25 September, 2025
Tha teicneolas ùr is croitearachd thradaiseanta a’ cur taic ri bith-iomadachd nan eilean còmhla

Tha croitearan air feadh Shealtainn, Ulbha is nan Eilean Siar a’ gabhail ri teicneolas ùr nan coilearan GPS airson crodh a chumail, agus tha e na bhuannachd dhaibh fhèin, dhan chrodh is do dh’fhiadh-bheatha an àite.
Tha coilearan nam feansaichean mas fhìor (virtual fence collars) nan uidheaman le GPS a bhios mu amhaich cruidh a bheir comas dhan chroitear na beathaichean aca a chumail air pìos talmhainn às aonais feansa. Cuiridh an croitear crìochan na pàirce air dòigh air aplacaid air am fòn agus nuair a thig an crodh faisg air a’ chrìoch seo, nì an coilear fuaim. Ma leanas am beathach air, gheibh e clisgeadh dealain beag (dà thrian nas laige na feansa dealain àbhaisteach). Tuigidh an crodh ann am beagan làithean na tha an fhuaim a’ ciallachadh agus chan fhaigh iad clisgeadh ro thric an dèidh sin.
Tha an teicneolas seo a’ toirt cothrom do chroitearan an crodh aca ionaltradh air pàircean ùra gun fheum air airgead mòr a chosg air feansaichean ùra agus glèidheadh nam feansaichean. Tha na coilearan seo math dhan chrodh cuideachd oir chì uachdaran an fhearainn càit a bheil iad agus ma dh’fhanas gin san aon àite ro fhada, innsidh an aplacaid seo dhaibh. ’S urrainn do chroitearan crodh a chumail air falbh o àitichean cunnartach cuideachd, mar eisimpleir o bhoglach far an rachadh crodh an sàs.
Tha ionaltradh a’ chruidh air leth cudromach cuideachd airson bith-àrainnean cudromach a ghlèidheadh dhan fhiadh-bheatha. Ithidh crodh lusan garbha a th’ ann an còmhstri le flùraichean-fiadhaich agus aig an aon àm, sgaoilidh iad sìl agus cruthaichidh iad talamh lom far am fàs lusan ùra. Bheir seo cothrom fàis do dhiofar lusan a tha cudromach do mheanbh-fhrìdean a nì poileanachadh agus tàlaidhidh iadsan eòin chun an àite.
Tha ionaltradh aotrom tradaiseanta air a bhith taiceil do bhith-iomadachd ann an Alba fad linntean. Air cladach is eileanan na h-Alba, far a bheil daoine ri croitearachd thradaiseanta fhathast, tha cuid dhe na gnèithean as ainneimhe a th’ anns a’ chunnart as motha a’ fuireach fhathast is iad air an ruagadh à tìr-mòr an cois dian-àiteachais. Tha prògram Gnèithean air an Oir, air a mhaoineachadh le Maoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, ag obair le uachdaranan-fearainn is coimhearsnachdan air feadh na h-Alba airson na gnèithean seo a ghlèidheadh air ar cladaichean. Cheannaich am prògram 106 coilear ann an Ulbha, Sealtainn is sna h-Eileanan Siar a chuidicheas na croitearan le bhith a’ cumail a’ dol leis a leithid a chroitearachd seo a tha math dhan bhith-iomadachd agus a chùm beò coimhearsnachdan nan eilean agus an fhiadh-bheatha fad linntean.
Thuirt Manaidsear Prògraim Ghnèithean air an Oir, Fiona Strachan: ‘Tha e fìor mhath an teicneòlas ùr seo fhaicinn air a chleachdadh ann an trì sgìrean anns a bheil Gnèithean air an Oir ag obair airson cuid de na prìomh ghnèithean againn a chuideachadh ann an dòigh a tha feumail dha uachdaranan is dha na beathaichean aca cuideachd. Dh’fhaodadh dha na coilearan seo diofar mhòr a dhèanamh do bhith-àrainnean a tha gu math dùbhlanach a stiùireadh air dòigh sam bith eile agus tha sinn toilichte gun robh e nar comas an toirt seachad tro Ghnèithean air an Oir.’
A’ cur taic ri leòmainn ainneamh ann an Ulbha
Tha a’ Bhùrnaid Thrìd-shoilleir a’ fuireach ann an Ulbha agus tha a’ mhòrchuid dhen bhùrnaid Albannach thana san Rìoghachd Aonaichte, leòmann a tha fiù nas ainneimhe, an seo cuideachd. Ge-tà, tha raineach a’ briseadh a-steach air a’ bhith-àrainn aca. Chan eil cus bheathaichean ann a dh’itheas raineach a chionn ’s gu bheil e loma-làn le stuthan ceimigeach nach toil le beathaichean ionaltraidh is meanbh-fhrìdean. Mur an cumar rian air, fàsaidh e fad, farsaing is àrd, a’ dèanamh cron is a’ briseadh a-steach air an talamh-fheòir a dh’fheumas na leòmainn seo agus iomadh gnè eile.
Tha Phil Bertin, tuathanach ann an Ulbha, a’ cleachdadh deich coilearan a fhuair e bho Ghnèithean air an Oir. Leis na coilearan seo, ’s urrainn dha Phil an crodh aige ionaltradh air taobh a deas an eilein far a bheil na leòmainn, àite mòr farsaing a bha gun fheum dha roimhe a chionn ’s nach robh feansaichean ann.
Thuirt Anthony McCluskey o Ghlèidhteachas nan Dealan-dè: “Tha sinn cha mhòr cinnteach gun tig an dà latha air stiùireadh làraichean mar seo leis an teicneolas ùr seo. Rinn sinn obair còmhla ri Phil is tharraing sinn mapaichean de dh’àitichean far am bi ionaltradh gu feum dhàsan agus dha na bùrnaidean.”
A’ cur taic ri croitearachd sna h-Eileanan Siar
Tha Murdanaidh na chroitear ann an Leòdhas agus le taic-airgid bho Ghnèithean air an Oir, tha coilear aig gach ceann stuic aige a-nis. Thuirt e: “Bidh an crodh againn a-muigh sa gheamhradh agus chan eil sin furasta leis an t-sìde a bhios againn sa gheamhradh: talamh bog, pailteas saidhlids agus biadh làidir. Thòisich sinn air coilearan NoFence a chleachdadh airson sùil a chumail air a’ chruidh agus leis a sin, ’s urrainn dhuinn a chumail ann an àitichean gun fheansa agus air an fheurach choitcheann ach air falbh o bhoglaichean. Agus tha deagh bhuaidh air an àrainneachd cuideachd ri linn.
Tha mòran a’ gearan gu bheil an crodh a’ dèanamh cron air an fhearann, ach ma chuireas sinn crodh air croitean bàna is talamh-feòir a tha fo luibhearnach, tillidh am feur is na flùraichean agus tha sin math do ghrunn bheathaichean, seilleanan nam measg. Mar is pailte na meanbh-fhrìdean, is ann as pailte na h-eòin agus ma bhios crodh ag ionaltradh air pàirc, cha tig na fèidh cho faisg. San t-seann aimsir, nuair a bhiodh caoraich is crodh air feadh an àite, ’s gann gun tigeadh am fiadh a-nuas on mhonadh. Agus bidh dòigh-beatha nas nàdarraiche aig a’ chrodh mar seo cuideachd is iad a’ dol mun cuairt, o phàirc gu pàirc is sinne gan iomain o àite gu àite.
Tha e cho follaiseach gu bheil am fearann nas fheàrr an dèidh dhan chrodh a bhith ann. Bha sinn gan ionaltradh air coitcheann Àirigh an Tuim an-uiridh tro chuid dhen gheamhradh agus bha buaidh cho mòr air as t-earrach: feur uaine ’s flùraichean air feadh an àite.
Tha coilearan NoFence nam buannachd dhuinn uile! Nas lugha de bhiadh, croitean air an deagh chleachdadh, fiadh-bheatha a bharrachd, gun fheum air barradh meacanaigeach, crodh nas fhallaine, agus fearann nas fhallaine. Tha sinn an dòchas tuilleadh àitichean faisg oirnn a lorg is ionaltradh an geamhradh-sa.”
