Skip to main content

10 October, 2024

Gàirnealairean air am brosnachadh gus fois a ghabhail as t-fhoghar

Gàirnealairean air am brosnachadh gus fois a ghabhail as t-fhoghar: A common Wasp feeding on a fallen apple.Free use - credit Lorne Gill-NatureScot

Tha NàdarAlba ag iarraidh air gàirnealairean fois a ghabhail as t-fhoghar agus na gàrraidhean aca fhàgail mar a tha iad airson poileanadairean a tha fo uallach a chuideachadh tron gheamhradh.

A rèir coltais, tha e nas cuideachaile buileach dha seilleanan ’s poileanadairean eile ma sguireas daoine de ghàirnealachd tro mhìosan an fhoghair ’s a’ gheamhraidh na tha e a bhith a’ cur fhlùraichean poileanachaidh a nochdas as t-earrach ’s as t-samhradh.

Thuirt Sarah Smythe, Comhairliche Bith-iomadachd aig NàdarAlba:


“Tha dà bhuannachd an cois seo: ’s e deagh naidheachd a th’ ann dha gàirnealairean, b’  fheairrde tu srùbag ’s catalog sìl an àite siosaran ’s spaid sa gheamhradh, agus bidh thu a’ cuideachadh phoileanadairean ’s a’ toirt do thaic dha nàdar.

’S e a bhith a’ cur am meud nan àiteachan sàbhailte dha poileanadairean tron gheamhradh an rud as cudromaiche as urrainn dhut a dhèanamh dhaibh – agus leis a sin faodaidh tu an gàrradh agad fhàgail rud beag mì-sgiobalta sa gheamhradh!”

Bidh poileanadairean a’ cur feum air grunn rudan airson an cumail beò nuair a dh’fhàsas i nas fhuaire ’s nuair a bhios cion-bìdh ann dhaibh:

  • - Tha e na chuideachadh dha poileanadairean ma dh’fhàgas tu tiùrr de chlachan ’s gheugan de mheudan eadar-dhealaichte am measg dhuilleagan ’s na h-ùire. ’S e àite fasgaidh a bhios ann dha losgannan-dubha cuideachd – air an cuir thu fàilte nuair a thogas lusan ùra (’s seilcheagan) an ceann as t-earrach. Faodaidh tu na clachan ’s geugan a thoirt air falbh aig deireadh an earraich nuair a bhios na beathaichean a bha fon fhasgadh air togail orra.

  • - An àite a bhith a’ sgioblachadh dhuilleagan, cleachd mar stuth-mathachaidh iad agus lorgaidh poileanadairean àiteachan sàbhailte fo na duilleagan.

  • - Gheibh poileanadairean fasgadh ann an lagan tioram am broinn stoic-chraoibhe.

  • - Leig leis an fheur fhàs – tha feur fada ann am àiteigin a-mach à sealladh na dheagh dhachaigh gheamhraidh dha poileanadairean.

  • - Bidh cuid de na seilleanan dùthchasach againn a’ geamhrachadh leotha fhèin nam pùpachan, coltach ri grunn ghnèithean de dhealan-dè. Ma lorgas iad àite math, nochdaidh iad a-rithist nuair a bhlàthaicheas an t-sìde ’s nuair a bhios flùraichean fo bhlàth. Ma chì thu toll beag san talamh tron t-samhradh ’s seilleanan timcheall air, ’s dòcha gur e nead an t-seillein-ruamhair a th’ ann. Feuch nach buin thu ris tron gheamhradh.

Sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha fèill mhòr air a bhith air bothain bhiastagan (bug hotels), ach cha mholadh Sarah iad. “Mar as trice bidh fasgadh nàdarra nas èifeachdaiche, oir chan e deagh àiteachan fasgaidh nàdarra a th’ anns na bothain seo agus feumar coimhead às an dèidhinn gun fhios nach fhaigh sealgairean a-staigh ’s nach fhàs galaran annta. Tha e fada nas fheàrr gasan fada fiodhach fhàgail sa ghàrradh. Lobhaidh iad gu nàdarra, agus mar sin chan fhàs galaran.”

Tha an tuilleadh fiosrachaidh air gàirnealaireachd dha nàdar air an duilleig-lìn againn Dèan Àite Dha Nàdar.

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

Downloads

A common Wasp feeding on a fallen apple.Free use - credit Lorne Gill-NatureScot: A common Wasp feeding on a fallen apple.Free use - credit Lorne Gill-NatureScot

A common Wasp feeding on a fallen apple.Free use - credit Lorne Gill-NatureScot

View | Download

Wood stacked in to a logpile to help wildlife over winter. Free use - credit Lorne Gill-NatureScot: Wood stacked in to a logpile to help wildlife over winter. Free use - credit Lorne Gill-NatureScot

Wood stacked in to a logpile to help wildlife over winter. Free use - credit Lorne Gill-NatureScot

View | Download

Fallen leaves can provide a winter refuge for pollinators. Free use - credit Lorne Gill-NatureScot: Fallen leaves can provide a winter refuge for pollinators. Free use - credit Lorne Gill-NatureScot

Fallen leaves can provide a winter refuge for pollinators. Free use - credit Lorne Gill-NatureScot

View | Download