Skip to main content

28 November, 2018

Tursan tadhail air a’ bhlàr a-muigh aig sàr ìre

Tursan tadhail air a’ bhlàr a-muigh aig sàr ìre: Scotland's People and Nature Survey ©Lorne Gill SNH

Tha an àireamh de thursan a tha daoine a’ tadhail air a’ bhlàr a-muigh ann an Alba air an ìre as àirde a ruighinn, a rèir suirbhidh ùire.

Tha rannsachadh bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a’ tuairmseachadh gun robh mu 547 millean turas-tadhail air a’ bhlàr a-muigh ann an 2017/18.

Tha am figear seo air àrdachadh bho 396 millean ann an 2013/14 agus ’s i an ìre as àirde a chaidh a chlàradh a-riamh.

Tha Suirbhidh Daoine ’s Nàdar na h-Alba a’ sealltainn gu bheil daoine a’ tadhail air a’ bhlàr a-muigh nas cunbhalaiche agus gu bheil iad a’ mealtainn a’ bhlar a-muigh nas fhaisge air an cuid dachaighean.

Thuirt còrr air an dàrna leth (57%) gum bi iad a’ falbh a-muigh gach seachdain, àrdachadh bho 50% ann an 2013/14 nuair a rinneadh an t-suirbhidh mu dheireadh.

Aig an aon àm dh’fhàs an àireamh de thursan-tadhail anns na bailtean 6 sa cheud gu 40%.  

’S iad pàircean ionadail na h-àiteachan as còrdaichte ri daoine, agus tha coiseachd fhathast na phrìomh dhòigh-siubhail. 

’S e cuairt leis a’ chù an t-adhbhar as cumanta a thugadh seachad airson a bhith tadhail air a’ bhlàr a-muigh, an uair sin slàinte agus eacarsaich (37%) agus airson fois a ghabhail (29%).

Dh’aontaich a’ mhorchuid de dhaoine a thadhail air a’ bhlar a-muigh (67%) gu làidir gun tug e faothachadh air cudrom inntinn, thuirt 64% gun tug e piseach air an slàinte bodhaige agus thuirt 52% gun do dh’fhairich iad nas fhaisge air nàdar.

A dh’aindeoin seo, tha an t-suirbhidh de mu 12,000 inbheach ann an Alba a’ sealltainn gu bheil obair ri dèanamh fhathast airson buidhnean fo-riochdaichte a chuideachadh faighinn chun a’ bhlàr a-muigh ’s a’ gabhail tlachd bho nàdar.

Ged a thadhail 82% den t-sluagh uile gu lèir air a’ bhlàr a-muigh air adhbharan cur-seachad thairis air an dà mhìos dheug mu dheireadh, thuit seo gu dìreach 47% de dhaoine a thuirt gun robh iad a’ fulang ri droch shlàinte, 73% de dhaoine nas sìne agus de dhaoine anns na sgìrean as bochda ann an Alba agus 63% de dhaoine air a bheil tinneas fad-ùine no a tha ciorramach.

Thuirt Mike Cantlay, Cathraiche SNH: “Tha fios againn air an roghainn de bhuannachdan do shlàinte ’s sunnd bodhaige ’s inntinne a thig bho bhith air a’ bhlàr a-muigh, agus mar sin tha e sgoinneil gu bheil am blàr a-muigh a’ còrdadh ri daoine ann an Alba barrachd na bha e a-riamh roimhe.

“Tha sinn airson ’s gum faigh a h-uile duine air feadh na h-Alba buannachd à nàdar ach tha e follaiseach bho na toraidhean seo gu bheil bacaidhean ro chuid de bhuidhnean fhathast.

“Sin an t-adhbhar a tha SNH a’ dol an sàs ann am pròiseactan air feadh na h-Alba a tha a’ leasachadh àiteachan uaine nar bailtean, gu h-àraid anns na sgìrean as bochda, gus àiteachan le ceangal nas fheàrr ri nàdar a chruthachadh do dhaoine nas fhaisge air an cuid dachaighean agus an neo-ionnannachd seo a lùghdachadh.

“’S e ar Seirbheis Slàinte Nàdarra a th’ anns a’ bhlàr a-muigh, agus tha sinn cuideachd ag obair gu dlùth còmhla ri buidhnean eile gus comas iongantach ar n-àrainneachd nàdarra a thoirt gu buil airson Alba nas fhallaine.”

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

Notes to editors

Scotland’s People and Nature Survey (SPANS) provides information on how people living in Scotland use, value and enjoy the natural environment and was first undertaken in 2013/14.

The methodology used for SPANS is similar to the Scottish Recreation Survey which ran between 2003 and 2012, ensuring comparability of key findings.

The 2017/18 research findings are based on in-home face-to-face interviews undertaken between May 2017 and April 2018 with a representative sample of around 12,000 adults (aged 16 and over) in Scotland. 

The Scottish Government has appointed SNH to lead on delivering the Green Infrastructure Fund, which is part of its current European Regional Development Fund (ERDF) Programme and aims to improve Scotland’s urban environment by increasing and enhancing greenspace in our towns and cities, especially close to areas of multiple deprivation. Further details can be found here:  https://www.greeninfrastructurescotland.scot/

SNH is leading the development of Our Natural Health Service, an initiative that aims to bring about a step change in the use of nature-based solutions to deliver health outcomes. More information is available here: https://www.nature.scot/professional-advice/contributing-healthier-scotland/our-natural-health-service

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on Twitter at https://twitter.com/nature_scot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air Twitter aig https://twitter.com/nature_scot

Downloads

Scotland's People and Nature Survey ©Lorne Gill SNH

Scotland's People and Nature Survey ©Lorne Gill SNH

View | Download