30 October, 2025
Iomairt sàbhailteachd rathaid a thaobh tubaistean le fèidh ga leudachadh
Thathar a’ leudachadh iomairt sabhailteachd rathaid airson a’ chunnart bho thubaistean eadar fèidh is carbadan a lùghdachadh ann an ceàrn chunnartach air an A9 às dèidh fiosrachadh bhon choimhearsnachd is rannsachadh ùr fhaighinn.
Bho dheireadh na seachdain-sa, thèid iarraidh air draibhearan air an A9 a dhraibheadh nas slaodaiche agus sùil a chumail airson fèidh a thèid thairis air an rathad fad 15km eadar Loth Beag agus an t-Òrd Gallach.
An dèidh fiosrachaidh bhon choimhearsnachd ionadail, tha NàdarAlba ag obair còmhla ri Còmhdhail Alba agus BEAR Alba am-bliadhna airson rabhaidhean a shealltainn air bùird-dhealain ghluasadach air pìos nas fhaide den rathad.
Ruithidh an iomairt eadar 1 is 29 Samhain, agus thèid measadh a dhèanamh air luaths nan carbadan seachdain roimhe sin, tro sheachdain na h-iomairt fhèin agus na dèidh airson coimhead air dè cho èifeachdach ’s a tha na sanasan.
A rèir dàta nam bliadhnaichean seo chaidh, tha an cunnart airson tubaistean rathaid eadar carbadan is fèidh ann an sgìre Neimheadail air a dhol an àirde. Tha mòran dhe na h-àitichean cunnartach ann am Meadhan na h-Alba agus co-cheangailte ri sgaoileadh nan earban òga as t-earrach.
Ach ann an Neimheadail, ’s e am fiadh-ruadh an creutair a th’ ann an cunnart is iad a’ tighinn a-nuas on mhonadh a dh’ionaltradh ann an àitichean nas ìsle as t-fhoghar.
Sheall rannsachadh a rinneadh às leth NàdarAlba o chionn goirid gun tèid mòran fhiadh thairis air an rathad eadar na coilltean air an leathad agus an t-ionaltradh fosgailte air taobh thall an rathaid faisg air a’ chladach. Ann an suirbhidh a rinneadh le camara tearmail, chunnacas 88 fiadh-ruadh eadar-dhealaichte air a’ phìos ud dhen rathad san aon oidhche.
Thuirt Dominic Sargent, Oifigear Poileasaidh nam Fiadh aig NàdarAlba: “Aig an àm seo dhen bhliadhna, ’s iad na daimh ruadh gu sònraichte a thig a-nuas is iad a’ sireadh ionaltradh nas fheàrr an dèidh a’ bhùiridh. Aig Neimheadail, thèid iad thairis air an rathad ri linn sin. Aig an aon àm, tha an latha a’ giorrachadh is tha na cleocan a’ dol air ais aig deireadh na Dàmhair agus leis a sin, bidh an trafaig as trainge againn aig glasadh an latha agus beul na h-oidhche nuair a bhios na fèidh as beothaile.
“Ri linn na dh’innis a’ choimhearsnachd agus rannsachadh a rinneadh air an àite, tha eòlas nas fheàrr againn air slighean nam fiadh san sgìre agus bidh sin feumail is sinn a’ cumail oirnn le fuasglaidhean a mheasadh, a’ gabhail a-staigh obair-stiùiridh nam fiadh san sgìre air fad. ’S e iomairt chudromach a tha seo airson cur ann an cuimhne dhraibhearan sùil a chumail airson fèidh air a’ phìos seo dhen rathad.”
Thuirt Aonghas Corby, Manaidsear Chruthan-tìre is Bith-iomadachd aig Còmhdhail Alba: “Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair còmhla ri co-obraichean aig NàdarAlba agus ri cùmhnantaichean na Companaidh Obrachaidh againn airson measadh a dhèanamh air ìre agus buaidh nan tubaistean rathaid eadar fèidh agus carbadan air prìomh rathadan na h-Alba airson ’s gum bi fios againn càit a bheil dearg-fheum air fuasgladh. Seo pàirt glè chudromach de stiùireadh an Lìonraidh san fharsaingeachd airson na slighean còmhdhail cudromach seo a chumail ceart agus sàbhailte dhan fheadhainn a dh’fhalbhas orra. Tha e cudromach a-chùm math nam fiadh fiadhaich cuideachd a tha nam pàirt chudromach dhen tìr.
“Tha na thathar a’ moladh air an A9 aig Neimheadail airson aire nan draibhearan a tharraing dha na fèidh ’s dè cho cunnartach ’s a dh’fhaodadh iad a bhith is iad a’ dol thairis air na rathadan aig an àm seo dhen bhliadhna, ach bheir e fiosrachadh cudromach dhuinne cuideachd a thaobh buaidh nan sanasan rabhaidh so-ghluasadach, airson ’s gun urrainn dhuinn cùisean a chur air mion-ghleus san àm ri teachd airson àireamh nan tubaistean a shìor-ìsleachadh.”
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
Notes to editors
Criomagan comhairle air draibheadh sàbhailte:
- Gu sònraichte nuair a bhios an rathad trang, draibh gu slaodach is cùm sùil airson fèidh a thèid thairis air an rathad. Bi mothachail gum faodadh fèidh nochdadh gu h-obann ma bhios coille ri taobh an rathaid no mòran lusan agus nach bi cus ùine no astar airson brèigeadh.
- Na draibh gu taobh is tu airson fiadh a sheachnadh. Ma chailleas tu smachd air a’ charbad agad no ma bhuaileas tu ri trafaig a thig thugad, dh’fhaodte gum bi sin mas miosa buileach.
- Na brèig no stad ach a-mhàin mur h-eil cunnart ann gum buail an trafaig a tha nad dhèidh thu. Feuch is stad cho fad air falbh o na beathaichean ’s urrainn dhut airson ’s gum fàg iad taobh an rathaid air an socair is cuir na solais rabhaidh agad air.
- An dèidh ciaradh an fheasgair, cuir na solais air gath àrd nuair nach eil trafaig a’ tighinn thugad oir soillsichidh sin sùilean nam fiadh air an rathad no faisg air an rathad agus bheir sin barrachd ùine dhut. Ach cuir na solasan-mòra agad air gath nas ìsle nuair a chì thu fiadh no beathach eile air an rathad airson ’s nach cuir thu eagal air.
- Ma bhuaileas thu ri fiadh air an rathad, cuir fios air a’ phoileas; cuidichidh iad fiadh leònta ’s bheir iad air falbh fiadh marbh. Fiù mur am bi thu fhèin air do leòn is mur am bi dad ceàrr air a’ chàr agad, dh’fhaodte gum bi am fiadh air a leòn gu dona ’s ann am pian. Na rach faisg air fiadh a th’ air a leòn – ’s dòcha gum bi e cunnartach.
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