A’ dìon ‘an t-Seillein-mhòir Shealltainnich’
Tha tè de na gnèithean as ainneimhe de sheillean-mòr anns an Rìoghachd Aonaichte a’ fuireach ann an Sealtainn: Bombus muscorum agricolae air neo an ‘Seillean-mòr Sealltainneach’. ’S e fo-ghnè dhan t-seillean-chàrdair a tha san t-‘seillean-mhòr Sealltainneach’ a tha a’ fuireach ann an Sealtainn, Arcaibh agus cuid a dh’àitichean sna h-Eileanan Siar ach chan eil e ri lorg ann an àite sam bith eile san t-saoghal. Feumaidh na seilleanan seo pailteas de dh’flùraichean-fiadhaich a tha làn neactair, mar sheamrag-dhearg is barra-mhìslein tron t-samhradh.
Thug Gnèithean air an Oir 46 coilearan Monil do cheithir croitearan ann an Sealtainn airson an cuideachadh leis an ionaltradh, gu sònraichte far a bheil bacannan gainmhich is talamh-feòir. Chan eil ach glè bheag dhe na bith-àrainnean seo ann an Sealtainn agus, ma bhios iad air an deagh stiùireadh, bidh iad loma-làn lusan a tha math do mheanbh-fhrìdean poileanachaidh. A chionn ’s gun gluais na bacannan mun cuairt, chan eil feansaichean gu cus feum agus ri linn sin, cha robh crodh ag ionaltradh sna h-àitichean seo fad bliadhnaichean mòra.
Air taobh a deas Tìr-mòr Shealtainn, tha coilearan air ceithir cinn stuic aig Laura Sinclair a-nis, bana-chroitear ionadail agus thòisich iad air ionaltradh am measg nam bacannan o chionn goirid. Tòisichidh iad air breath tiugh de stuth lusan a bhriseadh na bhloighean as t-fhoghar agus bheir seo cothrom do dhiofar fhlùraichean-fiadhaich as t-samhradh an ath-bhliadhna.
Thuirt Laura: “Tha sinn air ar bioran mu na coilearan seo agus tha sinn an dòchas gun toir iad comas dhuinn an crodh ionaltradh ann an àitichean far nach eil feansaichean cruidh. Tha iad air a bhith cho feumail airson sùil a chumail air a’ chrodh ’s càit a bheil iad, gu sònraichte aig àm breith nan laogh.”
Leis na coilearan seo, ’s urrainn dhi ionaltradh a stiùireadh air dòighean eadar-dhealaichte cuideachd airson taic a chumail ri eòin a nì nid air an talamh, mar an guilbneach agus a’ churracag ann an talamh-feòir fliuch Shealtainn. Feumaidh gach gnè rudeigin caran eadar-dhealaichte; ’s fheàrr leis a’ churracag lusrach goirid ach am faic iad na tha mun cuairt ach ’s fheàrr leis a’ ghuilbneach talamh làn cheapan a chumas na nid aca am falach. Leis na coilearan seo a chruthaicheas feansaichean mas fhìor, ’s urrainn dha na croitearan an crodh a chumail far a bheil air lusrach goirid dha na curracagan ach an cumail air falbh à àitichean far a bheil feum air lusrach beagan nas fhaide.
Contact information
- Name
- Eilidh Ross
- eilidh.ross@nature.scot
Notes to editors
A' comharrachadh iomairtean ùr-ghnàthachaidh ann an obair an fhearainn is obair-ghlèidhteachais ann an sgìrean dùthchail mar phàirt den a' chiad Sheachdain Nàiseanta Ùr-ghnàthachaidh (22 - 26 Sultain) ann an Alba
Available in English here: https://speciesontheedge.co.uk/modern-technology-meets-traditional-crofting-to-boost-island-biodiversity/
Tha iomadh com-pàirtiche an sàs ann am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir is ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba.
Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas. Tha am prògram a’ dol ann an seachd sgìrean ann an Alba: Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-Staigh; Innse Gall; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; An Costa an Ear; Linne Shalmhaigh.
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot