04 September, 2015
Leabhran ainmean-àite Gàidhlig ga fhoillseachadh san Eilean Sgitheanach
Thèid leabhran ùr air na ceanglaichean Gàidhlig anns an dualchas chultarail is nàdarra againn fhoillseachadh aig Fèis Leabhraichean an Eilein an-diugh (Dihaoine 4 Sultain).
Tha A' Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre: Ainmean-àite an t-Srath, An t-Eilean Sgitheanach, dà-chànanach agus chaidh a cho-òrdanachadh le Dualchas Nàdarra na h-Alba agus Ainmean-Àite na h-Alba, a tha na cho-obrachadh comhairleachaidh nàiseanta air ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba.
Tha am pròiseact air taic mhaoineachaidh fhaighinn bhon lìonra rannsachaidh nàiseanta, Soillse.
Tha an leabhran a' toirt am follais dualchas cultarail is nàdarra co-cheangailte ri cuid de na h-ainmean-àite san t-Srath nach eil cho aithnichte ri ainmean eile.
Chruinnich an luchd-rannsachaidh Ruairidh Greumach agus Edit Wenelius, an dèidh taic is trèanadh le Dr Jacob King agus Eilidh Sgaimeal aig AÀA, eòlas agus sgeulachdan mu chòrr is 100 ainm-àite aig muinntir na sgìre.
Chan fhacas cuid de na h-ainmean ann an clò a-riamh roimhe.
Thuirt Robyn Ireland, a tha na co-òrdanaiche pròiseict aig Dualchas Nàdarra na h-Alba: “Tha cothrom againn an cruth-tìre a mhìneachadh ann an dòigh eile ma thèid againn air ciall nan ainmean a thuigsinn.
“Tha na h-ainmean seo a' toirt seallaidh dhuinn às Alba, às a' Ghàidhealtachd, air a' cheangal eadar an tìr agus na daoine a bha a' fuireach ann fad ghinealaichean mòra. Tha e a' toirt mòran toileachais dhuinn an leabhran dà-chànanach seo fhoillseachadh anns a bheil eòlas air ainmean-àite a chaidh a thoirt dhuinn thar nan ginealaichean.”
Thuirt Eilidh Sgaimeal, AÀA: “Tha glèidheadh ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba riatanach an lùib obair AÀA agus tha sinn fìor thoilichte gun robh sinn an sàs anns a' phròiseact seo, agus sinn an dòchas gum bi na h-ainmean Sgitheanach seo nas seasmhaiche agus gun tuig na ginealaichean ri teachd na ceanglaichean eadar an cànan agus an tìr air sàilleabh sin.”
Nach cuir thu fios air post-d gu pubs@snh.gov.uk no fòn gu 01738 458530 airson lethbhreac den leabhran fhaighinn an asgaidh. Tha dreach PDF den leabhran ri fhaighinn cuideachd aig www.snh.gov.uk.

Contact information
- Name
- SNH Media
- snhmedia@snh.gov.uk
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot