Skip to main content

28 April, 2017

Leabhran ainmean-àite Gàidhlig ga fhoillseachadh ann an Colbhasa

Thèid leabhran ùr air na ceanglaichean Gàidhlig anns an dualchas chultarail is nàdarra againn fhoillseachadh aig Iomall Fèis Leabhraichean Cholbhasa an-diugh (Dihaoine 28 Giblean).

Tha A' Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre: Ainmean-àite Cholbhasa agus Orasa dà-chànanach agus chaidh a cho-òrdanachadh le Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ainmean-Àite na h-Alba, a tha na cho-obrachadh comhairleachaidh nàiseanta air ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba.

Tha am pròiseact air taic mhaoineachaidh fhaighinn bhon lìonra rannsachaidh nàiseanta, Soillse.

Tha an leabhran a' toirt am follais dualchas cultarail is nàdarra co-cheangailte ri cuid de na h-ainmean-àite ann an Colbhasa agus Orasa nach eil cho aithnichte ri ainmean eile.

Chruinnich an luchd-rannsachaidh Màiri NicIlleMhìcheil, Caristìona NicIain agus Scott Weatherstone, an dèidh taic is trèanadh le Dr Jacob King agus Eilidh Sgaimeal aig AÀA, eòlas agus sgeulachdan mu chòrr is 130 ainm-àite aig muinntir na sgìre. Chan fhacas cuid de na h-ainmean ann an clò a-riamh roimhe.

Thuirt Eleanor MacDonald aig Dualchas Nàdair na h-Alba: “Tha cothrom againn an cruth-tìre a mhìneachadh ann an dòigh eile ma thèid againn air ciall nan ainmean a thuigsinn.

“Tha na h-ainmean seo a' toirt seallaidh dhuinn às Alba, às a' Ghàidhealtachd, air a' cheangal eadar an tìr agus na daoine a bha a' fuireach ann fad ghinealaichean mòra. Tha e a' toirt mòran toileachais dhuinn an leabhran dà-chànanach seo fhoillseachadh, an siathamh tiotal san t-sreath ‘A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre’, anns a bheil eòlas air ainmean-àite a chaidh a thoirt dhuinn thar nan ginealaichean.”

Thuirt Eilidh Sgaimeal, AÀA: “Tha glèidheadh ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba riatanach an lùib obair AÀA agus tha sinn fìor thoilichte gun robh sinn an sàs anns a' phròiseact seo, agus sinn an dòchas gum bi na h-ainmean seo nas seasmhaiche agus gun tuig na ginealaichean ri teachd na ceanglaichean eadar an cànan agus an tìr air sàilleabh sin.”


Fios don luchd-deasachaidh

'S e Dualchas Nàdair na h-Alba a' bhuidheann chomhairleachaidh dhan riaghaltas air nàdar agus an àrainneachd ann an Alba. 'S e an dleastanas a th’ againn cuideachadh a thoirt do dhaoine gus tuigse, luach agus tlachd fhaighinn à nàdar na h-Alba, anns an latha an-diugh agus anns an àm ri teachd. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air www.snh.gov.uk/gaelic no lean sinn air Twitter aig http://twitter.com/SNH_Tweets

'S e Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta air ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba. Tha e mar phrìomh amas dhuinn gun tigear gu aonta air foirmean stèidhichte de dh'ainmean-àite Gàidhlig airson an cleachdadh air mapaichean, soidhnichean agus gu coitcheann. Tadhail air www.ainmean-aite.org airson an tuilleadh fiosrachaidh no airson an stòr-dàta air-loidhne de dh'ainmean-àite Gàidhlig a rannsachadh. Cuir fios gu: Eilidh Scammell, Manaidsear Pròiseict 01471 888 120 eilidh@ainmean-aite.scot

'S e pròiseact rannsachaidh Gàidhlig a th' ann an Soillse a tha stèidhichte air com-pàirteachas foghlaim anns a bheil Oilthigh na Gàidhealtachd; Oilthigh Obar Dheathain; Oilthigh Dhùn Èideann, agus Oilthigh Ghlaschu an sàs. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig: www.soillse.ac.uk.

Tha an leabhran seo (agus an sreath slàn de 'Gàidhlig Air Aghaidh na Tìre') ri fhaighinn air-loidhne aig www.snh.gov.uk/publications-data-and-research. Tha deannan lethbhreacan pàipeir ri fhaighinn an asgaidh bho pubs@snh.gov.uk no 01738 458530.

Contact information

Name
Dominic Shann
Job Title
Media Relations Officer
Telephone
01463 725157
Email
dominic.shann@nature.scot

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

Downloads

Place-names of Colonsay and Oronsay cover: Place-names of Colonsay and Oronsay cover

Place-names of Colonsay and Oronsay cover

View | Download