Skip to main content

15 March, 2024

Clàradh thachartasan airson Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean fosgailte

Clàradh thachartasan airson Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean fosgailte: Photographer capturing a seascape near Mangersta, Isle of Lewis - free use ©Lorne Gill-NatureScot

Tha clàradh thachartasan airson prògram 2024 aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean fosgailte.

Tha an Fhèis a’ sireadh measgachadh de luchd-aoigheachd airson tachartasan a chur air dòigh air feadh nan eilean tron treas chuirm bhliadhnail seo sna h-Eileanan Siar, a bhios a’ dol bho 22mh – 29mh Ògmhios am-bliadhna is Iomall na Fèise a’ ruith rè an Iuchair.

Tha fàilte ro dhaoine aig a bheil ùidh ann an tachartas a chur air dòigh no àite a chur air adhart airson tachartais clàradh air làrach-lìn na fèise: https://www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk/host-an-event

Am measg nan tachartasan aig an fhèis sna bliadhnaichean mu dheireadh bha cuairtean treòraichte, tursan bàta, spòrs air an uisge leithid snorgaladh is surfadh, bùthan-obrach air sgrìobhadh nàdair, trèanadh air suirbhidheadh mhamalan mara, safari an t-seillein-mhòir, trèanadh air aithneachadh ghnèithean, bùthan-obrach Gàidhlig, taisbeanaidhean ealain agus gu leòr eile.

Bidh an Fhèis cuideachd a’ sireadh saor-thoilich a chuidicheas ris an fhèis a thoirt gu buil, cho math ri luchd-ealain a chuireas ri taisbeanadh ealain na Fèise. Gheibhear fiosrachadh mu na cothroman seo air làrach-lìn na Fèise a dh’aithghearr.

Tha an Fhèis ga co-òrdachadh le Gnèithean air an Oir, prògram glèidhteachais luach nam milleanan de nòtaichean airson na gnèithean as teirce a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba a leigheas.

Mar phàirt de dh’obair a’ phrògraim is e a’ dol am bad call na bith-iomadachd air feadh na h-Alba, tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean na cothrom do mhuinntir na sgìre is luchd-tadhail an tuilleadh ionnsachadh mu fhiadh-bheatha shònraichte nan Eilean Siar agus tlachd a ghabhail aiste tro thachartasan leis a’ choimhearsnachd, cho math ri bhith a’ dol an sàs ann an oidhirpean glèidhteachais.

Thuirt Màiri Robastan, Co-òrdanaiche na Fèise bho Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra: “Bha fèis na bliadhna an-uiridh gu math soirbheachail; bha farsaingeachd nan tachartasan air leth agus bha iad nan comharra air na diofar dhòighean anns an gabh sinn tlachd à nàdar ’s mar a bheir e brosnachadh dhuinn. ’S e toileachas a bh’ ann taic a chur ri iomadach pròiseact a bha a’ dol aig ìre na coimhearsnachd, gnìomhachasan ionadail, luchd-ealain is ionadan.

“Am-bliadhna-sa tha sinn an dòchas an tuilleadh dhaoine a bhrosnachadh gus ceangal a dhèanamh ri nàdar is ri chèile agus an tuilleadh ionnsachadh mu ar n-àrainneachd nàdarra air leth agus na dòighean anns an gabh a dìon. Ma tha sibh airson bruidhinn rinn mu bheachd a th’ agaibh airson tachartais, cuiribh fios: mairi.carrey@bumblebeeconservation.org.”

Bha Alasdair Allan, BPA airson nan Eilean Siar is Curaidh Nàdair airson an t-seillein mhòir bhuidhe, na fhear-an-taighe aig fèis na bliadhna an-uiridh agus bha e cuideachd an làthair aig tachartasan eile. Thuirt e: “Bha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean gu math soirbheachail an-uiridh, agus bha e na thlachd dhomh a bhith an sàs innte. Tha sinn cho fortanach an seo sna h-Eileanan Siar gu bheil sàr bheartas nàdair is fiadh-bheatha air an stairsnich againn fhìn, agus mholainn don uiread is a ghabhas de dhaoine a dhol an sàs ann am fèis na bliadhna-sa, bitheadh sin le stiùireadh no frithealadh thachartasan no le bhith a’ dol a-mach a dh’fhaicinn an t-saoghail nàdarra mun cuairt oirnn.”

Tha Gnèithean air an Oir na dhòigh ùr, dhàna air glèidhteachas ghnèithean is e a’ toirt luchd-obrach, goireasan is eòlas bho air feadh na roinn glèidhteachais còmhla airson a dhol am bad call na bith-iomadachd air feadh na h-Alba. Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachais nan Ialtag, Buglife, Urras Glèidhteachais nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-Dè, NàdarAlba, Plantlife agus RSPB na h-Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun phrògram is an obair aige air feadh na h-Alba, faic www.speciesontheedge.co.uk.

Thuirt Anndra MacThòmais, Manaidsear Margaideachd is Conaltraidh aig Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta ann an Alba: “Le taing do chluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta tha sinn a’ cur taic ri pròiseactan Gnèithean air an Oir air feadh cladach is eileanan na h-Alba airson cuid de na gnèithean a tha fon chunnart as motha a dhìon agus cuideachd airson an tuilleadh chothroman a thoirt do choimhearsnachdan a dhol an sàs san obair chudromaich sin.

“Le bhith a’ cur air dòigh tachartas mar phàirt den fhèis bithear a’ togail aire air na cothroman a th’ ann taic a chur ris an dualchas nàdarra, a’ ruigsinn an tuilleadh dhaoine le fiosrachadh air mar a thig iad an sàs ann agus cothrom bruidhinn air na buannachdan dha ar sunnd a thig an cois nàdair.”

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

Downloads

Photographer capturing a seascape near Mangersta, Isle of Lewis - free use ©Lorne Gill-NatureScot: Photographer capturing a seascape near Mangersta, Isle of Lewis - free use ©Lorne Gill-NatureScot

Photographer capturing a seascape near Mangersta, Isle of Lewis - free use ©Lorne Gill-NatureScot

View | Download

Lapwing-Lorne Gill NatureScot: Lapwing-Lorne Gill NatureScot

Lapwing-Lorne Gill NatureScot

View | Download

North Uist event (Katy Malone): North Uist event (Katy Malone)

North Uist event (Katy Malone)

View | Download

OHWF Whale (c) Mairi Carrey - BBCT: OHWF Whale (c) Mairi Carrey - BBCT

OHWF Whale (c) Mairi Carrey - BBCT

View | Download

Arctic Tern in Flight with Fish (c) Jack Barton: Arctic Tern in Flight with Fish (c) Jack Barton

Arctic Tern in Flight with Fish (c) Jack Barton

View | Download

Little tern feeding check on beach Lyn Ibbitson RSPB: Little tern feeding check on beach Lyn Ibbitson RSPB

Little tern feeding check on beach Lyn Ibbitson RSPB

View | Download

Bumblebee safaris photo - free use picture - please credit Katy Malone-BBCT: Bumblebee safaris photo - free use picture - please credit Katy Malone-BBCT

Bumblebee safaris photo - free use picture - please credit Katy Malone-BBCT

View | Download