06 November, 2026
Iomairt sàbhailteachd rathaid a thaobh thubaistean le fèidh ga tòiseachadh
Thathar air iomairt sàbhailteachd rathaid a chur air bhog a dh’iarraidh air draibhearan sùil a chumail a-mach airson fèidh ruadha air rathaidean na Gàidhealtachd.
Bidh tubaistean eadar fèidh is carbadan a’ dol am meud aig an àm seo den bhliadhna nuair a tha an latha nas giorra agus na fèidh ruadha a’ tighinn a-nuas a dh’ionaltradh is a ghabhail fasgadh ann an àitichean nas ìsle. ’S iad na daimh ruadha gu sònraichte a thig a-nuas is iad a’ sireadh ionaltradh nas fheàrr an dèidh a’ bhùiridh.
Tha NàdarAlba ag obair còmhla ri Còmhdhail Alba agus Trafaig Alba airson rabhaidhean a shealltainn air bùird-dhealain ghluasadach aig glasadh an latha is ciaradh an fheasgair, a’ cur cunnart nam fiadh air na rathaidean an cuimhne dhraibhearan.
Bidh na teachdaireachdan a’ nochdadh air prìomh rathaidean far a bheil an àireamh as motha de dh’fhèidh air a’ Ghàidhealtachd, agus sa Mhonadh Liath is Earra-Ghàidheal, gu deireadh na Samhna. Tha seo a’ gabhail a-steach an A9, A99, A835, A87, A82, A83, A85 agus A96.
Am-bliadhna-sa, bidh fòcas sònraichte air Ceann Loch air an A82 aig Loch Nis às dèidh aithrisean gu bheil tubaistean eadar fèidh ruadha is carbadan air a dhol am meud. Bidh bùird-dhealain ghluasadach an seo fad na Samhna, a dh’iarraidh air draibhearan a dhol nas slaodaiche is a bhith air am faiceall dha fèidh.
Thèid measadh a dhèanamh air luaths nan carbadan seachdain mus nochd na soidhnichean agus na dèidh aig Ceann Loch airson coimhead air dè cho èifeachdach ’s a tha na sanasan.
Thuirt Dominic Sargent, Oifigear Poileasaidh nam Fiadh aig NàdarAlba: “Tha sàbhailteachd a’ phobaill na phàirt mhòr den obair againn còmhla ri com-pàirtichean airson buaidh nam fiadh a lùghdachadh air feadh na h-Alba, gu sònraichte ann an sgìrean far a bheil fios againn gum bi a’ bhuaidh as àirde.
“’S e iomairt chudromach a tha seo airson cur ann an cuimhne dhraibhearan sùil a chumail airson fèidh air a’ phìos seo dhen rathad, gu sònraichte nuair a tha an cunnart as motha an aig glasadh an latha agus beul na h-oidhche, nuair a tha na fèidh nas buailtiche tighinn a-nuas dhan fheur aig oir an rathaid.
“Tha e na chuideachadh an aghaidh thubaistean fiù ’s dìreach a bhith a’ dol nas slaodaiche agus a bhith air ur faiceall do chunnart nam fiadh.”
Thuirt Aonghas Corby, Manaidsear Chruthan-tìre is Bith-iomadachd aig Còmhdhail Alba: “Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair còmhla ri co-obraichean aig NàdarAlba agus ri cùmhnantaichean na Companaidh Obrachaidh againn airson measadh a dhèanamh air ìre agus buaidh nan tubaistean rathaid eadar fèidh agus carbadan air prìomh rathadan na h-Alba airson ’s gum bi fios againn càit a bheil dearg-fheum air fuasgladh.
Seo pàirt glè chudromach de stiùireadh an Lìonraidh san fharsaingeachd airson na slighean còmhdhail cudromach seo a chumail ceart agus sàbhailte dhan fheadhainn a dh’fhalbhas orra. Tha e cudromach a-chùm math nam fiadh fiadhaich cuideachd a tha nam pàirt chudromach dhen tìr.
CRÌOCH
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
Notes to editors
Nòtaichean do dheasaichean
Criomagan comhairle air mar a ghabhas cunnart thubaistean eadar fèidh is carbadan a lùghdachadh:
- Gu sònraichte nuair a bhios an rathad trang, draibh gu slaodach is cùm sùil airson fèidh a thèid thairis air an rathad. Bi mothachail gum faodadh fèidh nochdadh gu h-obann ma bhios coille ri taobh an rathaid no mòran lusan agus nach bi cus ùine no astar airson brèigeadh.
- Feuch nach draibh thu gu taobh is tu airson fiadh a sheachnadh. Dh’fhaodadh gun caill thu smachd air a’ charbad no gum buail thu ri trafaig a thig thugad.
- Na brèig no stad ach a-mhàin mur h-eil cunnart ann gum buail an trafaig a tha nad dhèidh thu. Feuch is stad cho fad air falbh o na fèidh ’s urrainn dhut airson ’s gum fàg iad taobh an rathaid air an socair is cuir na solais rabhaidh agad air.
- An dèidh ciaradh an fheasgair, cuir na solais air gath àrd nuair nach eil trafaig a’ tighinn thugad oir soillsichidh sin sùilean nam fiadh air an rathad no faisg air an rathad agus bheir sin barrachd ùine dhut. Ach cuir na solasan-mòra agad air gath nas ìsle nuair a chì thu fiadh no beathach eile air an rathad airson ’s nach cuir thu eagal air.
- Ma bhuaileas thu ri fiadh air an rathad, cuir fios air a’ phoileas, a chuireas fios dhan neach ionadail a chuidicheas fiadh leònta aig oir an rathaid. Fiù mur am bi thu fhèin air do leòn is mur am bi dad ceàrr air a’ chàr agad, dh’fhaodte gum bi am fiadh air a leòn gu dona ’s ann am pian. Na rach faisg air fiadh a th’ air a leòn – chan eil mòran ann a dh’fhaodadh tu dèanamh airson cuideachadh agus ’s dòcha gun goirtich e thu.
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot
