18 March, 2021
Spèis nan Gàidheal air nàdar ga taisbeanadh ann an aithisg ùr
Tha ainmean is beul-aithris nan Gàidheal a’ sealltainn dhuinn gu dè cho cudromach ’s a bha nàdar, agus na buannachdan na chois, do na Gàidheil, a rèir aithisg ùr a dh’fhoillsich NatureScot an-diugh.
Tha an glasadh-sluaigh agus cùis èiginn na gnàth-shìde air toirt air mòran beachd eile a ghabhail air nàdar agus barrachd meas a thoirt dha, agus, a rèir na h-aithisg, tha na Gàidheil air spèis a thoirt dha nàdar bho linntean tràth na h-Alba.
Rinn an sgrìobhadair is neach-aithris Gàidhlig, Ruairidh MacIlleathain sgrùdadh air ainmean Gàidhlig sa chruth-tìre, beul-aithris, sgeulachdan, bàrdachd is òrain airson an aithisg a thoirt gu buil. Lorg e an t-uabhas fianais air na dòighean a bha an saoghal nàdarra cudromach is luachmhor, mar eisimpleir, adhar glan, ùir thorrach is fiodh, cho math ri buannachdan spòrs is spioradail. A rèir rannsachadh MhicIlleathain, bha nàdar riatanach do na daoine a bu thràithe agus na ginealaichean a lean iad a bha a’ fuireach is a’ tighinn beò ann an Alba.
Thuirt Ruairidh MacIlleathain: “Tha an rannsachadh agam a’ sealltainn gun robh nàdar fìor chudromach anns a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal ann an Alba a-riamh. Bha na sinnsearan againn glè eòlach air cho cudromach ’s a bha na buannachdan an cois nàdair agus sinn fhìn san latha an-diugh ag ionnsachadh às ùr gu dè cho cudromach ’s a tha e nar beatha làitheil – mar a chì sinn anns na h-ainmean is sgeulachdan Gàidhlig a mhair anns an t-saoghal mu thimcheall oirnn.
“Bha na Gàidheil eòlach air a’ cheangal eadarainn uile agus an saoghal nàdarra agus gu bheil beatha dhaoine an crochadh air nàdar – agus tha sin cho fìor san latha an-diugh is a bha an uair ud.”
Thuirt Comhairliche Eag-shiostaman is Cleachdadh Talmhainn aig NatureScot, Phil Baarda:
“Tha sinn uile dlùth-cheangailte ri nàdar agus na bheir e dhuinn. Is dòcha nach tuig sinn sin san latha a th’ ann ach thuig ar sinnsearan. Bha bun-eòlas fìor inntinneach an cois a’ phròiseict seo air mar a b’ urrainn dhuinn spèis a thoirt dha nàdar is sinn ag ionnsachadh mu na thug air na daoine a bh’ ann romhainn spèis a thoirt dha.”
Chaidh na ceudan a dh’ainmean co-cheangailte ri seirbheisean eag-shiostaim a lorg an cois rannsachadh na h-aithisg, a leithid biadh, fiodh, cungaidh-leighis, connadh is freumhag. Mar eisimpleir, bhiodh e glè choltach gum biodh iasg am pailteas ann an loch air a bheil ainm sa bheil am facal iasgach – mar eisimpleir, Loch an Iasgaich anns an Eilean Sgitheanach.
Mar a bhiodh dùil, tha iomadh ainm-àite ann co-cheangailte ri coilltean is craobhan, a tha ag innse dhuinn mun luach a chuir daoine orra o chionn fhada. ’S e as ciall don ainm Ceann a’ Ghiuthsaich ach ‘ceann na coille giuthais’ agus ’s ann an seo a bha giùthsach mòr a shìn a-mach gu tuath bhon àite.
Chithear iomradh gu tric air ainmean co-cheangailte ri tobar is fuaran is tiobar no tiobairt. ’S ann an Diùra a tha Port an Tiobairt – far an tigeadh maraichean gu tìr airson uisge fhaighinn. Bha cuid a thobraichean is fuarain ainmeil is thigeadh daoine thuca gu bitheanta airson buadhan leighis an uisge.
Chithear ainmean lusan is luibhean ann an iomadh ainm-àite, a leithid Abhainn Lusa san Eilean Sgitheanach agus Allt nan Luibhean ann an Loch Abar is Lòn Biolaireach ann am Muile.
Faodar an aithisg a leughadh aig https://www.nature.scot/naturescot-research-report-1230-ecosystem-services-and-gaelic-scoping-exercise
CRÌOCH
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

