13 November, 2025
Cinn-là Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2026 gam foillseachadh an dèidh soirbheis mhòir am bliadhna
Bidh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean air ais ann an 2026 leis cho soirbheachail ’s a bha an fhèis am bliadhna. Bha i na bu mhotha na a-riamh roimhe le còrr is 5000 neach a’ gabhail pàirt ann an còrr is 80 tachartas air feadh nan eilean.
Thèid fèis na h-ath-bhliadhna – a’ chòigeamh tè – a chumail eadar an 20mh agus an 27mh latha dhen Ògmhios 2026 agus cumaidh iomall na fèise a’ dol tron Iuchar.
’S e fèis fo stiùir na coimhearsnachd a th’ ann am Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean, le co-òrdanachadh o phrògram glèidhteachas nan gnèithean ann an cunnart, Gnèithean air an Oir. Cuiridh buidhnean, gnìomhachasan, carthannasan is muinntir an àite ri chèile prògram air leth gach bliadhna, tachartasan a chomharraicheas tìr, dualchas cultarach is fiadh-
bheatha nan Eilean Siar.
Eadar Leòdhas is Barraigh, bha iomadh rud ann am prògram na fèise ann an 2025, eadar coiseachd fo stiùireadh, dàna-thursan aig muir, bùthan-obrach cruthachail is tachartasan cultarach a thug cothrom do dh’aoighean is muinntir an àite bith-iomadachd shònraichte nan Eilean a rùrachadh is an ceangal ris ath-bheòthachadh.
Thuirt Sharon Nic a’ Phearsain, a bha aig Fèis na Fiadh-bheatha: “Chòrd e rium cho mòr a bhith aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean, fìor dheagh chothrom gabhail air do shocair, èisteachd a dhèanamh agus a dhol an sàs tìr is fiadh-bheatha mhìorbhaileach nan eilean seo agus nan daoine a tha ag obair ann airson a chomharradh is a dhìon.”
Thuirt Fiona Strachan, manaidsear prògraim aig Gnèithean air an Oir: “Tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean na sàr-chothrom fiadh-bheatha mhìorbhaileach is phrìseil nan eilean a chomharradh, agus an tìr is na daoine a thug beatha dhaibh fad linntean. Tha e na chothrom cuideachd aire a tharraing dhan staing sa bheil iad agus mar as urrainn dhuinn uile taic a chumail riutha airson ’s gum mair iad beò.
Bu toil leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt san fhèis am bliadhna. Cha bhiodh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean ann às aonais nam buidhnean, gnìomhachasan ionadail is muinntir an àite a chuireas air chois sreath cho mìorbhaileach de thachartasan gach bliadhna agus cuideachd dhan fheadhainn a thadhail oirnn ’s a ghabh pàirt. Bidh sinn gur feitheamh uile a-rithist ann an 2026!”
Criomagan bho fhèis na bliadhna-sa
Bha rudeigin aig fèis na bliadhna dhan a h-uile duine: tursan bàta, obair-ealain is làmh-cheàrdan mu nàdar, cuairt nan eun ann am Beurla agus Gàidhlig, tursan snorcalaidh, faire a’ chladaich, bùthan-obrach mun ghnàth-shìde, taisbeanaidhean ealain is dhealbhan, tursan nan seilleanan-mòra ’s mòran a bharrachd.
Am measg prìomh thachartasan a’ phrògraim bha pròiseact ealain ioma-chuspaireach ‘Keening: Song of the Stranding’ leis an neach-ealain lèirsinneach Sam Gare, an luchd-ciùil Alex South, Nerea Bello agus Katherine Wren agus coireògrafaiche Aya Kobayashi, a’ cuimhneachadh tràigheadh mòr nam mucan-mara ceannmhor ann an Tolastadh bho Thuath ann an 2023. Chùm Sam bùthan-obrach aig an fhèis, a’ toirt cuireadh do dhaoine na mucan-mara a chuimhneachadh le bhith a’ cruthachadh mucan-mara mas fhìor dhen aon mheud ’s a bha na beathaichean iad fhèin.
