air cinn-latha a fhreagras air na com-pàirtichean. Tha an sgioba rannsachaidh airson cluinntinn bho chroitearan aig diofar aoisean, gnèithean ’s le eòlas sam bith bho air feadh nan eilean. Airson barrachd fiosrachaidh no airson pàirt a ghabhail san rannsachadh, cuiribh fios gu Frances Simmons aig Frances@atlantic58.co.uk no cuiribh fòn gu 01851 827310.
Contact information
- Name
- Eilidh Ross
- eilidh.ross@nature.scot
Notes to editors
Available in English here: https://speciesontheedge.co.uk/crofters-across-the-outer-hebrides-invited-to-share-their-stories-for-first-of-its-kind-research-project/
Tha iomadh com-pàirtiche an sàs ann am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir is ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba.
Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas. Tha am prògram a’ dol ann an seachd sgìrean ann an Alba: Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-Staigh; Innse Gall; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; An Costa an Ear; Linne Shalmhaigh.
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot
Downloads
Traditional hay stacks for animal feed, West Side of Lewis (c) Jon Macleod / Cruachan feòir traidiseanta dha beathaichean, An Taobh Siar Leòdhais (c) Jon Macleod
Oat stook tied with a handful of oat straw (c) Frances Simmons / Stùcan coirce air a cheangal le stràbh coirce (c) Frances Simmons





