Skip to main content

07 March, 2025

Luchd-ealain ionadail gan sireadh airson taisbeanaidhean ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean

Luchd-ealain ionadail gan sireadh airson taisbeanaidhean ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean: A worms eye view of the machair - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Lindsay Bradley

Tha sinn a’ gairm air luchd-ealain nàdair sna h-Eileanan Siar an cuid obrach a thaisbeanadh aig Fèis Fiadh-Bheatha nan Eilean am bliadhna. 

’S e tachartas bliadhnail leis a’ choimhearsnachd a th’ ann am Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean (OHWF) a chomharraicheas fiadh-bheatha mhìorbhaileach nan Eilean Siar. Thèid a’ phrìomh fhèis a chumail eadar 21mh is 28mh dhen Ògmhios am bliadhna ach leanaidh grunn thachartasan orra tron Iuchar mar phàirt de dh’Iomall Fèis OHWF.   

Bidh dà thaisbeanadh ealain na phàirt dhen fhèis am bliadhna; aonan ann an Cafaidh an Lanntair, Steòrnabhagh, eadar 7mh is 28mh dhen Ògmhios agus fear eile ann an Cafaidh Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath eadar an 7mh dhen Ògmhios gun 26mh dhen Iuchar.

Tha fàilte ro thàirngean, peantaidhean, priontaichean is dealbhan camara a tha co-cheangailte ri nàdar, fiadh-bheatha no cuspairean àrainneachdail sna h-Eileanan Siar sna tagraidhean dhan taisbeanadh. A ghnàth, tha sinn a’ sireadh obair-ealain nach eil nas motha na A3 agus a tha deiseil ri crochadh. 

Ma tha ùidh aig cuideigin an obair-ealain aca a chur ann an taisbeanadh no san dà thaisbeanadh, tha fàilte ro thagraidhean ron 16mh dhen Chèitean tro làrach-lìn na fèise, www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk/exhibit-your-art, no le bhith a’ cur post-d gu Màiri, Co-òrdanaiche na Fèise, air mairi.carrey@bumblebeeconservation.org. Feumaidh gach tagraiche an ainm, fiosrachadh conaltraidh is an làmhrachan aca sna meadhanan sòisealta no air làraichean-lìn a thoirt seachad, dealbh dhen obair-ealain a tha iad a’ cur san tagradh, dè cho mòr ’s a tha i, dè a’ phrìs (ma bhios i ri ceannach) agus tuairisgeul goirid air a’ cheangal eadar am pìos is nàdar nan Eilean an Iar. 

Thuir Cally Yeatman, neach-ealain a tha stèidhichte sna h-Eileanan Siar is a ghabh pàirt san taisbeanadh ealain an-uiridh: “Tha an fhiadh-bheatha a tha ceithir-thimcheall oirnn sna h-Eileanan Siar gach latha aig teis-meadhan m’ obrach mar neach-ealain an-seo, eadar bàirneach is eòin-mhara ’s iolairean, feamainn is crotal nan creagan. Tha e cho math cothrom a bhith againn an àrainneachd bheartach seo a thaisbeanadh do chàch”. 

Thuirt Màiri Carrey, Co-òrdanaiche na Fèise: “Ged is e iteal nan eun-mara no nan iolairean-buidhe a th’ ann, gaoir-theas air a’ mhachair fo bhlàth, falbh is tilleadh a’ mhuir-làin, gairm nan traon no a’ bheatha fo na tuinn, tha brosnachadh gun chrìoch ann an nàdar nan Eilean Siar. Chan eil e gu diofar a bheil do chuid obrach a’ toirt sùil air blàr nan siantan, mion-sheallaidhean fiadh-bheatha nan eilean no na ceanglaichean domhain eadar daoine ’s nàdar, mholamaid dhut pàirt a ghabhail le do chuid obrach-ealain a chomharrachadh ar bith-iomadachd annasach is a’ sealltainn do chàch carson a tha ar n-eileanan cho sònraichte.”

’S e Gnèithean air an Oir a tha a’ stiùireadh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean, prògram glèidhteachais le iomadh com-pàirtiche ’s a tha ag obair le coimhearsnachdan air feadh na h-Alba airson aire dhaoine a tharraing dha na gnèithean as ainneimhe againn a tha sa chunnart as motha air cladaichean is eileanan na h-Alba agus airson ’s gum bi iad againn fhathast san àm ri teachd. Tha prògram farsaing de thachartasan is gnìomhachdan aig an fhèis air feadh nan eilean agus tha sin a’ toirt cothrom an dà chuid do mhuinntir an àite is luchd-tadhail fiadh-bheatha dho-chreidsinneach nan Eilean Siar a rùrachadh, fhaicinn is a chluinntinn, a’ chiad turas no às ùr. 

Tha iomadh rud air a bhith againn gu ruige seo, eadar siubhal le treòraiche, tursan bàta, tursan snorcalaidh is surfaidh, amharc cladaich, bùthan-obrach sgrìobhadh nàdair, trèanadh ann an suirbhidhean air mamalan-mara, bùthan-obrach Gàidhlig, taisbeanaidhean ealain, bùthan-obrach togail dhealbhan, siubhal ialtagan aig laighe na grèine is mòran eile. ’S e buidhnean is muinntir an àite a chuireas air chois gach tachartas. Ma tha thu airson tachartas a chur air chois aig fèis na bliadhna, is urrainn dhut a chlàradh a-nis air làrach-lìn na fèise: https://www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk/host-an-event

Ma tha ceist sam bith agan mun fhèis no mu na taisbeanaidhean ealain, cuir fios thugainn tro làrach-lìn na fèis no cuir post-d gu: mairi.carrey@bumblebeeconservation.org

Contact information

Name
Eilidh Ross
Email
eilidh.ross@nature.scot

Notes to editors

Available in English: https://speciesontheedge.co.uk/local-artists-sought-for-outer-hebrides-wildlife-festival-art-exhibitions

Tha iomadh com-pàirtiche an sàs ann am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir is ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba.

Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas. Tha am prògram a’ dol ann an seachd sgìrean ann an Alba: Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-Staigh; Innse Gall; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; An Costa an Ear; Linne Shalmhaigh.

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

Downloads

A worms eye view of the machair - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Lindsay Bradley: A worms eye view of the machair - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Lindsay Bradley

A worms eye view of the machair - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Lindsay Bradley

View | Download

Sea Thrift - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Holly Nash: Sea Thrift - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Holly Nash

Sea Thrift - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Holly Nash

View | Download

Birds of Prey - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Kevan Cadman: Birds of Prey - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Kevan Cadman

Birds of Prey - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Kevan Cadman

View | Download

To Bee a Busy Bee - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Debbie Cullis: To Bee a Busy Bee - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Debbie Cullis

To Bee a Busy Bee - exhibited at the OHWF 2024 art exhibition (c) Debbie Cullis

View | Download