Skip to main content

21 April, 2016

Luchd-rannsachaidh ainmean-àite gan sireadh

Tha saor-thoilich aig a bheil ùidh ann an eachdraidh ionadail agus ainmean-àite gan sireadh airson leabhran dà-chànanach ùr, a thèid fhoillseachadh le Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH), a rannsachadh.

Tha buidheann bheag de luchd-rannsachaidh gan trusadh airson rannsachadh air ainmean-àite Cholbhasa is Orasa a ghabhail os làimh, cuspair air an coimhead an ath-leabhran anns an t-sreath chliùiteach A’ Ghàidhlig Air Aghaidh Na Tìre bho SNH. Bidh an leabhran seo na shiathamh foillseachadh anns an t-sreath a tha a’ comharrachadh dualchas nàdarrach ’s cultarach na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Thuirt Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig SNH, “Nuair a thuigeas sinn ciall nan ainmean gheibh sinn sealladh sònraichte air a’ chruth-tìre agus air na ceanglaichean eadar daoine agus an cànan. Bidh an luchd-rannsachaidh a’ coimhead air an eòlas ionadail air ainmean-àite a tha daoine às an sgìre air ionnsachadh o linn gu linn. ’S e cothrom air leth a tha seo do mhuinntir an àite a dhol an sàs ann a bhith a’ glèidheadh nan ceanglaichean sin.”

’S e com-pàirteachais a th’ anns a’ phròiseact eadar SNH, Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) agus Soillse, an lìonradh nàiseanta rannsachaidh. Gheibh luchd-rannsachaidh latha trèanaidh agus taic leantainneach bho AÀA gus am bi na sgilean ceart aca airson eòlas ionadail air ainmean-àite nan eilean ’s an dualchas ceangailte riutha a chruinneachadh.

Bhiodh e na bhuannachd nam biodh Gàidhlig reusanta fileanta aig na saor-thoilich agus bu chòir gun urrainn dhaibh 16 uairean a thìde a thoirt dhan phròiseact eadar An Cèitean ’s An t-Iuchar 2016.

Bu chòir do dhaoine le ùidh anns a’ chothrom seo fios a chur gu AÀA ro 02 An Cèitean air 01471-888120 no oifis@ainmean-àite.org.

crìoch

Contact information

Name
Dominic Shann
Job Title
Media Relations Officer
Telephone
01463 725157
Email
dominic.shann@nature.scot

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot