Skip to main content

01 September, 2026

Òigridh air am brosnachadh teicneòlas a chur gu feum do mhath nàdair

Òigridh air am brosnachadh teicneòlas a chur gu feum do mhath nàdair: The Nature Discovery Map Scotland

Tha sgoilearan òga na dùthcha, a tha mar as trice gu math cofhurtail le teicneòlas ’s fiosrachadh didseatach, air am brosnachadh ionnsachadh mu nàdar san teirm-sgoile ùir seo, le taing do Mhapa Rùrachadh Nàdar na h-Alba.

Tha teirm-sgoile ùr do Mhapa Rùrachadh Nàdar na h-Alba ga chur air bhog le fiolm ùr a tha a’ comharrachadh na rinn tidsearan ’s sgoilearan aig Àrd-sgoil Braes san Eaglais Bhric, sreath leasanan furasta ’s saor an-asgaidh, agus òraidean air loidhne do thidsearan, a sheallas mar a ghabhas ionnsachadh nàdair a thoirt a-steach do dh’iomadh cuspair eile, bho mhatamataig ’s litreachas gu sunnd faireachail ’s biadh. 

Tha an sreath de ghoireasan didseatach stèdhichte air mapaichean, agus chaidh a leasachadh le NàdarAlba às leth Riaghaltas na h-Alba airson taic a chur ri Targaid 2030 aig an riaghaltas, lèirsinn a bhrosnaicheas iomairt atharrachaidh a leigeas le gach àite foghlaim 3-18 a bhith na shuidheachadh do dh’ionnsachadh seasmhach. Tha na goireasan a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh òga na h-Alba le STEM, litreachas didseatach, agus ionnsachadh tar-churraicealach. Tha iad cuideachd ag adhartachadh ionnsachadh air atharrachadh na gnàth-shìde, ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh agus leasachaidhean san raon-chluiche a nì deagh dhiofar do nàdar.

Tha cothrom aig òigridh air apps spòrsail ’s sìmplidh airson fiosrachadh ionadail a chlàradh mu dhiofar bhith-àrainnean ’s feartan so-sheasmhachd, leithid preasan, craobhan, feur fada, bogsaichean-eun, pannalan-grèine agus bionaichean compost. Gabhaidh am fiosrachadh seo a thaisbeanadh air dashboard eadar-gnìomhach agus comas a dhèanamh ri sgoiltean eile, a’ brosnachadh chòmhraidhean ’s gnìomhan aig ìre ionadail ’s nàiseanta.

Am measg nan ùghdarrasan ionadail ann an Alba a tha mar-thà air clàradh airson nan goireasan agus clàradh dàta air na bith-àrainnean san raon-chluiche aca tha:

  • Earra-Ghàidheal is Bòd
  • Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh
  • Siorrachd Rinn Friù an Ear
  • An Eaglais Bhreac
  • A’ Ghàidhealtachd
  • Inbhir Chluaidh
  • Moireibh
  • Siorrachd Àir a Tuath
  • Arcaibh

Thuirt Dr Wilson-McCaw, a tha na thidsear aig Àrd-sgoil Braes: “Bha sinn a’ sireadh dòigh ceanglaichean matha ri nàdar a chruthachadh, agus dh’obraich sinn còmhla ri Comhairle na h-Eaglaise Brice airson am Mapa Rùrachadh Nàdair a chur air an iPad againn. Cha tug e fada a dhèanamh, agus aon uair ’s a bha e air a stèidheachadh, bha e a’ dol againn sa chlas an ceann 10-15 mionaidean.

“Bha cothrom aig a’ chlas gu lèir an app a chleachdadh, agus bha an òigridh air an dòigh gun robh comas aca dealbhan a thogail den phàirt seo den t-saoghal aca. ’S e goireas air leth a th’ anns an app dha tidsearan nach eil ro mhisneachail a thaobh STEM agus tha e a’ toirt air an òigridh smaointinn air an t-saoghal mun cuairt orra ann an dòigh eadar-dhealaichte.”

Thuirt Sharon Choineagan, Manaidsear Cheanglaichean Ri Nàdar aig NàdarAlba: “Tha sinn fìor thoilichte leis na dòighean cruthachail ’s dealasach anns a bheil Mapa Rùrachadh Nàdar na h-Alba ga chleachdadh thuige seo. Le cothrom air air feadh na dùthcha a-nis, thèid ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh a bhrosnachadh agus leis a sin thèid na buannachdan a thig an cois ceanglaichean ri nàdar am meud, agus gabhaidh sgilean ùra ionnsachadh a chuireas ri soirbheas ar n-òigridh ’s math nàdair.

“Cho math ri bhith a’ cur nan raointean-cluiche ’s àiteachan uaine ionadail gu feum nas trice agus ann am barrachd phàirtean den churraicealam, tha sinn cuideachd airson sgoiltean fhaicinn a’ toirt nan àiteachan seo am feabhas do dhaoine ’s nàdar. ’S iomadh dòigh a ghabhas sgoiltean a dhèanamh nas fheàrr do nàdar, leithid bogsaichean-eun, cur chraobhan ’s preasan, meanbh-mhiadaran ’s lòintean. Beag ’s gu bheil na nithean seo annta fhèin, tha buaidh mhòr aig leasachaidhean mar seo air eòlas ar n-òigridh a leudachadh, lìonraidhean nàdair a chruthachadh, agus aghaidh a thoirt air atharrachadh na gnàth-shìde.”

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, a’ Chultair agus na Gàidhlig, Màiri NicAilein: “Tha an òigridh mothachail gu nàdarra air cho cudromach ’s a tha e aghaidh a chur air atharrachadh na gnàth-shìde. Le bhith ga cheangal ris na cleachdaidhean làitheil aca tro theicneòlas agus ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh bidh e na phàirt bhrìoghmhor den ionnsachadh làitheil aca.

“Tha Ionnsachadh airson So-sheasamhachd, a tha an cois a’ chlàir-theagaisg ann an Alba agus a’ faighinn taic bho phlana-gnìomha “Targaid 2030” againn, a’ cuideachadh sgoilearan a dh’ionnsachadh mu chùisean mòra an t-saoghail leithid atharrachadh na gnàth-shìde, ceartas sòisealta agus còraichean. Tha an òigridh airson deagh dhiofar a dhèanamh sna sgoiltean aca agus sa choimhearsnachd mhòir. Tha am plana seo a’ sealltainn dhaibh mar a nì iad sin.

“Tha ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh aig cridhe na dòigh seo, ’s tro fhoghlam tha sinn a’ stèidheachadh bunait dhan ath-ghinealach de dh’Albannaich.”

Crìoch.

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

Notes to editors

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

Downloads

The Nature Discovery Map Scotland: The Nature Discovery Map Scotland

The Nature Discovery Map Scotland

View | Download