Skip to main content

23 January, 2025

Brath-naidheachd bho Chom-pàirteachas Dùthaich nam Boglaichean

Brath-naidheachd bho Chom-pàirteachas Dùthaich nam Boglaichean: Press image for When Fish Begin to Crawl.

Thèid Dùthaich nam Boglaichean, Làrach Dualchas na Cruinne ann an Alba, a chomharradh aig cùirm shònraichte nach fhacas a-riamh roimhe

Bidh cùirm shònraichte ga cumail an ath-sheachdain airson fear de na ceàrnaidhean beòtha as fhiadhaiche san Rìoghachd Aonaichte agus gach creutair fliuch a tha a’ fuireach ann a chomharrachadh. ’S i Dùthaich nam Boglaichean, eadar Cataibh is Gallaibh, an aon làrach aig a bheil inbhe Dualchas na Cruinne aig UNESCO ’s i clàraichte gu sònraichte air sgàth na th’ ann de mhòinteach agus a’ bhrat-bhoglach as motha san Roinn Eòrpa. ’S e dachaigh chudromach dhan fhiadh-bheatha a th’ innte agus tha i a’ glèidheadh 400 millean tunna de charbon – còrr is dà thuras na th’ ann de charbon anns gach coille ann am Breatainn. Ri linn sin, ’s e àite fìor chudromach a th’ ann a thaobh glèidhteachas bith-iomadachd agus lùghdachadh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

 

Thèid tachartasan a chumail ann an Inbhir Nis air an 28mh dhen Fhaoilleach agus ann an Glaschu aig Celtic Connections air an 2na dhen Ghearran airson an inbhe chliùiteach seo a chomharrachadh. Gheibhear sùil gun a leithid air an àite eadar pìos ciùil gu tur ùr ga chluich le Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba agus fiolm When Fish Begin to Crawl anns am bi muinntir Dùthaich nam Boglaichean a’ nochdadh. Tha am fiolm le Mòrag NicFhionghain, buannaiche BAFTA, agus Jim Sutharlanach a’ comharradh rùn mòr toiseach na beatha air an talamh, èabhlaid, mòr-fhàs na bith-iomadachd agus èiginn na gnàth-shìde is an nàdair san latha an-diugh.

 

Tha comas do-chreidsinneach sa mhòinteach seo carbon a ghlèidheadh ach cha dèan i sin mur eil i fallain agus tha pìosan mòra dhith ann an droch chor agus, ri linn sin, a’ cur ri atharrachadh na gnàth-shìde seach na aghaidh. Ann an 2025 chì sinn pròiseact maoin FIRNS ùr-ghnàthach agus tòisichidh Iomairt Ionmhais Uaine Dùthaich nam Boglaichean air ath-shlànachadh nam mòintichean fo stiùireadh ionadail airson aghaidh a thoirt air call nàdair le iomairtean is in-ionmhas. Tha an com-pàirteachas eadar NàdarAlba, RSPB na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd airson teachd-shaoghal ciad làrach Dualchas na Cruinne air tìr-mòr na Rìoghachd Aonaichte – a chaidh a chlàradh air sgàth cudromachd eadar-nàiseanta nan eag-shiostaman nàdarra aice – a ghlèidheadh.

 

Thuirt Graham Neville, a tha na Stiùiriche Obrachaidhean san Cheann a Tuath dha NàdarAlba agus an cathraiche a tha gu bhith aig Com-pàirteachas Dùthaich nam Boglaichean: “Tha ciad-taisbeanadh an fhiolm When Fish Begin to Crawl a’ ceangal toiseach èabhlaid na beatha a chuir cas air tìr ris na h-atharrachaidhean mòra a tha romhainn an cois blàthachadh na cruinne is buaidh mac an duine. Seo turas a tha na mhac-samhail ann an sgeulachd Dùthaich nam Boglaichean fhèin.

 

“Tha na tachartasan seo a’ comharradh eag-shiostam àraidh Dùthaich nam Boglaichean, stiùbhartachd nan ginealaichean de thuathanaich is croitearan agus an droch bhuaidh a bh’ aig poileasaidhean fearainn air an àite roimhe. Ach nas cudromaiche fhathast, ’s e teachdaireachd an dòchais a th’ annta – gu bheil sinn ag obair còmhla agus gun urrainn dhuinn mìorbhailean nàdair a dhìon is a leasachadh. ’S e sin a tha cudromach is sinn a’ coimhead air adhart ri teachd-shaoghal so-sheasmhach.”

 

Thuirt Roxanne Andersen, Ollamh Saidheans na Mòintich aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean “Tha inbhe Dualchas na Cruinne aig UNESCO a’ sealltainn cho cudromach is a tha Dùthaich nam Boglaichean gu h-eadar-nàiseanta airson aghaidh a chur air atharrachadh na gnàth-shìde is call na bith-iomadachd. Ach tha e a cheart cho cudromach gum bi inbhe mhòintichean air feadh an t-saoghail ga togail agus gum bi iad nan toiseach-tòiseachaidh airson atharrachaidhean, agus nam modail air mar a ghabhas mòinteach is eag-shiostaman eile an seo is ann an àitichean eile a dhìon, a leigheas is a stiùireadh gu cùramach.”

 

Tha Peatland ACTION aig NàdarAlba na sponsair air an tachartas agus thuirt Stephen Varwell bhon bhuidhinn: “Tha cothrom mòr ann ann an Dùthaich nam Boglaichean airson ath-shlànachadh mòintich leis na th’ ann de bhrat-bhoglaichean – agus bidh deagh bhuaidh aige sin air an àrainneachd, air a’ choimhearsnachd agus air eaconamaidh na sgìre.

 

“Thug Peatland ACTION taic is maoineachadh dha iomadh pròiseact ath-shlànachadh mòintich còmhla ri uachdaranan-fearainn is buidhnean ann an Dùthaich nam Boglaichean thairis air na bliadhnaichean. Tha sinn pròiseil sìor thaic a chumail riutha a-nis is gu bheil an sgìre air aithneachadh mar a’ chiad làrach Dualchas na Cruinne aig UNESCO a tha na mòinteach – ag innse gu soilleir dè cho cudromach ’s a tha mòintichean fallain dhan t-saoghal air fad.  Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri sìor cho-obrachadh leis na coimhearsnachdan is manaidsearan fearainn airson is gum faigh daoine agus nàdar gach buannachd a bhios aig mòintichean slàn fallain.”

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

Notes to editors

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

Downloads

Press image for When Fish Begin to Crawl.: Press image for When Fish Begin to Crawl.

Press image for When Fish Begin to Crawl.

View | Download

When Fish Begin to Crawl - Caithness press image: When Fish Begin to Crawl - Caithness press image

When Fish Begin to Crawl - Caithness press image

View | Download

When Fish Begin to Crawl - Lochans press image.: When Fish Begin to Crawl - Lochans press image.

When Fish Begin to Crawl - Lochans press image.

View | Download