21 December, 2022
Giorradan Gàidhlig Grian-stad a’ Gheamhraidh
Mar a tha Alba a’ comharradh na h-oidhche as fhaide ’s an latha as ghiorra aice – grian-stad a’ gheamhraidh – tha sgrìobhadair, craoladair is sgeulaiche ainmeil Ruairidh MacIlleathain air giorradan àraidh a chruinneachadh a chomharraicheas nàdar, tìr is dualchas na h-Alba ann an ràith a’ gheamhraidh.
Eadar Oidhche nan Seachd Suipearan leis an ainm drùidhteach ud, sealladh cosmach an Dreagbhoid, fras dhreagan nan Ursids, is mìos nam madaidhean-allaidh, am Faoilleach, tha an dlùth-cheangal eadar na Gàidheil is an saoghal nàdarra am follais anns gach abairt is dealbh ann.
Thuirt Ruairidh MacIlleathain na leanas mu Ghiorradan Gàidhlig Grian-stad a’ Gheamhraidh nuair a thug e e do NàdarAlba: “Mar luchd-glèidhidh de chànan is cultar àraidh, thig gaol nan Gàidheal air an àrainneachd thùsanach aca fhèin gu follaiseach anns na rudan seo a chomharraicheas an geamhradh. Thug e tlachd mòr dhomh an toirt cruinn airson grian-stad a’ gheamhraidh 2022 a chomharradh.
“Tha cànan agus an dlùth-dhàimh aige ris an nàdar a’ brosnachadh gaol agus suim nas motha annainn dhan àrainneachd againn, far am faod Gàidhlig a bhith aig cridhe iomairt glèidhteachais iomlanach a bheir aghaidh air atharrachadh na gnàth-shìde, dol à bith spèiseasan agus call na bith-iomadachd.”
Thuirt Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig NàdarAlba: “Tha sinn an comain Ruairidh airson an obair a rinn e ’s e a’ cur am follais na ceanglaichean buana eadar a’ Ghàidhlig agus nàdar na h-Alba. Tha sinn an dòchas gum faigh a h-uile duine blasad de ghrian-stad Gàidhlig a’ gheamhraidh.”
Giorradan Gàidhlig Grian-stad a’ Gheamhraidh
1. Grian-stad a’ Gheamhraidh
Oidhche nan Seachd Suipearan
’S e 21mh dhen Dùbhlachd an oidhche as fhaide agus an latha as giorra dhen bhliadhna. Tha an t-ainm eile air an latha seo oir – math no dona – bidh an oidhche cho fada ’s gum b’ urrainn dhut suipear a ghabhail seachd tursan mus èirich a’ ghrian a-rithist.
2. Ursa Minor
An Dreagbhod (bad de sgeith-rionnagan)
Tha an t-ainm Gàidhlig air an t-sealladh chosmach bhliadhnail annasach seo, fras sgeith-rionnagan nan Ursids, a’ dèanamh iomradh air aon dhe na reul-bhadan as fheàrr as aithne dhuinn agus a chithear gu furasta mun àm seo dhen bhliadhna. Sin Ursa Minor, “am mathan beag”, ris an canar an Seachdaran cuideachd, agus tha an reul-bhad seo cha mhòr na dhealbh sgàthanaichte de reul-bhad fiù nas ainmeile a tha faisg air – an Crann-arain. ’S e an Dreagbhod a chanar ri Ursa Minor ann an Gàidhlig agus tha an t-ainm seo stèidhichte air an fhacal dreag “sgeith-rionnag” agus bad.
Bha an Dreagbhod na reul-bhad cudromach, gu sònraichte do mharaichean. Aig a’ cheann thall, tha Polaris, am Bàrr-reult, ris an canar an Reul-iùil a ghnàth sa Ghàidhlig is e cho feumail do sheòladairean. Cha ghluais e astar fada idir tron oidhche no tron bhliadhna agus comharraichidh e an àirde a tuath an-còmhnaidh.
Thathar an dùil gum faicear na h-Ursids eadar 17mh is 24 dhen Dùbhlachd am bliadhna agus brod nam frasan eadar 22mh is 23mh dhen Dùbhlachd. Ma gheibh thu lorg air a’ Bhàrr-reult a tha os cionn a’ Phòla a Tuath, sin an àirde far am bi iad.
3. Sneachd
’S e an t-ainm-àite as ainmeile sa bheil am facal sneachd a’ nochdadh Coire an t-Sneachda am measg coireachan a tuath a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha an t-àite air a dheagh ainmeachadh, ’s e coire tuathair a th’ ann agus air cùl nan siantan agus laighidh an sneachd ann ùine mhòr.
4. A bharrachd air an fhacal sneachd sna h-ainmean-àite againn, tha cuithe “fàinne sneachda” a’ nochdadh an-dràsta ’s a-rithist cuideachd. Tha sin a’ comharradh àite far am bi sneachd a’ laighe fhathast ged a bhios e air a leaghadh ceithir-thimcheall air. Tha dà àite ann air a bheil an t-ainm seo gun teagamh, Cuithe Chrom, an dàrna fear air a’ Chàrn Ghorm – ged nach fhaicear an t-ainm seo sgrìobhte air mapaichean ro thric – agus am fear eile air Beinn nan Cìochan. A rèir cuin a bhriseadh no a leaghadh cuithe, bhiodh daoine a’ dèanamh tomhas air dè seòrsa samhradh a bha gu bhith aca agus dè cho math no dona ’s a bhiodh am foghar.
5. Chan eil co-fhacal aig aon dhe na faclan Gàidhlig as snoige airson sneachd. Chan fhaicear seo ach nuair a bhios an aimsir air leth fuar agus spiandagan san adhar, bleideagan sneachda a tha ag udal sa ghaoith. Nuair a bhios glè bheag de shneachd a’ tuiteam gu socair, canar gu bheil e a’ spianadh an t-sneachda sa Ghàidhlig.
6. Fhuair a’ Bheurla am facal avalanche aig na Frangaich ach bha facal sa Ghàidhlig air a shon a-riamh – maoim-sneachda, sin brùchdadh de shneachd – ag innse dhuinn gun robh maoimean-sneachda a-riamh nam pàirt de bheatha nan daoine ann am beanntan na h-Alba.
7. Am Faoilleach (mìos nam madaidhean-allaidh)
Tha ceangal làidir eadar mìosachan na Gàidhlig agus àrainneachd na h-Alba ’s ar dualchas Ceilteach. ’S e am Faoilleach an t-ainm air a’ chiad mhìos dhen bhliadhna. Tha sin a’ ciallachadh “mìos nam madaidhean-allaidh”, am mìos nuair a bhiodh na beathaichean seo air leth cunnartach is an t-acras orra.
8. An Gearran (Latha Fèill Brìde)
Tha toiseach a’ Ghearrain na àm sònraichte ann am mìosachan na Gàidhlig. Tha e co-cheangailte ri dia àrsaidh pàganach, Brìde, agus an tè Chrìostaidh a ghabh a h-àite an dèidh sin. Tha Latha Fèill Brìde, a’ chiad latha dhen Ghearran, a’ dèanamh dà leth dhe na sia mìosan eadar na fèilltean mòra Ceilteach, an t-Samhain (toiseach a’ gheamhraidh) agus am Bealltainn (toiseach an t-samhraidh). Bhiodh an sluagh an dùil ri droch aimsir mun àm seo dhen bhliadhna ’s iad a’ creidsinn gum biodh an còrr dhen gheamhradh fada nam b’ e latha soilleir grianach a bha sa chiad latha dhen Ghearran.
9. Smeòrach an t-sneachda
Tha ainm an eòin-imrich seo ag innse dhuinn gun robhar a’ coimhead air mar theachdaire fuachd a’ gheamhraidh.
10. Brù-dhearg
Chumadh na Gàidheil cluas gheur ris an eun bheag seo, oir bhathar ag ràdh gum biodh deagh aimsir no droch aimsir air an t-slighe nan robh e ri bìogail. Nan robh e na shuidhe ann an callaid no preas agus a’ dèanamh bìogail shèimh, bha droch aimsir air an t-slighe ach nan robh e a’ seinn gu h-aighearachd air feasgar tlachdmhor, fiù nan robh e sgòthach, bhiodh deagh aimsir ann an ath-latha.
11. Uil-ìoc
Sgrìobh an sgrìobhadair Ròmanach Pliny gun robh na Ceiltich àrsaidh dhen bheachd gun leighiseadh an lus seo tinneas sam bith (“omnia sanantem”). Tha an dualchas seo fhathast follaiseach san ainm Ghàidhlig aig an lus seo an-diugh fhèin, uil-ìoc.
12. Dubh
Seo deagh àm dhen bhliadhna airson sùil a thoirt air ainmean-àite sa bheil am buadhair dubh. Ged is e dath a th’ ann an dubh gu tric, ann an ainmean dreach na tìre, bidh e a’ ciallachadh “dorcha” gu tric. Nuair a bhios a’ ghrian gu h-ìseal sna speuran sa gheamhradh, leigidh i ris àitichean nach fhaicear a ghnàth agus chaidh am facal seo a chur air àitichean mar seo gu math tric ri linn sin. Tha deagh eisimpleir dhiubh san iar-dheas air Cill Fhinn, an Gleann Dubh. Tha e a’ bualadh ri Gleann Dochart mu thuath – àirde às nach tig solas na grèine idir ann am mìosan a’ gheamhraidh – agus fàinne de chnuic àrda air gach taobh eile dheth a dh’fhàgas ann an dubhar e fad ùineachan mòra.
Seanfhaclan a’ gheamhraidh
13. Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin
Chan eil cus sheanfhaclan Gàidhlig ann mar am fear seo sa bheil gaoth fàbharach do chuideigin. Mar is trice, bidh iad a’ togail na dùbhlain a thig an cois aimsir cho gaothach is caochlaideach ’s a th’ againn ann an Alba!
14. Faoileagan a’ chladaich againn fhèin
Canar seo ri daoine aig a bheil freumhan nar coimhearsnachd fhèin agus nach tèid ro fhad air falbh on dachaigh aca. Ma leanas cuideigin orra ge be dè cho dona ’s a tha an suidheachadh sa bheil iad, ged a b’ fheàirrde dhaibh togail orra agus falbh, canar faoileagan an droch chladaich riutha. Bha fios aig daoine o shean nach dèan faoileagan imrich cho tric ’s a nì eòin-mhara eile – chithear mòran dhiubh air feadh na dùthcha rè mìosan a’ gheamhraidh fhathast co-dhiù – agus dh’èirich an dà sheanfhacal seo ri linn an eòlais seo.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair a nì NàdarAlba ann a bhith a’ brosnachadh is a leasachadh na Gàidhlig air an làrach-lìn againn.
Deireadh.
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot