Skip to main content

17 February, 2026

Tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean a’ tilleadh ann an 2026: seo mar a ghabhas tu pàirt

Tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean a’ tilleadh ann an 2026: seo mar a ghabhas tu pàirt: Making sand whales at the event, 'Keening: Song of the Stranding' - Outer Hebrides Wildlife Festival 2025 / A’ dèanamh mhucan-mara le gainmheach aig tachartas 'Keening: Song of the Stranding' – Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2025 (c) Phil Hall

Tha a’ chùirm bhliadhna, a chomharraicheas fiadh-bheatha shònraichte nan Eilean Siar, a’ tillidh as t-samhradh-sa, agus thathar ag iarraidh cuideachadh bho mhuinntir an àite airson an fhèis as fheàrr a th’ air a bhith ann thuige seo a thoirt gu buil.

Tha clàradh thachartasan do dh’Fhèis 2026 a-nis fosgailte agus thathar a’ gabhail ri iarrtasan airson an dà thaisbeanadh ealain a bhios nam pàirt den Fhèis cuideachd.

Tha daoine ris an còrdadh obair saor-thoileach aig an Fhèis air am fiathachadh an cuid ùidh a nochdadh, cho math ri daoine aig a bheil àite no ionad, - an dà chuid a-staigh no air a’ bhlàr a-muigh - a bhiodh deònach a chur gu feum mar phàirt den fhèis.

’S e tachartas bliadhnail leis a’ choimhearsnachd a th’ ann am Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean airson dualchas nàdarra ’s cultarach nan Eilean Siar a chomharrachadh. Thèid a’ phrìomh fhèis a chumail bhon 20mh dhan 27mh dhen Ògmhios 2026 agus leanaidh Iomall na Fèise fad an Iuchair.

Gach bliadhna bidh buidhnean ionadail ’s daoine fa leth a’ cur air dòigh measgachadh de thachartasan air feadh nan eilean, a’ toirt cothrom do mhuinntir an àite ’s luchd-tadhail le chèile eòlas a chur air sàr fhiadh-bheatha nan Eilean Siar ’s ceanglaichean ùra a thogail rithe.

Am measg nan tachartasan a bh’ aig an fhèis sna bliadhnaichean mu dheireadh: cuairtean-iùil (sa Bheurla ’s sa Ghàidhlig); tursan mara; safariathan snorgalaidh, surfaidh ’s SUP; ‘shorewatches’; bùthan-obrach cruthachail; trèanadh air saidheans nan saoranach; taisbeanaidhean ealain; bùthan-obrach air togail dhealbhan de bheathaichean; còmhraidhean le eòlaichean, agus gu leòr eile. 

Thathar ag iarraidh cuideachadh bho mhuinntir an àite airson fèis na bliadhna-sa a dhèanamh cho math ’s a ghabhas, le bhith a’ cur thachartasan air dòigh, a’ cur an cuid obair-ealain air adhart airson fear de Thaisbeanaidhean Ealain na Fèise (aonan ann an Uibhist a Tuath ’s am fear eile ann an Leòdhas), no ag obair gu saor-thoileach aig an Fhèis.

Thuirt Co-òrdanaiche na Fèise, Sharon Nic a’ Phearsain: “Tha an tachartas sònraichte seo leis a’ choimhearsnachd na chothrom dhuinn uile beartas na beatha an seo a chomharrachadh – an fhiadh-bheatha, na cruthan-tìre ’s an cultar. Tha e cuideachd na theans dhuinn meòrachadh air cho cugallach ’s a tha na siostaman seo, agus cho cudromach ’s a tha e gun obraich sinn còmhla ri chèile airson coimhead às an dèidh ’s an dìon.

Coltach ri bliadhnaichean eile, tha sinn an dòchas gum bi prògram loma-làn thachartasan aig fèis 2026, agus tha fàilte bhlàth ro dhaoine fa leth, buidhnean coimhearsnachd ’s gnìomhachasan ionadail a thighinn an sàs le bhith a’ cur an tachartais aca fhèin air dòigh! Cuideachd tha daoine aig a bheil àite no ionad - an dà chuid a-staigh no air a’ bhlàr a-muigh - ’s a bhiodh deònach a chur gu feum mar phàirt den fhèis air am fiathachadh fios a chur thugainn.”

Thuirt Katy Malone, a chaidh gu tachartasan agus a chuir cuid eile air dòigh aig fèis na bliadhna an-uiridh: “Chaidh mi gu dà de na cuairtean ann am Barraigh an-uiridh agus bha iad le chèile mìorbhaileach agus cha tèid iad air dìochuimhne. Bha e sgoinneil a bhith ag ionnsachadh mun chultar ’s an fhiadh-bheatha bho eòlaichean a tha a’ fuireach ’s ag obair sna h-eileanan. Bha e doirbh roghnachadh dè dhèanainn ’s an leithid de dhiofar thachartasan a’ dol!”

Thuirt Holly Nash, neach-ealain a tha a’ fuireach ann an Leòdhas: “Tha mi uabhasach dèidheil air an taisbeanadh ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean oir tha e a’ comharrachadh bòidheachd ’s iongantas an nàdair sna h-eileanan mìorbhaileach againn. Tha rud sam bith a tharraingeas aire dhan àrainneachd nàdarra againn a’ faireachdainn gu math cudromach, gu sònraichte leis a’ chunnart an cois atharrachadh na gnàth-shìde ’s buaidh mic an duine air eag-shiostaman cugallach. Faodaidh sinn ar dòighean-smaoineachaidh mu fhiadh-bheatha a chnuasachadh às ùr ’s sinn a’ cruthachadh ealain a th’ air a bonntachadh ann an nàdar, agus faodaidh i brosnachadh a thoirt do choimhearsnachdan barrachd a dhèanamh gus an nàdar a dhìon. B’ e seo a’ chiad thaisbeanadh agam nam neach-ealain o chionn dà bhliadhna agus tha mi glè thaingeil airson a’ chothruim ud.”

Tha barrachd fiosrachaidh do dhaoine aig a bheil ùidh ann an cuideachadh aig Fèis na bliadhna-sa aig: https://www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk/get-involved, no faodaidh iad fios a chur gu: sharon.macpherson@bumblebeeconservation.org  

’S e meadhan-oidhche air 6 Giblean 2026 an ceann-latha airson tachartasan a chlàradh ’s ùidh a nochdadh sna taisbeanaidhean ealain.

 

Contact information

Name
Eilidh Ross
Email
eilidh.ross@nature.scot

Notes to editors

Available in English here: https://speciesontheedge.co.uk/the-outer-hebrides-wildlife-festival-is-back-for-2026-heres-how-you-can-get-involved/ 

​’S e fèis coimhearsnachd bhliadhnail a th’ ann am Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean fo stiùir Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra mar phàirt de Ghnèithean air an Oir.

Tha iomadh com-pàirtiche an sàs ann am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir is ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba.

Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas. Tha am prògram a’ dol ann an seachd sgìrean ann an Alba: Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-Staigh; Innse Gall; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; An Costa an Ear; Linne Shalmhaigh.

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

Downloads

Making sand whales at the event, 'Keening: Song of the Stranding' - Outer Hebrides Wildlife Festival 2025 / A’ dèanamh mhucan-mara le gainmheach aig tachartas 'Keening: Song of the Stranding' – Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2025 (c) Phil Hall: Making sand whales at the event, 'Keening: Song of the Stranding' - Outer Hebrides Wildlife Festival 2025 / A’ dèanamh mhucan-mara le gainmheach aig tachartas 'Keening: Song of the Stranding' – Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2025 (c) Phil Hall

Making sand whales at the event, 'Keening: Song of the Stranding' - Outer Hebrides Wildlife Festival 2025 / A’ dèanamh mhucan-mara le gainmheach aig tachartas 'Keening: Song of the Stranding' – Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2025 (c) Phil Hall

View | Download

Golden Eagle / Iolaire-bhuidhe (c) Rob Howard Photography

Golden Eagle / Iolaire-bhuidhe (c) Rob Howard Photography

View | Download

Eyebright by Holly Nash: Eyebright by Holly Nash

Eyebright by Holly Nash

View | Download

Shorewatch (c) HWDT

Shorewatch (c) HWDT

View | Download

Whale / Muc-mhara (c) HWDT

Whale / Muc-mhara (c) HWDT

View | Download

BeeWalk, Northton (c) Bumblebee Conservation Trust: BeeWalk, Northton (c) Bumblebee Conservation Trust

BeeWalk, Northton (c) Bumblebee Conservation Trust

View | Download