Skip to main content

03 June, 2023

Prògram glèidhteachais ùr a bhios a’ toirt aghaidh air crìonadh ghnèithean cugallach air costa na h-Alba ga chur air bhog an-diugh

Prògram glèidhteachais ùr a bhios a’ toirt aghaidh air crìonadh ghnèithean cugallach air costa na h-Alba ga chur air bhog an-diugh: North Brown Argus Butterfly - credit Jim Asher

Brath-naidheachd aig com-pàirteachas Ghnèithean air an Oir

Tha ochd prìomh bhuidhnean glèidhteachais a’ cur air bhog prògram glèidhteachais ùr-ghnàthach, Gnèithean air an Oir, airson stad a chur air crìonadh iomadh gnè a tha ann an stait chugallach air costa na h-Alba.

Tha Gnèithean air an Oir na phròiseact com-pàirteachais ùr, dàna anns a bheil NàdarAlba is seachd carthannasan glèidhteachas nàdair an sas, agus tha iad uile a’ cur romhpa 37 prìomh ghnèithean air costa is eileanan na h-Alba a thoirt am feabhas. Chomharraich am prògram an tachartas cur-air-bhog oifigeil aige air an 3mh Ògmhios le cuirm a bha saor an-asgaidh is fosgailte dhan a h-uile duine aig Cuaraidh Lògaidh faisg air Baile Dhubhthaich. ’S e Glèidhteachas nan Dealan-dè, a tha air cheann Ghnèithean air an Oir air a’ Chosta an Ear, a chuir an tachartas air dòigh air Oighreachd Bhaile a’ Ghobhainn.

Cosgaidh am prògram gu lèir còrr is £6.5 millean, le maoineachadh luach £4m a’ tighinn o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta. Bidh Gnèithean air an Oir a’ lìbhrigeadh prògram-obrach a mhaireas ceithir bliadhna gu leth airson buaidh atharrachaidhean àrainneachdail air fiadh-bheatha a lùghdachadh, le buannachdan ann an dà chuid do nàdar is do dhaoine. Bidh na h-ochd buidhnean a’ toirt an t-sàr eòlais aca còmhla airson a dhol am bad crìonadh ghnèithean air feadh seachd sgìrean de dh’Alba: na h-Eileanan Siar; na h-Eileanan A-Staigh, Earra-Ghàidheal is Loch Abar; An Costa an Ear;  An Costa a Tuath; Costa Shalmhaigh; agus Sealtainn.

Tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachais nan Ialtag, Buglife, Urras Glèidhteachais nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-Dè, NàdarAlba, Plantlife agus RSPB na h-Alba.

Tha costa is eileanan na h-Alba am measg na feadhainn as measgaichte a thaobh bith-iomadachd san RA. ’S e tèarmann deireannach a th’ annta do chuid de na gnèithean as àlainne is as annasaiche, ach cuideachd as cugallaiche, a th’ againn. Tha mòran dhiubh a’ crìonadh agus tha cuid an impis a dhol à bith.

Ann an aithris State of Nature Scotland 2019 bha crìonadh de 49% ann an gnèithean na h-Alba o 1970, le 91 gnèithean ann am fìor chunnart. Tha call àrainnean, atharrachadh na gnàth-shìde, truailleadh, gnèithean neo-dhùthchasach, galaran, agus atharrachaidhean ann an cleachdadh na talmhainn nam prìomh adhbharan air cùl a’ chrìonaidh.

Ged a tha cur-seachad dhaoine fhèin air cur ris an ìre de chrìonadh ann am bith-iomadachd, tha daoine aig teis-meadhan an tionndaidh na aghaidh cuideachd. Ann an co-obrachadh ri coimhearsnachdan ionadail, bidh Gnèithean air an Oir ag amas air:

  • gnèithean a lorgar air costa is eileanan na h-Alba a dhìon is a thoirt am feabhas airson na ama ri teachd
  • lìonra-taice a stèidheachadh eadar coimhearsnachdan airson bith-iomadachd chugallach a dhìon
  • dòighean-obrach com-pàirteachail a neartachadh ann an obair ghlèidhteachais ann an Alba
  • aire a thogail dha cho cudromach is a tha bith-iomadachd do dh’Alba.

Am measg obair a’ phròiseict bidh suirbhidheadh is sgrùdadh ghnèithean, cruthachadh is leigheas àrainnean, tachartasan foghlaim is ionnsachaidh, comhairle do mhanaidsearan fearainn, cothroman air obair saor-thoileach, trèanadh, greisean-obrach is eile.

Tha muir-thìrich, eòin, ialtagan, lusan, dealanan-dè, seilleanan mòra is grunn neo-dhruim-altachain eile am measg nam prìomh ghnèithean aig Gnèithean air an Oir. Bidh an tachartas cur-air-bhog gu sònraichte a’ coimhead air a’ ghorman bheag – tè de na prìomh ghnèithean air a’ Chosta an Ear a bhios a’ sìolachadh aig Cuaraidh Lògaidh. 

Thuirt Nick Halfhide, Stiùiriche Nàdair is Atharrachadh na Gnàth-shìde aig NàdarAlba: “Tha e sgoinneil gu bheil Gnèithean air an Oir ga chur air bhog. ’S e sàr eisimpleir a th’ ann de na ghabhas a dhèanamh tro obair chom-pàirteachais agus, le cùis-èiginn bith-iomadachd oirnn, cuidichidh seo sinn leis an oidhirp as motha a dhèanamh is gnèithean cugallach air costa is eileanan na h-Alba a dhìon airson an ama ri teachd.”

Thuirt Caroline Clark, Stiùiriche na h-Alba aig Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta “Tha costa na h-Alba iongantach, sgurrach, fiadhaich is àlainn. Aig a’ cheart àm tha e na tèarmann do dh’eag-eòlas brisg, dualchas nàdarra a bu chòir dhuinn a dhìon.”

“Tha mi air mo dhòigh gu bheil Cluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta ga chur an coimeas dhuinn obair Ghnèithean air an Oir a mhaoineachadh do choimhearsnachdan costa is eileanan na h-Alba airson cuid de na gnèithean as cugallaiche againn a dhìon is a leigheas.”

Tha Glèidhteachas nan Dealan-dè air a bhith ag obair còmhla ri Oighreachd Bhaile a’ Ghobhainn aig Cuaraidh Lògaidh airson taic a chumail ri gnèithean cugallach a ghabhas a lorg am measg nan iomadh àrainn aige: fraoch, coilltean, lochanan, lodan ràitheil, is gainmheach. Chailleadh an gorman beag, an dealan-dè as lugha san RA, bhon làraich mur am b’ e an obair a rinneadh airson àrainn nan dealan-dè a thoirt am feabhas. Leanaidh an tuilleadh obrach aig a’ chuaraidh mar phàirt de Ghnèithean air an Oir agus gheibh saor-thoilich trèanadh airson bith-iomadachd na sgìre a shuirbhidheadh is sgrùdadh.

Thuirt Callum Paterson, factar Bhaile a’ Ghobhainn “Tha sinn air an dòigh an tachartas seo a chumail an-diugh. Tha e na thogail-cridhe a dh’fhaicinn mar a tha bith-iomadachd ga toirt am feabhas air an làraich mar thoradh air obair Glèidhteachas nan Dealan-dè agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri cumail oirnn ag obair ann an com-pàirteachas tro Ghnèithean air an Oir.”

Thuirt Tracy Munro, Oifigear Pròiseict Ghnèithean air an oir le Glèidhteachas nan Dealan-dè “Tha sinn uabhasach toilichte am pròiseact cudromach seo a chur air bhog gu poblach aig Cuaraidh Lògaidh far a bheil Oighreachd Bhaile a’ Ghobhainn ag obair còmhla rinn airson àrainnean a dhìon dhan Ghorman Bheag is Leumadair-lachdann a tha fo chunnart. Bidh deagh bhuaidh aig a’ phròiseact seo air iomadh gnè ann an Alba agus tha sinn moiteil is air bhioran tòiseachadh air còmhla ri buidhnean com-pàirteachais is saor-thoilich.”

FOR MEDIA QUERIES TODAY (SATURDAY), please contact Eidilh Ross on 07954144375.

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

Downloads

North Brown Argus Butterfly - credit Jim Asher: North Brown Argus Butterfly - credit Jim Asher

North Brown Argus Butterfly - credit Jim Asher

View | Download

Machair -credit RSPB- J Silvey: Machair -credit RSPB- J Silvey

Machair -credit RSPB- J Silvey

View | Download