17 September, 2018
£5m de mhaoineachadh a bharrachd do thurasachd na Gàidhealtachd is nan Eilean
Thathar a' sireadh 10 prìomh phròiseactan ùra a tha a' taisbeanadh àrainneachd, fiadh-bheatha agus cultar sònraichte na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Bidh Maoin Dualchais Nàdair is Cultair ùr, air a stiùireadh le Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH), a' cumail taic ri pròiseactan a bhios a' brosnachadh luchd-tadhail a thighinn don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan airson barrachd eòlais a chur air an nàdar is a' chultar shònraichte.
Tha buannachdan do choimhearsnachdan fa-near don mhaoin cuideachd agus bidh na pròiseactan a thèid maoineachadh nan taic airson dreuchdan is seirbheisean ionadail a ghleidheadh. Tha £5 millean ri fhaotainn an lùib na maoin agus gheibh gach pròiseact £250,000 air a' char as lugha.
Thuirt Ivor McKee (Ministear na Malairt, Seilbh Calpa is Ùr-ghnàthachaidh) is e a’ cur fàilte air an naidheachd: “’S e fìor dheagh naidheachd don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a th’ ann am Maoin Dualchais Nàdair is Cultair anns a bheil luach £5 millean. Thèid an t-airgead seo a chosg air goireasan luchd-tadhail agus ruigsinneachd nan sgìrean as dùthchaile a leasachadh.
’S ann tro phrògram Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (ERDF) a tha an £5 millean a’ tighinn agus cuiridh e taic ri fàs in-ghabhalach agus seasmhach, a tha na phàirt chudromach de Fhrèam-obrach Dèanadais Nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba. Tha seallaidhean-dùthcha ’s cultar ionmholta na h-Alba gan aithneachadh air feadh an t-saoghail, agus le bhith a’ brosnachadh luchd-turais gus barrachd eòlais a chur air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan thig buannachdan eaconamach aig ìre nàiseanta agus ionadail tro obraichean agus chothroman ùra.”
Thuirt Cathraiche SNH, Mike Cantlay: “Bidh na ceanglaichean dlùth eadar nàdar is cultar na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ tarraing mòran luchd-turais eadar-nàiseanta, agus tha na buannachdan eaconamach riatanach airson na coimhearsnachdan, obraichean is sgilean dùthchail againn a ghleidheadh.
“Tha pàirtean ann den Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a th’ air an seirbheiseachadh gu math, ach tha fios againn gu bheil pàirtean eile ann far an urrainnear buannachdan a bharrachd a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail anns na bliadhnaichean ri teachd.
“Tha fadachd oirnn barrachd fhaighinn a-mach mu na pròiseactan a dh’fhaodadh a bhith fìor chudromach do thursan an luchd-tadhail agus ri beatha anns na sgìrean ionadail.”
’S ann tro phrògram Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (ERDF) aig Riaghaltas na h-Alba a tha am maoineachadh ga liubhairt, agus tha maoineachadh co-ionnan bho thùsan eile a’ toirt an iomlain gu còrr is £7m.
Bidh SNH a’ sanasachadh na maoin gu deireadh na bliadhna aig tachartasan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a’ coinneachadh ri luchd-tagraidh a thaobh phròiseactan a dh’fhaodadh a bhith ann.
Bidh a’ chuairt mhaoineachadh fosgailte tràth san Fhaoilleach 2019 gu deireadh a’ Ghiblein 2019. Thèid co-dhùnaidhean air na pròiseactan a shoirbhicheas a ghairm aig toiseach an t-samhraidh 2019.
Tha barrachd fiosrachaidh mun Mhaoin ri lorg air làrach-lìn SNH - no faodar post-d a chur gu nchf@nature.scot
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
Notes to editors
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh
Tha Maoin Dualchais Nàdair is Cultair ùr na pàirt den àth ìre de phrògram Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (ERDF) aig Riaghaltas na h-Alba, a mhaireas gu 2023. Tha SNH a’ stiùireadh cuid eile den phrògram - Maoin Bun-structair Uaine.
Tha Maoin Dualchais Nàdair is Cultair a’ toirt a-steach 'sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean’ - a tha a’ ciallachadh san t-seagh seo sgìrean nan ùghdarrasan a leanas: Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, Arcaibh, Sealtainn, Earra-Ghàidheal, Moireibh, agus pàirt de Shiorrachd Àir a Tuath (Arainn).
Gabhar ri tagraidhean bho na roinnean poblach, saor-thoileach is an treas roinn (chan fhaod companaidhean prìobhaideach tagraidhean ERDF a dhèanamh).
’S e SNH a tha a’ stiùireadh lìbhrigeadh na Maoin, ach tha e air bòrd comhairleachaidh a stèidheachadh airson am pròiseas a làimhseachadh agus co-dhùnaidhean a dhèanamh air na pròiseactan a gheibh maoineachadh. Bidh riochdairean ann bho VisitScotland, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
Tha maoineachadh ERDF ga thabhann airson taic a chumail ri ùr-ghnàthachas, gnìomhachasan, sgilean is fastadh agus airson obraichean a chruthachadh. Tha airgead na Maoin glèidhte a rèir bharantasan le riaghaltasan Bhreatainn is na h-Alba airson prògraman maoineachaidh an Aonaidh Eòrpaich a ghleidheadh, fiù ‘s ri linn Brexit cruaidh. Airson an tuilleadh fios air Maoinean Tasgaidh ’s Structarail na h-Eòrpa (ESIF) ann an Alba, tadhailibh air làrach-lìn ESIF agus Twitter aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha maoineachadh fa-leth le Riaghaltas na h-Alba ann do thaobhan eile de thurasachd anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, a leithid Maoin Bun-structair Turasachd Dhùthchail ùr le VisitScotland, a tha a’ cumail taic ri leasachadh bun-structair (parcadh, campadh, taighean-beaga is eile) air làraichean turasachd far nach eil am bun-structar an-dràsta freagarrach airson na th’ ann de luchd-tadhail.
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot