18 July, 2019
Cèilidhean a’ tighinn chun nan àiteachan nàdarra as àlainne an Alba

’S e àiteachan iongantach a th’ anns na Teàrmainn Nàdair Nàiseanta againn aig àm sam bith den bhliadhna. As t-samhradh-sa ge-tà tha adhbhar eile ann tadhal orra. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a’ dèanamh fiughair ri com-pàirteachas còmhla ri Fèis Rois a thaisbeanas cuirmean-ciùil beò am measg seallaidhean ’s fuaimean sònraichte ar saoghail nàdarraich.
Thairis air na beagan seachdainean air thoiseach oirnn, bidh a’ Chèilidh air Chuairt a’ tadhal air seachd de na teàrmainn nàdair nàiseanta againn ’s a’ cur ri ar n-obair leantainneach a bhios a’ dèanamh ceangal eadar daoine ’s nàdar air feadh na h-Alba.
Tha na tachartasan poblach seo mar phàirt de shreath farsaing de thachartasan airson tuilleadh luchd-tadhail a thàladh chun nan teàrmann agus beachdan a dhùsgadh air dè ghabhas a dhèanamh leinn uile airson nàdar a chuideachadh.
Thuirt Ceannard nan Teàrmann Nàdair, Stiùbhart MacGuaire: “Tha fadachd oirnn fàilte a chur air luchd-tadhail chun nan teàrmann nàdair nàiseanta againn airson nàdar ’s ceòl math a mhealtainn. Bidh sinn uile a’ faighinn iomadach buannachd à nàdar – agus tha dleastanas oirnn pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cruthachadh saoghal airson an ama ri teachd a bhios beartach a thaobh nàdair. Chan ann a-mhàin mu ghlèidhteachas a tha seo – tha neartachadh ar nàdair cuideachd na phàirt den fhuasgladh air suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde.”
“Tha e a’ sìor-thighinn am follais gu bheil ar n-òigridh nan luchd-iomairt dealasach san t-strì an aghaidh call ar n-àrainnean ’s gnèithean nàdarra. Tha e sgoinneil gum bi sàr luchd-ciùil òga a’ cleachdadh an cuid sgilean ’s tàlantan airson barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus a dhol an sàs ann an cuideachadh ri nàdar a bheartachadh.”
Thuirt Fiona Dalgetty, Àrd-oifigear Fèis Rois: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil ar com-pàirteachas còmhla ri SNH a’ leantainn airson an t-siathaimh bliadhna. Tha dlùth-cheangal eadar a’ Ghàidhlig, ceòl traidiseanta agus cruthan-tìre na h-Alba. Tha iomradh air an t-saoghal nàdarra ann an tòrr de na fuinn ’s na h-òrain a chluicheas ’s a sheinneas an luchd-ciùil againn. ’S e pròiseact turasachd chultarach sònraichte a th’ anns a’ Chèilidh air Chuairt ’s e na chothrom do luchd-tadhail sàr cheòl traidiseanta a chluinntinn ann an àiteachan air leth air feadh na h-Alba.”
Bidh cèilidhean nan tèarmann a’ faighinn gu dol le cùirm aig Beinn Eighe air 23 An t-Iuchar, mus tadhail an luchd-ciùil air Tèarmainn Nàdair Nàiseanta Àird Eaba, Eas Chluaidh, Crag a’ Chnocain, Fors An-Àird, Cairnsmore of Fleet agus Loch Fleòid. Tha e saor an-asgaidh a dhol chun nan cùirmean agus tha fàilte ron a h-uile duine. Gheibhear cinn-latha air làrach-lìn Fèis Rois.
Nòtaichean an deasaiche
Bidh Fèis Rois a’ toirt chothroman do dhaoine de gach aois pàirt agus tlachd a ghabhail sna h-ealain dhualchasach agus Gàidhlig a chleachdadh is eòlas a chur air a’ chànan tro phrògram farsaing de thachartasan ann an Ros is Cromba, air feadh na h-Alba agus ann an dùthchannan eile. Stèidhich Fèis Rois prògram soirbheachail Cèilidh air Chuairt ann an Siorrachd Rois ann an 2000 agus thòisich Fèis Rois Cèilidh air Chuairt Nàiseanta air feadh na h-Alba ann an 2012. Cho math ri bhith a’ siubhail na Gàidhealtachd, bidh na Cèilidhean air Chuairt aig Fèis Rois cuideachd a’ tadhal air Baile Obar Dheathain ’s an t-Siorrachd, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, Dùn Dè is Siorrachd Aonghais, Peairt is Ceann Rois, Dùn Èideann ’s Lodainn an Ear, Glaschu, Fìobha, Siorrachd Lannraig, Siorrachd Pheairt, agus Crìochan na h-Alba.
Ceilidhs to come to Scotland’s most beautiful natural places
Scotland’s National Nature Reserves (NNRs) are special places to visit at any time of the year. However, this summer there is an extra attraction. Scottish Natural Heritage (SNH) is excited to partner with Fèis Rois to provide live music performances amongst the incredible sights and sounds of our natural world.
Over the coming weeks, the Fèis’ Ceilidh Trail will visit seven of our NNRs to help support our ongoing work of connecting people and nature across Scotland.
These public events are part of a broad range of activities to encourage more visitors to the reserves and, in turn, explore what we can all do to give nature a helping hand.
Head of Nature Reserves, Stuart MacQuarrie, said: “We’re hugely looking forward to welcoming visitors to our NNRs for a celebration of nature and fantastic music. We all benefit from nature in many ways – and we all have a role to play in creating a nature-rich future in Scotland. It’s not just about conservation - enhancing our nature is also part of the solution to the climate emergency.”
“Increasingly, young people are inspirational drivers in the call to tackle the loss of our natural habitats and species. It is great that outstanding young musicians will be using their skills and talents to encourage more people to get involved in helping nature flourish.”
Fiona Dalgetty, Chief Executive of Fèis Rois said: "We are delighted to continue our partnership with SNH for a sixth year. There is a strong connection with the Gaelic language, our traditional music and the Scottish landscapes. A number of the melodies our musicians play and the songs they sing reference the natural world. The Ceilidh Trail is an innovative cultural tourism project that enables visitors to hear high quality traditional music in unique locations across Scotland."
The Ceilidh Trail’s NNR performances kick-off with a visit to Beinn Eighe on 23 July, before appearances at St Abb’s, Falls of Clyde, Knockan Crag, Forsinard, Cairnsmore of Fleet and Loch Fleet NNRs. These performances are free of charge and open to all. Dates and times can be found of Fèis Rois’ website.
Notes to editor
Fèis Rois enables people of all ages to access, participate in and enjoy the traditional arts and Gaelic language through a diverse programme of activities in Ross and Cromarty, across Scotland and beyond. Fèis Rois established its successful Ceilidh Trail programme in Ross-shire in 2000 and began a National Ceilidh Trail for Scotland in 2012. As well as Cairsmore covering a significant area of the Highlands, Fèis Rois’ Ceilidh Trails visit Aberdeen City and Shire, Dumfries and Galloway, Dundee and Angus, Perth and Kinross, Edinburgh and East Lothian, Glasgow, Fife, Lanarkshire, Perthshire and the Scottish Borders.
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot