10 January, 2020
Ceòl ùr na mara a’ comharrachadh Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan
Thèid àrainneachd mara na h-Alba a thaisbeanadh aig cuirm shònraichte aig Celtic Connections airson Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan 2020 a chomharrachadh.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) air an neach-ciùil cliùiteach, Ingrid NicEanruig, fhastadh airson pìos ciùil ùr stèidhichte air gluasadan sruthan na mara a dhealbhadh, Message in a Bottle.
Tha an taisbeanadh lèir-chlaisneach, anns a bheil ceòl, òrain, Gàidhlig, film is dealbhan-beò, a’ measgachadh ceòl Ingrid le eòlas is rannsachadh beairteach SNH.
Tha am pìos a’ tòiseachadh le sgeul fìrinneach mu bhalach òg à Armagh ann an 2008 a chuir brath ann am botal sa mhuir a thàinig gu tìr ann an Canaigh an ceann deich bliadhna eile.
Tha slighean iongantach fiadh-bheatha is eòin na mara gan cur ris a’ phìos, cuide ris an eisimeileachd againn air a’ mhuir thar nan linntean agus mar a tha cànanan is cultaran a’ measgachadh air a’ chosta againn, fhad ‘s a tha buaidh atharrachadh na gnàth-shìde air cuantan an t-saoghail ga taisbeanadh.
Thèid Message in a Bottle a thaisbeanadh airson a’ chiad uair aig latha Coastal Connections aig Celtic Connections, Disathairne 18 Faoilleach, mus tèid e air adhart gu fèisean air feadh na h-Alba.
Thuirt Ingrid: “Tha mi fìor thoilichte a bhith ag obair còmhla ri SNH air a’ phìos chiùil shònraichte seo airson Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan a comharrachadh.
“Thogadh mi fhèin ann am Mallaig air an taobh siar, mar sin tha meas mòr agam air cuspairean na bliadhna agus air a’ phìos chiùil. Bha mi air mo chuairteachadh leis a’ cheangal eadar coimhearsnachd is a’ mhuir nam òige – a’ bhuannachd nuair a bha an gnìomhachas a’ dol gu math ach cuideachd call nan daoine agus na h-àrainneachd.
“Tha buaidh na mara ri cluinntinn ann an òrain is ceòl na Gàidhealtachd is nan Eilean, anns a bheil gaol agus call, tursan dàna agus bròn.”
Tha an coimisean air aon de ghrunnan thachartasan is phròiseactan sònraichte le SNH a tha a’ comharrachadh nan cladaichean is uisgeachan againn agus an cuid fiadh-bheatha fad na bliadhna airson aire a thoirt air cho cudromach ‘s a tha cuantan fallainn.
Thuirt Becky Sheathach, Comhairliche Leasachadh Dùthchail SNH: “Tha sinn air ar dòigh glan a bith a’ co-obrachadh le Ingrid air an taisbeanadh shònraichte seo air latha ceanglaichean a’ chladaich aig Celtic Connections.
“Tha ceanglaichean làidir ann o chionn fhada eadar ceòl traidiseanta, a’ Ghàidhlig agus àrainneachd mhara na h-Alba agus tha sinn an dòchas gum beothaich am pìos seo muir is fiadh-bheatha mara na h-Alba do dhaoine ùra tro cheòl is òrain.
“Tha mòran mu na cladaichean is na h-uisgeachan againn às am bu chòir dhuinn a bhith moiteil agus tha fiughair againn ri bhith a’ brosnachadh dhaoine gu tighinn a-mach is tlachd fhaighinn asta cho tric ‘s a ghabhas ann am Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan.”
Tha an luchd-ciùil Anna Massie, Megan NicEanruig agus Conal McDonagh an sàs ann am Message in a Bottle cuideachd agus tha ealain lèirsinneach ann le Somhairle MacDhòmhnaill agus dealbhan-beò le Cat Bruce.
Tha barrachd fiosrachaidh agus tiocaidean rim faighinn aig: https://www.celticconnections.com/event/1/coastal-connections-festival-in-a-day
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on Twitter at https://twitter.com/nature_scot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air Twitter aig https://twitter.com/nature_scot