Aig deireadh a’ phròiseict thàinig daoine còmhla air an Tràigh Mhòir – far an tàinig na mucan-mara air tìr ann an 2023 – a’ toirt cruinn saidheans, ceò agus na h-ealain a bheir urram dhan 55 muc-mhara agus airson an caoineadh. Bha ceòl beò aig a’ chuimhneachadh a chaidh a sgrìobhadh dhan tachartas, na h-ochd mucan-mara mas fhìor a rinneadh sna bùthan-obrach sa choimhearsnachd agus rinn na daoine a bha an làthair mucan-mara de ghainmheach air an latha. Mean air mhean, dh’fhalbh na mucan-mara gainmhich leis an làn àrd.
Thuirt Sam Gare: “Nam sheasamh air an tràigh ud, ri taobh uiread a dhaoine, bha e a’ faireachdainn mar gun robh nasg eadarainn uile, ri càch a chèile, ris an àite agus ris na mucan-mara. Tha mi an dòchas gun tug sinn cothrom cnuasachaidh do dhaoine, an cuimhneachadh agus faochadh an dèidh bròn an tràghaidh. Bha e na urram cho mòr a bhith na phàirt de rud a bha cho smaoineachail eadar uiread a dhaoine.”
Chùm Urras Mucan-mara is Leumadairean nan Eilean (HWDT) sreath de thachartasan rè na fèise, a’ falbh air suirbhidhean faire-chladaich, a’ cumail sùil airson mamalan-mara agus gan clàradh. Chaidh an carthannas air bòrd MV Loch Shìophoirt – an t-aiseag aig CalMac a dh’fhalbhas eadar Steòrnabhagh is Ulapul – a choimhead air mucan-mara, leumadairean-mara is peileagan aig muir.
Thuirt Sadie on HWDT: “Bha e cho math a bhith nar pàirt de dh’Fhèis Fiadh-bheatha nan Eilean. Chuir e bith-iomadachd nan eilean fo phrosbaig agus na diofar dòighean air an gabh daoine pàirt ann an saidheans shaoranach. Le bhith a’ gabhail pàirt, b’ urrainn dhan HWDT bruidhinn ri daoine ùra agus an tàladh chun na h-aplacaid againn, Whale Track, airson pàirt a ghabhail ann an saidheans shaoranach le bhith a’ clàradh mucan-mara a chì iad.”
Thuirt Sharon, a chaidh gu iomadh tachartas rè na fèise: “Thug e tlachd cho mòr dhomh a dhol gu iomadh tachartas a chomharraich tìr, bith-iomadachd agus dualchas cultarach àraidh nan eilean. Dh’fhalbh mi air cuairt stiùirichte air a’ mhachair ann am Baile Raghnaill airson sùil gheur air a’ bhith-àrainn ainneamh is bhrisg seo. Chaidh mi an uair sin gu tachartas Bumblebee G&T le Taigh-staile Uibhist a Tuath agus Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, seisean inntinneach a chuir blasad sineubhair agus deasbad nan seilleanan còmhla, ag innse dè cho cudromach ’s a tha iad dhan bhith-iomadachd agus dhuinn fhìn nar beatha làitheil.
Bha mi cuideachd aig tachartas an RSPB, Cuairt cainnt nan eun, a mhìnich dhuinn dè cho mòr ’s a tha an ceangal eadar beatha nan eun agus cultar na Gàidhlig agus innse sgeulachdan. Agus an rud mu dheireadh a rinn mi, chaidh mi gu Taisbeanadh Ealain Fèis na Fiadh-bheatha san Lanntair ann an Steòrnabhagh agus chun a’ bhùth-obrach aig Sam Gare ‘In the Wake of Whales’, freagairt thiamhaidh ach chruthachail leis a’ choimhearsnachd do thràghadh nam mucan-mara ceannmhor ann an 2023.”
Faigh barrachd fiosrachaidh mu Fhèis Fiadh-bheatha nan Eilean agus mar a ghabhas tu pàirt an ath-thuras air làrach-lìn na fèise: www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk
Contact information
- Name
- Eilidh Ross
- eilidh.ross@nature.scot
Notes to editors
Available in English: https://speciesontheedge.co.uk/outer-hebrides-wildlife-festival-2026-dates-announced-following-wild-success/
Tha iomadh com-pàirtiche an sàs ann am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir is ann an co-bhonn ri coimhearsnachdan tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba.
Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas. Tha am prògram a’ dol ann an seachd sgìrean ann an Alba: Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-Staigh; Innse Gall; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; An Costa an Ear; Linne Shalmhaigh.
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot






