Skip to main content

22 May, 2025

Seo dhut prògram Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2025 – safaraidhean snorcalaidh is surfaidh, cuairtean fiadh-bheatha, bùthan-obrach cruthachail is mòran a bharrachd!

Seo dhut prògram Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2025 – safaraidhean snorcalaidh is surfaidh, cuairtean fiadh-bheatha, bùthan-obrach cruthachail is mòran a bharrachd!: (c) HWDT-2

Bidh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean air ais as t-samhradh, le prògram a tha loma-làn de thachartasan coimhearsnachd eadar Leòdhas is Barraigh, a’ comharradh fiadh-bheatha, tìr is dualchas cultarach sònraichte nan Eilean Siar. 

Tha prògram na bliadhna-sa againn a-nis is tha raon farsaing de thachartasan an-asgaidh ’s air airgead ann mar chuairtean le treòir, an dà chuid sa Bheurla agus sa Ghàidhlig, an tòir dhòbhran, iolairean, sheilleanan-mòra is mòran a bharrachd; tursan bàta an tòir mhucan-mara is leumadairean; bùthan-obrach mu ghleusan a bheir aghaidh air atharrachadh na gnàth-shìde; safaraidhean surfaidh, snorcalaidh is SUP; taisbeanaidhean ealain; seisean blasadh sine; caidheagadh mara; claiseachd; bùthan-obrach cruthachail; is tachartas ealain phoblach air an Tràigh Mhòr ann an Tolastadh bho Thuath, a’ cuimhneachadh tràigheadh mòr nam mucan-mara ceannmhor ann an 2023. 

Bidh prìomh sheachdain na Fèise eadar an 21mh is an 29mh dhen Ògmhios ach cumaidh Iomall na Fèise a’ dol suas gu deireadh an Iuchair.   

Leis gum bi tachartasan a’ dol ann an Leòdhas, sna Hearadh, ann an Uibhist is Barraigh agus cuid a dh’eileanan eile mun cuairt orra, bheir an fhèis seo fìor dheagh chothrom do mhuinntir an àite is luchd-tadhail bith-iomadachd nan Eilean Siar a rùrachadh air dòigh a bhios spòrsail, fosgailte dhan a h-uile duine agus freumhaichte san àite fhèin.  

’S e am buidheann glèidhteachais Gnèithean air an Oir a tha ga cur air dòigh, còmhla ri buidhnean coimhearsnachd, ionadan ionadail is carthannasan glèidhteachais. Tha an Fhèis airson an ceangal eadarainn a neartachadh – eadar daoine, a’ mhuir is an tìre agus an fhiadh-bheatha a tha a’ fuireach còmhla rinn sna h-eileanan.  

Thuirt Màiri, Co-òrdanaiche na Fèise: “Tha sinn airson taic a chumail ri coimhearsnachdan ach an urrainn dhaibh na h-iomairtean aca fhèin a thoirt am bith a bheir cothrom do dhaoine tlachd a ghabhail san àrainneachd còmhla. Eadar seann dòighean glèidheadh na machrach aig cridhe coimhearsnachdan ionadail is cur lusan a bhios math do phoileanadairean, ’s e ceanglaichean a th’ aig cridhe Fèis na Fiadh-bheatha – eadrainn fhìn agus an nàdar do-chreidsinneach a tha mun cuairt oirnn.” 

Thuirt Shona NicIllfhialain o RSPB Alba: “Tha an RSPB glè thoilichte sreath de chuairtean coiseachd an-asgaidh a chur air dòigh mar phàirt de dh’Fhèis Fiadh-bheatha nan Eilean a-rithist am-bliadhna. ’S e cothrom air leth a th’ ann airson aire a tharraing dhan fhiadh-bheatha air leth a th’ againn sna h-eileanan agus cothrom dhan luchd-obrach againn sealltainn dè an obair an nì an RSPB is mar a chuidicheas sin nàdar sna h-eileanan. Eadar Barraigh is Leòdhas, tha sinn an dòchas gum faic sinn dè cho pailt ’s a tha an fhiadh-bheatha againn eadar iolairean, dòbhrain, eòin-ghrunnachaidh is fiù an traon ma dh’fhaoidte.”  

Faic am prògram slàn air làrach-lìn Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean: www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk  

 

Dè tha dol?  

Cuairtean Coiseachd Nàdair & Tursan Fiadh-bheatha  

Cuairtean treòraichte leis an RSPB, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Urras Mucan-mara & Leumadairean nan Eilean, Urras Ceann a Tuath na Hearadh is mòran a bharrachd. Tadhail air a’ mhachair, air a’ mhòinteach is air a’ chladach còmhla ris na treòirean ionadail againn an tòir bheathaichean mar thraoin, gobhachain-dhearga, clamhanan-fraoich, iolairean, dòbhrain, ròin, leumadairean, mucan-mara is mòran a bharrachd.  

  

Cèilidhean mara  

Turas mara an tòir mhucan-mara ’s leumadairean le Immerse Hebrides: dàna-thuras ann an RIB à Steòrnabhagh, a’ sireadh leumadairean-mara, mucan-mionc, ròin, eòin-mhara is mòran a bharrachd.  

A’ dian-amharc air slighean nam mucan-mara: Thig còmhla ri Urras Mucan-mara is Leumadairean nan Eilean aig Hùisinis, Ceann an Tiùmpain, aig a’ Ghallan Ùigeach agus air bòrd MV Loch Seaforth a dhèanamh suirbhidh fiadh-bheatha na mara agus trèanadh ann an saidheans nan saoranach.  

   

Dàna-thursan is Spòrs Uisge  

A’ snorcaladh le Wild Harris: Cuir eòlas, fo stiùir Daryll a tha na stiùiriche snorcalaidh teisteanaichte, saor-dhaibhear is bith-eòlaiche mara, air an t-saoghal fon mhuir a tha loma-làn de chreutairean annasach, a’ gabhail a-staigh leòbagan, crosgagan-tràghad, easgannan-gainmhich, crùbagan, muir-tèachdan agus lìrean is feamainn ann an iomadh dath air an dàrna slighe snorcalaidh ann an Alba, an seo fhèin aig Ceann a Tuath na Hearadh.  

Surfadh, caidheagadh mara is SUP: Dèan air an uisge le SurfLewis a chuireas air chois sreath de dhàna-thursan mara. ’S e measgachadh air leth a tha sna seiseanan seo, fo stiùir bith-eòlaiche mara is eun-eòlaiche, eadar spòrs uisge agus coimhead air fiadh-bheatha, a’ dèanamh ceangal ri nàdar iongantach nan eilean an seo ann an Leòdhas agus sna Hearadh.  

Claiseadh, caidheagadh is sreapadaireachd cladaich: Falbh air dàna-thursan le Ionad Sgaladail is cuir eòlas air tìr is muir fiadhaich na Hearadh.  

  

Gàidhlig & Ceanglaichean Cultarach  

Cuairtean coiseachd dà-chànanach nan eun leis an RSPB: cuir eòlas air ainmean is beul-aithris eòin na sgìre.  

  

Làmhan Cruthachail   

Bùthan-obrach saidhean-chlò, sgrìobhaidh chruthachail is togail dhealbhan: Rùraich is tog dealbhan de dh’fhiadh-bheatha mhìorbhaileach nan Eilean Siar le Emilie o Nature air cuairt coiseachd a bhios math do theaghlaichean, ann am bùthan-obrach togail dhealbhan ioma-mhothachail do dhaoine aig a bheil feum air taic shònraichte, saidhean-chlò is sgrìobhaidh chruthachail.  

Eòin Bharraigh le Katy NicMhaolEòin: Tiugainn gu bùth-obrach spòrsail le tè-chiùird Katy NicMhaolEòin is cruthaich eòin Bharraigh thu fhèin de chriadh-phàipeir is thoir leat dhachaigh iad.  

Bùthan-obrach ealain eun-mara: cuir eòlas air mìorbhailean nàdair ann am bùth-obrach obair-ealain eun-mara ann an ionadan coimhearsnachd air feadh Leòdhais is na Hearadh.  

  

Tachartasan Sònraichte & Òraidean  

Caoineadh: Òran an tràighidh: cuimhneachan drùidhteach na coimhearsnachd air an Tràigh Mhòr ann an Leòdhas, mar urram dhan 55 muc-mhara cheannmhor a chaill am beatha ann an 2023, a’ cur còmhla ìomhaighean gainmhich, ceòl is innse sgeulachdan.  

Ann an sruth nam mucan-mara: thig gu bùth-obrach cruthachail còmhla ris an fhear-ealain Sam Gare ann an Uibhist, sna Hearadh is Steòrnabhagh, a’ peantadh dealbhan de mhucan-mara aig fìor mheud, a’ bruidhinn mu mhucan-mara a chunnacas, ag innse sgeulachdan is a’ dèanamh co-chnuasachadh air ar ceanglaichean ris a’ mhuir is beatha na mara.  

A’ toirt eòlas air eag-shiostam nach fhaighear ach ann an Alba: lòintean nan Eilean Siar: thig gu òraid glè inntinneach air loidhne le Com-pàirteachas nan Lèanan mu na lusan ainneamh againn is a’ bhuaidh a th’ aig uisge, beathachadh is cleachdadh tradaiseanta an fhearainn orra. Cluinnidh tu mun obair ùr a thathar a’ dèanamh airson a’ bhith-àrainn chudromach seo a ghlèidheadh.  

Bùth-obrach air fuasglaidhean stèidhichte air nàdar: thig gu bùth-obrach le Gnàth-shìde Innse Gall is faic an co-cheangal domhain a th’ eadar a’ ghnàth-shìde is nàdar sna h-Eileanan Siar agus a’ bhuaidh mhòr a dh’fhaodadh a bhith aig fuasglaidhean stèidhichte air nàdar ann a bhith a’ cur aghaidh air èiginn na gnàth-shìde.  

Cofaidh le Cogais: dèan air Skyedancer Coffee Roastery & Art Café airson còmhradh seachdaineil mu obair ghlèidhteachais ’s cothrom srùbag a ghabhail. Fàs nas eòlaiche air èic-eòlas, giùlan is dùbhlain glèidhteachas a’ chlamhain-fhraoich mhòralaich is dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig a’ chofaidh a thaghas tu air fiadh-bheatha is eag-shiostaman.  

G&T nan seillean-mòr: Tadhail air Taigh-staile Uibhist a Tuath is Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra airson blasadh sine sònraichte. Cuir eòlas air an obair chudromach a nì na seilleanan-mòra ’s iad a’ poileanachadh nan lusan a chuirear san t-sine agus mar a chuidicheas tu fhèin seilleanan-mòra sna h-eileanan.   

 

Taisbeanaidhean Ealain  

Taisbeanadh Ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean Siar: Dèan air for-thalla cafaidh an Lanntair is gabh tlachd ann an obair an luchd-ealain ionadail, air am brosnachadh le nàdar.

Contact information

Name
Eilidh Ross
Email
eilidh.ross@nature.scot

Notes to editors

Available in English: https://speciesontheedge.co.uk/the-outer-hebrides-wildlife-festival-2025-programme-is-here-surf-and-snorkel-safaris-boat-trips-wildlife-walks-creative-workshops-and-more/

Tha iomadh com-pàirtiche an sàs ann am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir is ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba.

Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas. Tha am prògram a’ dol ann an seachd sgìrean ann an Alba: Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-Staigh; Innse Gall; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; An Costa an Ear; Linne Shalmhaigh.

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

Downloads

(c) HWDT-2: (c) HWDT-2

(c) HWDT-2

View | Download

Snorkelling with ©Wild Harris: Snorkelling with ©Wild Harris

Snorkelling with ©Wild Harris

View | Download

(c) HWDT: (c) HWDT

(c) HWDT

View | Download

Golde Eagle c Rob Howard Photography: Golde Eagle c Rob Howard Photography

Golde Eagle c Rob Howard Photography

View | Download

Corncrake 2 - South Uist - Lorne Gill NatureScot - Copy: Corncrake 2 - South Uist - Lorne Gill NatureScot - Copy

Corncrake 2 - South Uist - Lorne Gill NatureScot - Copy

View | Download

Dolphins - Lorne Gill NatureScot-2: Dolphins - Lorne Gill NatureScot-2

Dolphins - Lorne Gill NatureScot-2

View | Download

RSPB event - OHWF 2025 (c) Eilidh Ross: RSPB event - OHWF 2025 (c) Eilidh Ross

RSPB event - OHWF 2025 (c) Eilidh Ross

View | Download

Bumblebee Safari (c) Bumblebee Conservation Trust: Bumblebee Safari (c) Bumblebee Conservation Trust

Bumblebee Safari (c) Bumblebee Conservation Trust

View | Download

OHWF Surf Safari, SurfLewis 1 (c) Eilidh Ross: OHWF Surf Safari, SurfLewis 1 (c) Eilidh Ross

OHWF Surf Safari, SurfLewis 1 (c) Eilidh Ross

View | Download