01 March, 2020
Gairm airson ceòl stèidhichte air nàdar na h-Alba
Tha co-fharpais nàiseanta ùr ga foillseachadh an-diugh (1 Màrt), a’ tha sireadh luchd-ciùil a tha an sàs ann an gach seòrsa ciùil – eadar roc, rap, traidiseanta, clasaigeach is gach seòrsa eile – is ag iarraidh orra ceòl a sgrìobhadh stèidhichte air cladaichean is uisgeachan nan teàrmann nàdair àlainn ann an Alba.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba agus Fèis Rois a’ com-pàirteachadh air a’ chiad fharpais de a seòrsa an Alba a bhrosnaicheas daoine gu ceangal a dhèanamh le nàdar tro cheòl.
Thèid a’ cho-fharpais, air a bheil In Tune with Nature, a bhreithneachadh le britheamhan ainmeil à saoghal a’ chiùil ann an Alba, a leithid Julie Fowlis; Vic Galloway; Gill Maxwell; agus Karine Polwart, agus tha an fharpais a’ comharrachadh Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan 2020.
Feumaidh farpaisich a bhith 16 bliadhna a dh’aois is nas sine agus thathar ag iarraidh orra pìos ciùil a sgrìobhadh a th’ air a bhrosnachadh le aon de 10 tèarmainn nàdair nàiseanta air feadh na h-Alba. Gheibh an fheadhainn a shoirbhicheas duais luach £500 agus cothrom air pàirt a ghabhail ann an cuirmean beò fad na bliadhna. Nì gach neach a tha soirbheachail film cuide ri filmeadair proifeiseanta anns an tèarmainn nàdair a thug brosnachadh dhaibh.
Gabhar ri pìosan ciùil de sheòrsa ciùil sam bith agus faodaidh faclan a bhith ann no às. Thathar a’ sireadh phìosan a bheir iomradh air cultar, cànan is dualchas na sgìre agus gu seachd àraid òrain Ghàidhlig ùra à sgìrean Beinn Eighe is Creag Meagaidh, cho math ri òrain anns a’ Bheurla Ghallta is dualchainntean eile ann an sgìrean eile.
Thuirt Stuart MacGuaire, Ceannard Theàrmann Nàiseanta aig Dualchas Nàdair na h-Alba:
“Tha gu leòr anns na tèarmainn nàdair againn a bheir brosnachadh do dhaoine gu h-àraid am-bliadhna – Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan 2020. Tha measgachadh farsaing de dh’fhiadh-bheatha mara is eòin-mhara againn cho math ri tràighean, lochan is aibhnichean àlainn. Cò nach fhaigheadh brosnachadh às a leithid a bhòidhchead!
“Tha ceòl agus nàdar coltach ri chèile an iomadh dòigh – tha iad le chèile cumhachdach agus uabhasach tlachdmhor dhuinn. Tha fiughair mhòr againn ri èisteachd ris a’ cheòl ùr seo a bheir oirnn smaoineachadh air na h-àiteachan seo ann an dòigh ùr.”
Thuirt Fiona Dalgetty, Àrd-oifigear Fèis Rois:
“Tha sinn fhèin aig Fèis Rois fìor thoilichte a bhith a’ co-obrachadh air a’ phròiseact ùr seo le SNH airson luchd-ciùil a bhrosnachadh gu ceòl ùr a chruthachadh stèidhichte air àrainnean àlainn na h-Alba. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil cothrom an seo do luchd-ciùil freagairt gu cruthachail ri atharrachadh na gnàth-shìde a tha a’ toirt buaidh air an dualchas nàdarra an Alba anns an latha an-diugh. Tha fadachd oirnn ri bhith ag èisteachd ri pìosan ciùil le luchd-ciùil de gach seòrsa.”
Tha a’ cho-fharpais fosgailte eadar 1 Màrt agus 31 Cèitean, agus thèid an fheadhainn a ghleidheas a ghairm air 26 Ògmhios. Tha an fharpais seo air aon de ghrunn thachartasan is phròiseactan sònraichte le Dualchas Nàdair na h-Alba anns a’ bhliadhna shònraichte seo a bhios a’ togail aire air cho cudromach ‘s a tha fìor-uisge is fairge a tha fallainn.
For more information on how to enter and terms and conditions, see https://bit.ly/2Vum1eF
CRÌOCH
FIOSRACHADH DO NA MEADHANAN
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho oifis naidheachdan SNH aig snhmedia@nature.scot no 0131 316 2655.
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
Notes to editors
’S ann anns na h-àiteachan a leanas a tha na 10 Tèarmainn a tha a’ nochdadh sa cho-fharpais: Beinn Eighe (Siorrachd Rois), Cathair Labharaig (Dùn Phrìs), Creag Meagaidh (Loch Abar), Forvie (Taobh an Ear-thuath), Eilean Mhàigh (Linne Foirthe), Loch Lìobhann (Siorrachd Pheairt), Noss (Sealtainn), Rum (Innse Gall), Tentsmuir (Fìobha) agus Taighnis (Earra-Ghàidheal).
Britheamhan: Thèid a’ cho-fharpais a bhreithneachadh le pannal air am bi an seinneadair Gàidhlig, Julie Fowlis; an neach-craolaidh, Vic Galloway; Àrd-stiùiriche Ionad Ciùil na h-Alba, Gill Maxwell; agus an seinneadair, Karine Polwart.
Tha 43 tèarmainn nàdair nàiseanta ann an Alba. Tha beairteas nàdar na h-Alba ri fhaicinn anns na tèarmainn. ’S e àiteachan sònraichte a th’ annta agus cothroman air leth annta far an urrainnear tadhal agus tlachd is eòlas fhaighinn am measg nàdar na h-Alba. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nnr-scotland.org.uk.
Tha Fèis Rois, a tha stèidhichte anns a’ Ghàidhealtachd agus aig a bheil cliù nàiseanta is eadar-nàiseanta, air aon de na buidhnean ealain as cudromaiche an Alba. Bidh Fèis Rois a’ toirt cothrom do dhaoine, a dh’aindeoin aois, air ceangal a dhèanamh le ceòl traidiseanta is cultar nan Gàidheal anns an latha an-diugh. Tha a’ bhuidheann air cliù a chosnadh airson a prògraman foghlaim a chumas taic ri daoine òga is luchd-ionnsachaidh anns na h-ealain thraidiseanta ann an dòigh a leigeas leotha na tha comasach a choileanadh. Bidh Fèis Rois a’ coimiseanadh obair ùr le luchd-ciùil na h-Alba gu cunbhalach. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisrois.org
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on Twitter at https://twitter.com/nature_scot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air Twitter aig https://twitter.com/nature_scot