16 October, 2018
Goireas nàdair ùr sa Ghàidhlig do sgoiltean
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a' brosnachadh nan ceanglaichean cultarail le nàdar tron Ghàidhlig an lùib stuthan teagaisg ùra.
Bidh an goireas ionnsachaidh ùr, a th' air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig ann an com-pàirteachas leis an iomairt shòise
eas nàdair ùr sa Ghàidhlig do sgoilteanalta, Earth for Life, na thaic airson daoine òga a cho-cheangal le nàdar tro rùrachd sheasmhach. Tha sgilean, eòlas is briathrachas an lùib a' ghoireis do thidsearan Gàidhlig, a leigeas leotha lusan fiadhain aithneachadh is a chleachdadh.
Thèid am pròiseact fhoillseachadh an-diugh (16 Dàmhair) aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain.
Thòisich Alasdair Mac an Tàilleir, Earth for Life, a’ cleachdadh nan goireasan foghlaim bho chionn goirid aig sreath bhùithtean-obrach ann am bun-sgoiltean Gàidhlig ann an Ullapul, Peairt ’s Dùn Èideann. Tha an goireas a' leantainn soirbheas an leabhrain, Rùrachd Lusan Fiadhain, a chaidh a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, agus a tha na ghoireas riatanach air rùrachd chiallach. Bidh cothroman an cois a' ghoireis ionnsachaidh ùir seo do dhaoine òga le Gàidhlig airson an cànan ionnsachadh is a chleachdadh mar cheangal le nàdar.
Thuirt Oifigear Gàidhlig SNH, Robyn Ireland, “Tha e na thoileachas mòr dhuinn an goireas ionnsachaidh ùr seo fhoillseachadh agus a bhith a' brosnachadh thidsearan gus na ceanglaichean dlùth a th' againn le nàdar a rannsachadh. Tha an goireas seo a' cur ris na goireasan eile sa Ghàidhlig a leasaich sinn air rùrachd, a leithid cùrsa trèanaidh, chuairtean coiseachd agus chairtean reasabaidh.”
'S e sgioba aig Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba a tha a' co-òrdanachadh a' phròiseict – 's e Stòras-bìdh na h-Alba com-pàirteachas a th' air a stiùireadh le SNH a tha ag amas air ceanglaichean a dhèanamh eadar daoine agus biadh ionadail, ràitheil is fiadhain, agus cleachdadh seasmhach stòras-bìdh nàdarra na dùthcha a bhrosnachadh.
Chaidh am pròiseact a cho-mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig tron sgeama GLAIF (Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig) 2018-19.
Às dèidh an fhoillseachaidh, bidh cuirm-chiùil shònraichte ann mar phàirt de dh’Iomall a’ Mhòid. Chaidh an coimisean, ‘Cluaidh - Ùrachadh na h-Aibhne’, a chur an sàs le SNH airson luaidh a dhèanamh air beairteas nàdarra is cultarail Linne Chluaidh. ’S i an seinneadair, neach-ciùil, is craoladair cliùiteach, Màiri Anna NicUalraig, a bhios aig an stiùir airson oidhche de cheòl ’s òrain Ghàidhlig.
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot