Skip to main content

24 April, 2024

Luchd-ealain ionadail gan gairm do Thaisbeanadh Ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean

Luchd-ealain ionadail gan gairm do Thaisbeanadh Ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean: Nature Writing workshops plants - pictures used for inspiration - free-one time use, credit Vanessa Wright

Thathar a’ gabhail ri tagraidhean bho luchd-ealain a bhiodh airson cur ri Taisbeanadh Ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean am-bliadhna.

Bidh an taisbeanadh san Lanntair, Steòrnabhagh, bho 1 gu 29 Ògmhios agus bidh obair le luchd-ealain ionadail a thug brosnachadh bho nàdar is fiadh-bheatha nan Eilean Siar ri faicinn ann.

Thathar a’ toirt cuireadh do luchd-ealain a bu toil an obair aca a thaisbeanadh an cuid ùidh a nochdadh ro 15 Cèitean. Faodar foirm a lorg air làrach-lìn na fèise no post-d a chur gu Màiri, Co-òrdanaiche na Fèise: mairi.carrey@bumblebeeconservation.org. Bu choir gun leig luchd-tagraidh fios leis an fhiosrachadh chonaltraidh aca, seòladh na làraich-lìn aca, an t-ainm aca air na meadhanan sòisealta, dealbh den obair-ealain a tha iad a’ cur air adhart, ainm is meud na h-obrach, a’ phrìs a th’ oirre (ma tha i ri reic), agus beagan fiosrachaidh mun obair is a’ cheangal aice ri nàdar nan Eilean Siar.

Faodar dealbhan, peantaidhean is priontaichean co-cheangailte ri nàdar, fiadh-bheatha no gnothaichean àrainneachdail nan Eilean Siar a chur air adhart airson an taisbeanaidh. Chan fhaod an obair-ealain a bhith nas motha na A3 agus feumaidh i a bhith deiseil airson a dhol air a’ bhalla.

Tha Shona NicIllfhialain na neach-dhealbh fiadh-bheatha à Uibhist a Deas agus chaidh an obair aice a thaisbeanadh aig an fhèis an-uiridh. Thuirt i: “’S e deagh chothrom a th’ anns an taisbeanadh dha luchd-ealain is luchd-dhealbh na sgìre an obair aca a shealltainn dhan tuilleadh luchd-amhairc a tha air am brosnachadh leis an fhiadh-bheatha air leth sna h-Eileanan Siar. Tha sinn glè fhortanach fuireach sna h-eileanan seo anns a bheil diofar ghnèithean de dh’eòin-mhara, leithid buthaidean is steàrnanan, is eòin-chreachaidh cho math ri dòbhrain, ròin is fiadh-bheatha eile dha bheil na h-eileanan iomraiteach. Bidh e a’ toirt a’ bhrosnachaidh do mhòran airson obair-ealain a chruthachadh is ar n-àiteachan nàdair a ghlacadh air camara.”

Bidh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean a’ dol bho 22 – 29 Ògmhios is iomall na fèise a’ ruith rè an Iuchair. Tha i na fèis bhliadhnail a bhios air a cumail air feadh nan Eilean Siar agus bidh measgachadh de thachartasan gan ruith le coimhearsnachdan airson dualchas nàdair sònraichte nan eilean a chomharrachadh. Am measg nan tachartasan aig an fhèis sna bliadhnaichean mu dheireadh bha cuairtean treòraichte is òraidean, bùthan-obrach ealain, tursan bàta, safari an t-seillein-mhòir, bùthan-obrach air sgrìobhadh nàdair, surfadh, snorgaladh, filmichean, òraidean, cuairtean is bùthan-obrach sa Ghàidhlig, agus trèanadh air aithneachadh ghnèithean.

Tha an fhèis ga co-òrdachadh le Gnèithean air an Oir, prògram glèidhteachais anns a bheil iomadh com-pàirtiche an sàs airson eòlas is goireasan bho air feadh na roinn glèidhteachais a thoirt còmhla airson teachd-shaoghal a ghleidheadh dha na gnèithean cladaich as teirce is as cugallaiche ann an Alba. Rè ùine a’ phrògraim, bidh oifigearan pròiseict air feadh na dùthcha ag obair gu dlùth còmhla ri coimhearsnachdan ionadail airson taic is misneachd a thoirt dhaibh na ceuman freagarrach a ghabhail a chùm math na bith-iomadachd.

Thuirt Fiona Strachan, Manaidsear Prògraim dha Gnèithean air an Oir: “Tha costa is eileanan na h-Alba nan teàrmann mu dheireadh dha cuid de na gnèithean as teirce is as cugallaiche san dùthaich.

“Tha an cuid làthaireachd leantainnich air na h-oirean seo gu ìre mhòr ri linn cleachdaidhean fearainn traidiseanta, leithid croitearachd, a tha air cumail orra nas fhaide na mòran de dh’àiteachan air tìr-mòr far a bheil dian-chleachdaidhean air a dhol nan àite.”

“Tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean na cothrom na gnèithean sònraichte seo a chomharrachadh is na coimhearsnachdan a tha a’ toirt teachd-shaoghal dhaibh a thoirt còmhla. Tha sinn air ar dòigh taisbeanadh ealain fèis na bliadhna-sa a cho-òrdanachadh agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ris an fharsaingeachd de dh’obair fhaicinn a sheallas beartas na buaidh a bheir nàdar dhuinn.”

Cuideachd thathar a’ sireadh luchd-aoigheachd thachartasan. Faodaidh daoine a tha airson tachartas a chur air dòigh, no a tha airson àite a chur air adhart airson tachartas aig an fhèis, an cuid ùidh a chlàradh air làrach-lìn na fèise no fios a chur gu: mairi.carrey@bumblebeeconservation.org.

Faodar ceistean mun fhèis is an taisbeanadh ealain a chur a-steach tro làrach-lìn na fèise no gu: mairi.carrey@bumblebeeconservation.org.

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

Notes to editors

Tha iomadh com-pàirtiche an sàs ann am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir is ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba. Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas. Tha am prògram a’ dol ann an seachd sgìrean ann an Alba: Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-Staigh; Innse Gall; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; An Costa an Ear; agus Linne Shalmhaigh.

Species on the Edge is a multi-partner species conservation programme dedicated to working with communities across Scotland’s coasts and islands to help them secure a future for their local vulnerable and threatened wildlife. Funded by The National Lottery Heritage Fund, the partnership consists of Amphibian and Reptile Conservation, Bat Conservation Trust, Buglife, Bumblebee Conservation Trust, Butterfly Conservation, NatureScot, Plantlife, and RSPB Scotland. The programme is active across seven landscape-scale areas in Scotland: Argyll and the Inner Hebrides; Outer Hebrides; North Coast; Orkney; Shetland; East Coast; and the Solway Coast.

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

Downloads

Nature Writing workshops plants - pictures used for inspiration - free-one time use, credit Vanessa Wright: Nature Writing workshops plants - pictures used for inspiration - free-one time use, credit Vanessa Wright

Nature Writing workshops plants - pictures used for inspiration - free-one time use, credit Vanessa Wright

View | Download

Thrift flowering on the saltmarsh at Northton, Isle of Harris ©Lorne Gill-NatureScot: Thrift flowering on the saltmarsh at Northton, Isle of Harris ©Lorne Gill-NatureScot

Thrift flowering on the saltmarsh at Northton, Isle of Harris ©Lorne Gill-NatureScot

View | Download

Species on the Edge - Corncrake in a wetland area, South Uist. Free use, credit Lorne Gill-NatureScot: Species on the Edge - Corncrake in a wetland area, South Uist. Free use, credit Lorne Gill-NatureScot

Species on the Edge - Corncrake in a wetland area, South Uist. Free use, credit Lorne Gill-NatureScot

View | Download