Skip to main content

07 November, 2024

Tha NàdarAlba a’ cur air bhog co-chomhairleachadh air beachd Pàirc Nàiseanta ùr na h-Alba ann an Gall-Ghàidhealaibh

Tha NàdarAlba a’ cur air bhog co-chomhairleachadh air beachd Pàirc Nàiseanta ùr na h-Alba ann an Gall-Ghàidhealaibh: 110206-sunset-over-loch-trool cropped

Thathar a’ moladh dhan phoball guth a thogail sa cho-chomhairleachadh air treas Pàirc Nàiseanta an dèidh chòmhraidhean coimhearsnachd, shuirbhidhean is obrach-làraich. 

Tha NàdarAlba air co-chomhairleachadh foirmeil (reachdail) a thòiseachadh air am bu chòir Pàirc Nàiseanta ùr a bhith air a stèidheachadh ann an Gall-Ghàidhealaibh is pìosan de Shiorrachd Àir a Deas is an Ear.  Bheir an co-chomhairleachadh sùil air na dh’fhaodadh a bhith na phàirt de Phàirc ùr– eadar na crìochan is daoine air a’ bhòrd, agus fiù ainm a dh’fhaodadh a bhith air a’ Phàirc. Tha e a’ sireadh bheachdan air a’ mholadh is roghainnean eile cuideachd.

Ruithidh an co-chomhairleachadh foirmeil eadar an-diugh (7mh dhen t-Samhain) gu ruige 14mh dhen Ghearran 2025. Gheibhear am fiosrachadh air làrach-lìn NàdarAlba agus bidh an co-chomhairleachadh ri fhaighinn air pàipear, an cruth fuaime agus ann an Gàidhlig. Thèid bileag a’ cho-chomhairleachaidh a chur gu 52,000 taigh is gnìomhachas san raon a tha fa-near nas fhaide air adhart sa mhìos.

Thèid tachartasan poblach a chumail air feadh na sgìre sna seachdainean seo romhainn, le co-chomhairlichean neo-eisimeileach às leth NàdarAlba, a’ dèanamh cinnteach gum faigh daoine cuideachadh am beachdan is smuaintean a thoirt seachad ann an àrainneachd taiceil. Bidh seiseanan aig gach tachartas a dh’iarras beachdan air iomadh cuspair, agus bùird eadar-ghnìomhach agus àitichean is cothroman airson beachdan a thoirt seachad gun urra. Faodaidh luchd-freagairt am beachdan a sgrìobhadh air bileag a’ cho-chomhairleachaidh cuideachd.

An uair sin bheir NàdarAlba làn-chunntas air gach beachd sa cho-chomhairleachadh do Mhinistearan ann an cruth anailis is comhairle ro dheireadh a’ Ghiblein an ath-bhliadhna. Aig a’ cheann thall, ’s e Riaghaltas na h-Alba a cho-dhùineas an tèid Pàirc Nàiseanta ann an Gall-Ghàidhealaibh a stèidheachadh.

Thuirt Pete Rawcliffe, Ceannard Dhaoine ’s Àitichean aig NàdarAlba: “Chan eil co-dhùnadh deireannach ann a thaobh Pàirc Nàiseanta ùr ann an Gall-Ghàidhealaibh, agus ’s e cothrom a tha seo do dhuine sam bith aig a bheil ùidh san iomairt an guth a thogail. Tha sinn an dealas gum bi gach ceum dhen obair seo cothromach, soilleir agus ion-ghabhalach. 

“Tha sinn airson is gun gabh coimhearsnachdan a tha a’ fuireach is ag obair ann an iar-dheas na h-Alba pàirt sa cho-chomhairleachadh seo, agus gun innse iad dhuinn na tha cudromach dhaibh ach an urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gum bi a’ chomhairle againn dhan riaghaltas a’ fìor-riochdachadh bheachdan muinntir an àite. 

“Tha suim aig an luchd-obrach ionadail is nàiseanta againn sna smuaintean is beachdan a thug uiread a luchd-còmhnaidh, coimhearsnachdan, gnìomhachasan, buidhnean poblach is pàrtaidhean eile aig a bheil ùidh sa chùis thuca gu ruige seo. Thug na beachdan ud is an obair-làraich againn buaidh air na roghainnean a tha ri co-chomhairleachadh an-dràsta fhèin agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri beachdan is smuaintean chàich orra.”

Thòisich am pròiseas seo nuair a chuir buidhnean is coimhearsnachdan air feadh na h-Alba ainmeachadh foirmeil do Riaghaltas na h-Alba agus an uair sin rinn panail measadh, a rèir cuspair-deuchainnean sònraichte an fhrèam-obrach fhoillsichte. Rinn Riaghaltas na h-Alba moladh reachdail airson Pàirc Nàiseanta Ùr a stèidheachadh bonntaichte air tagradh Comann Pàirc Nàiseanta Ghall-Ghàidhealaibh agus Bith-chruinne UNESCO Ghall-Ghàidhealaibh is Shiorrachd Àir a Deas. ’S e NàdarAlba an Luchd-aithisg aig a bheil coimisean a nì sgrùdadh air a’ Phàirc ùr a tha ga moladh, is e air an aon rud a dhèanamh roimhe airson a’ chiad dà Phàirc Nàiseanta a chaidh a stèidheachadh mar-thà ann an Loch Laomainn is nan Tròisichean agus sa Mhonadh Ruadh.

Às dèidh comhairle agus anailis NàdarAlba fhaighinn as t-earrach 2025, nì Riaghaltas na h-Alba co-dhùineadh air am bu chòir Pàirc Nàiseanta a stèidheachadh ann an Gall-Ghàidhealaibh. Ma cho-dhùineas an Riaghaltas gum bi chòir a stèidheachadh, nì e barrachd co-chomhairleachaidh air na mion-phuingean san Dreachd Òrdugh Ainmeachaidh. Anns a’ cheum mu dheireadh dhen phròiseas, feumaidh Pàrlamaid na h-Alba aonta a thoirt dhan Òrdugh Ainmeachaidh agus bidh cothrom aig a’ phoball beachdan a chur gu BPA nan roinnean-taghaidh. Sgrùdaicheadh Pàrlamaid na h-Alba an dreachd reachdas mus tigeadh i gu co-dhùnadh. 

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

Notes to editors

An tuilleadh fiosrachaidh

  1. Pàipear co-chomhairleachaidh: Pàirc Nàiseanta Ghall-Ghàidhealaibh a tha ann am beachd
  2. Gheibhear fiosrachadh air a' bheachd, mapa eadar-ghnìomhach, suirbhidhean is tachartas co-chomhairleachaidh air Co-ionad Fiosrachaidh na Coimhearsnachd 
  3. Gheibhear a' bheachd shlàn aig Riaghaltas na h-Alba air Pàirc Nàiseanta an seo: National Park in Galloway: proposal by Scottish Ministers.
  4. Galloway National Park Association and the Galloway and Southern Ayrshire UNESCO Biosphere's bid
  5. Tha fiosrachadh mu na Pàircean Nàiseanta a th' aig Alba mar-thà air duilleagan-lìn NàdarAlba Pàircean Nàiseanta.

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

Downloads

110206-sunset-over-loch-trool cropped: 110206-sunset-over-loch-trool cropped

110206-sunset-over-loch-trool cropped

View | Download