08 May, 2018
Trusadh ainmean nam maorach
Tha co-chomhairle phoblach air liosta de dh’ainmean Gàidhlig air maoraich a ghabhas lorg timcheall costa na h-Alba air tòiseachadh an-diugh (8 Cèitean) le Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH).
’S iad seilcheagan-mara agus dà-mhogalaich as motha a th’ air an liosta de 85 ainmean mhoileasgan, cuide ri briathrachas Gàidhlig air buill-bhodhaig nam beathaichean agus cumaidhean eadar-dhealaichte nan sligean mara. Tha ciall mòran de na h-ainmean gam mìneachadh sa Bheurla cuideachd.
Chuir sgioba bho SNH agus Bòrd na Gàidhlig na molaidhean ri chèile, fo stiùir an eòlaiche-nàdair Ruairidh MacIlleathain.
Bidh luchd-labhairt na Gàidhlig gu math eòlach air cuid de na h-ainmean. ’S e adhbhar a’ phròiseict a dhèanamh cinnteach gu bheil ainm ga mholadh do gach gnè chumanta, a ghabhas cleachdadh ann an co-theacsa nàiseanta agus nuair nach eil cothrom aig luchd-labhairt na Gàidhlig comhairle a shireadh bho neach-labhairt eile aig a bheil eòlas air ainmean nam maorach. Chan eil am pròiseact airson cleachdaidhean dualchainnteach atharrachadh. Far nach b’ urrainn dhan sgioba ainm Gàidhlig a lorg do ghnè, chuir iad romhpa ainm a mholadh.
Thuirt Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig SNH: “Tha dlùth-dhàimh eadar ar dualchas nàdair agus a’ Ghàidhlig. Tha rùn againn luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh gus ceangal a dhèanamh ri nàdar tron chànan, agus tha sinn an dòchas gun cuidich am pròiseact seo. Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan bho dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa chùis agus tha sinn airson am brosnachadh gus an cuid bheachdan a chur a-staigh dhan cho-chomhairle.”
Mar phàirt den phròiseact, bhruidhinn Ruairidh MacIlleathain ri ceithir deug seann daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig, a’ mhor-chuid dhiubh às na h-Eileanan Siar, a dh’fhaighinn stiùireadh air na h-ainmean a th’ aca air gnèithean nam maorach. “Bha aonta farsaing ann air ainmean nan gnèithean as cumanta,” thuirt Ruairidh, “ach do chuid a ghnèithean bha ainmean eadar-dhealaichte aig daoine, no cha robh ainm idir aca. Thug seo dùbhlan dhuinn roghainn a dhèanamh agus ainmean a mholadh do ghnèithean dhan nach robh cruth Gàidhlig ri lorg.”
Thathar an dùil gum bi am briathrachas feumail do thidsearan, bith-eòlaichean, luchd-rannsachaidh, maoir-dhùthcha agus pàrantan, cho math ri daoine eile anns a’ choimhearsnachd a tha ag iarraidh an cuid Gàidhlig a chur gu feum ann an co-cheangal ris a’ chladach.
Bidh a’ cho-chomhairle a’ ruith bho 8 Cèitean gu 19 Ògmhios 2018. Lorgar liosta nan ainmean a thathar air moladh aig www.nature.scot/gaelic-names-marine-molluscs.
Contact information
- Name
- Carrie Wieteska
- Carrie.Wieteska@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot


