11 October, 2018
Taisbeanadh sònraichte ann an Dùn Omhain a' dèanamh luaidh air Chluaidh
Taisbeanadh sònraichte de choimisean ùr leis an t-seinneadair, neach-ciùil, is chraoladair chliùiteach, Màiri Anna NicUalraig, a' tighinn a Dhùn Omhain. Bidh clann-sgoile na sgìre rim faicinn ann cuideachd.
Chaidh an coimisean, ‘Cluaidh - Ùrachadh na h-Aibhne’, a chur an sàs le Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) agus leis A' Chomunn Ghàidhealach, airson luaidh a dhèanamh air beairteas nàdarra is cultarail Linne Chluaidh. Tha gall-uinnseann Arainn, mucan-mara, na caman-glasa a bhios a' geamhrachadh air na fidean mu chladaichean Chluaidh agus ùrnaigh na feamad uile a' nochdadh anns a' phrògram mheasgaichte seo de cheòl is òrain Ghàidhlig.
Bidh Màiri Anna, a choisinn dà Bhonn Òir aig Mòdan Nàiseanta, ann an cuideachd an luchd-ciùil Finlay Wells, Lorne MacDhùghaill agus Nick Turner air an oidhche shònraichte cheòlmhor seo, cuide ri clann às na bun-sgoiltean Gàidhlig air gach taobh na h-aibhne.
Thuirt Màiri Anna, “Tha an coimisean seo uabhasach cudromach dhomh fhìn mar bhana-Ghàidheal a thogadh an cois Abhainn Chluaidh, agus gam thoirt bho m' òige sa bhaile mhòr a-nuas do na cèithean far an robh mo luchd-dàimh nan sgiobairean sa 'Chabhlach Sgitheanach', agus a-mach don chuan mhòr a tha na chuspair ann an iomadh òran Gàidhlig. Chan urrainn dhomh smaoineachadh air dòigh nas fheàrr air luaidh a dhèanamh air ath-bheothachadh na h-aibhne agus cuideachd a bhith a' comharrachadh 30 bliadhna bhon a choisinn mi fhèin am Bonn Òir!”
Thuirt Seumas Greumach bhon Chomunn Ghàidhealach, “Tha An Comunn Gàidhealach fìor thoilichte a bhith a' co-obrachadh le Dualchas Nàdair na h-Alba a-rithist air tachartas sònraichte eile aig a' Mhòd. Tha tachartas na bliadhna-sa stèidhichte air ceòl Abhainn agus Linne Chluaidh agus bidh ùidh mhòr aig daoine às an sgìre fhèin cho math ri muinntir a' Mhòid. Tha sinn cinnteach, agus Màiri Anna NicUalraig aig an stiùir, gur e cuirm air leth a bhios ann am measg nan tachartasan eile tro sheachdain a' Mhòid.”
Thuirt Aonghas Caimbeul, Leas-chathraiche SNH, “Tha e na thlachd dhuinn a bhith ag obair cuide ri Màiri Anna NicUalraig agus ris A' Chomunn Ghàidhealach air a' chuirm inntinnich seo a tha a' taisbeanadh ceòl Abhainn Chluaidh.
“Bidh muir is tìr is cladach a' sìor-ghluasad fad an t-siubhail, agus tha an obair chiùil shònraichte seo a' comharrachadh atharrachaidhean, nàdair is coimhearsnachdan na h-aibhne. Tha fadachd oirnn a bhith an làthair nuair a bhios Màiri Anna a' dèanamh luaidh air an àite bheò, bheòthail seo a tha na dhachaigh don dà chuid daoine agus nàdar.”
Bidh a' chuirm a' tachairt ann an Talla a' Bhaile, Dùn Omhain, 16 An Dàmhair, 8.00 feasgar. Ticeadan rim faighinn bho Thalla a' Bhaile https://www.dunoonburghhall.org.uk/on/event/68038-clyde/
'S e seo an treas turas a tha Dualchas Nàdair na h-Alba air co-obrachadh leis A' Chomunn Ghàidhealach airson ceòl bonntaichte air nàdar a thaisbeanadh aig Iomall a' Mhòid. Ann an 'Nàdar' an-uiridh, rinn an seinneadair is buannaiche Buinn Òir, Raonaid Walker moladh air nàdar agus na ràithean tro òrain Ghàidhlig. Agus ann an 2015, bha fèill mhòr air a' choimisean 'Mìorbhail nam Beann' le Iain MacPhàrlain a rinn luaidh air bàrdachd nàdair Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir ann an talla loma-làn.
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

