Skip to main content

02 September, 2026

Thathar a’ moladh do dhaoine a thadhlas air beanntan na h-Alba plana a chur air dòigh ’s àm stalcaireachd fèidh a’ teannadh dlùth

Thathar a’ moladh do dhaoine a thadhlas air beanntan na h-Alba plana a chur air dòigh ’s àm stalcaireachd fèidh a’ teannadh dlùth: Heading for the Scottish Hills - walker on Creag Meagaidh - copyright NatureScot

Leis gum bi stalcaireachd daimh a’ fàs nas trainge rè prìomh ùine na bliadhna, tha NàdarAlba a’ moladh do dhaoine a tha a’ tadhal air beanntan na h-Alba sùil a thoirt air seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba airson na tursan aca a phlanadh mus fhalbh iad ’s gun bhriseadh a-steach air obair chudromach stiùireadh nam fiadh

Tha seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba na pàirt de làrach-lìn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba agus innsidh i do dhaoine càit a bheilear ri stalcaireachd fèidh mus tèid iad a-mach. Cuide ri goireasan eile mar Walkhighlands agus làraich-lìn nan oighreachdan, innsidh an t-seirbheis seo dhut cuin is càit am bithear ri stalcaireachd air beanntan air an tadhail daoine gu tric agus innsidh I dhut cò ris a bhruidhneas tu airson barrachd fiosrachaidh agus dè na slighean a tha ‘sàbhailte an-còmhnaidh’.

Tha stiùireadh nam fiadh uabhasach cudromach ann an Alba airson aghaidh a thoirt air èiginn an nàdair is na gnàth-shìde. Ma thèid againn air buaidh nam fiadh - leithid ionaltradh agus saltairt thar a’ chòir - a lùghdachadh, bheir sin cothrom ath-shlànachaidh dhan talamh àrd a bhios an uair sin nas ioma-nàdarraiche agus a ghlacas barrachd carboin.

’S e deagh àm a th’ ann fàs cleachdte ri seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba a chur gu feum gu cunbhalach, ’s stalcaireachd daimh mar as trice a’ dol am meud as t-fhoghar. ’S iad na trì ciad sheachdainean san Dàmhair a tha as trainge a thaobh ràith stalcaireachd daimh, agus na seachdainean mu dheireadh ann an ràith nan eilidean (a mhaireas bho 21 Dàmhair gu 15 Gearran) a tha as trainge a thaobh nan eilid. Tha e gu sònraichte cudromach cùram a ghabhail aig na h-amannan seo.

Mothaichidh fèidh daoine a tha deagh astar air falbh bhuapa, gu tric fada air thoiseach air an neach-coiseachd a’ toirt an aire dhaibh-san. Dh’fhaodadh do dhaoine a thadhlas air na beanntan, fiù ’s le deagh rùn, briseadh a-steach air stalcaireachd gun fhiosta dhaibh. Nì ceumannan sìmplidh diofar mòr – leithid a bhith a’ planadh slighe a sheachnaicheas àiteachan far a bheil stalcaireachd a’ dol, a bhith toilichte planaichean atharrachadh air an latha agus deònach iarrtasan reusanta bho mhanaidsearan fearainn a leantainn. ’S fhiach a bhith mothachail cuideachd nach bi stalcaireachd a’ toirt buaidh air uiread de shlighean Disathairne, agus chan àbhaist i a bhith a’ dol idir Didòmhnaich.

Thuirt Ali Tait, Oifigear Dhaoine ’s Àiteachan - Stiùireadh Inntrigidh ’s Tadhail aig NàdarAlba:

“Anns a’ bhliadhna mu dheireadh, tha còrr ’s 4600 duine air duilleagan-lìn A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba a chleachdadh – leis a’ chuid as motha dhiubh a’ tighinn aig an àm as trainge as t-fhoghar. Tha an t-seirbheis seo a’ cumail ri Còd Slighean Dùthchail na h-Alba ’s a’ leigeil le daoine planaichean a chur air dòigh a lùghdaicheas a’ chunnairt gum briseadh iad a-steach air stalcaireachd. Tha an t-seirbheis a’ dol am meud, agus mholamaid do dh’uachdaranan ’s manaidsearan fearainn pàirt a ghabhail ann mur h-eil iad air sin a dhèanamh fhathast.”

Thuirt Catriona Davies, Oifigear Inntrigidh & Glèidhteachais aig Sreapadaireachd Alba:

“’S e àm air leth math a th’ anns an fhoghar dèanamh air na beanntan agus, leis an uallach a th’ oirnn a thaobh inntrigidh, feumaidh sinn a bhith mothachail gu bheil e cuideachd na àm cudromach do stiùireadh nam fiadh. ’S e goireas feumail a th’ ann an A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba a leigeas leinn na slighean againn a chur air dòigh airson ’s nach bris sinn a-steach air stalcaireachd fèidh, ach aig an aon àm nach caill sinn cothrom air cruthan-tìre beanntach brèagha. Tha sinn a’ moladh do luchd-coiseachd, ruitheadairean ’s sreapadairean uile sùil a thoirt air A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba mus fhalbh iad a-mach.”

Thuirt Tom Turnbull, Cathraiche Comann Bhuidhnean Stiùireadh nam Fiadh:

“Tha barrachd cudroim a’ tighinn air manaidsearan fèidh àireamh nam fiadh a lùghdachadh a rèir amasan Achd na h-Àrainneachd Nàdarra (Alba) 2026. Tha seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba na goireas riatanach a leigeas le manaidsearan fèidh na targaidean dhan ghnàth-shìde ’s bith-iomadachd a choileanadh. Tha sinn an comain dhaoine a leanas na soidhnichean ’s a’ chomhairle a thaobh inntrigidh, agus a tha, mar thoradh, a’ lùghdachadh na buaidh aig an àm chudromach seo den bhliadhna.”

Chaidh seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba a chur air bhog ann an 2015 agus gheibhear i aig www.outdooraccess-scotland.scot/hftsh. Faodaidh uachdaranan ’s manaidsearan fearainn pàirt a ghabhail san t-seirbheis le bhith a’ cur post-d gu HFTSH@Nature.scot airson barrachd fiosrachaidh.

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

Notes to editors

  • ’S e NàdarAlba a stiùireas seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba.
  • Bho 2023, faodaidh stalcaireachd daimh a bhith a’ dol fad na bliadhna. Bidh a’ chuid as motha den stalcaireachd seo fhathast a’ tachairt eadar An t-Iuchar ’s meadhan na Dàmhair, ’s i as trainge bhon Lùnastal gu meadhan na Dàmhair. Bidh stalcaireachd nan eilidean (an fheadhainn bhoireann) a’ tachairt bhon 21mh Dàmhair dhan 15mh Gearran.
  • Tha na h-amannan stalcaireachd as trainge a’ tighinn a rèir cuairt nàdarra àm a’ bhriodaidh agus gluasadan nam fiadh, cho math ri bhith a’ gabhail suim do mhath nam beathaichean.

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

Downloads

Heading for the Scottish Hills - walker on Creag Meagaidh - copyright NatureScot: Heading for the Scottish Hills - walker on Creag Meagaidh - copyright NatureScot

Heading for the Scottish Hills - walker on Creag Meagaidh - copyright NatureScot

View | Download

Heading for the Scottish Hills - walker on Creag Meagaidh - copyright NatureScot

Heading for the Scottish Hills - walker on Creag Meagaidh - copyright NatureScot

View | Download

Heading for the Scottish Hills - walker on Beinn Eighe NNR - copyright NatureScot: Heading for the Scottish Hills - walker on Beinn Eighe NNR - copyright NatureScot

Heading for the Scottish Hills - walker on Beinn Eighe NNR - copyright NatureScot

View | Download