01 September, 2025
Àrd-oifigear ùr air ainmeachadh do NàdarAlba

Tha NàdarAlba an-diugh air innse gun deach Nick Halfhide a chur ann an dreuchd mar Àrd-oifigear air stèidh mhaireannach.
Tha seo a’ tighinn às dèidh pròiseis fastaidh mionaidich agus chaidh aontachadh le Ministearan na h-Alba.
Tha còrr is 30 bliadhna de dh’eòlas stiùbhardachd àrainneachdail aig Nick. Cho math ri bhith na Àrd-oifigear eadar-amail bhon Fhaoilleach 2025, bha e roimhe na Stiùiriche air Nàdar is Atharrachadh na Gnàth-shìde aig NàdarAlba, agus cuideachd na Àrd-oifigear aig Iomairt Ceann a Deas na h-Alba agus Coimisean nam Fiadh.
Thuirt Rùnaire na Gnàth-shìde Gillian Martin: “Tha dealas againn do dh’àrainneachd nàdarra na h-Alba a leigheas mar phrìomh dhòigh air aghaidh a thoirt air an dà chùis-èiginn de chall nàdair is atharrachadh na gnàth-shìde còmhla. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cumail orm ag obair còmhla ri Nick airson na cruthan-tìre is fiadh-bheatha againn a dhìon airson is gun gabh na ginealaichean ri thighinn tlachd annta.”
Thuirt Cathraiche NàdarAlba, Colin Galbraith: “Tha Nick a’ toirt leis beartas eòlais air obair an riaghaltais is buidhnean an riaghaltais sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus tha deagh thuigse aige air a bhith a’ cumail taic ri iomadh coimhearsnachd is buidheann-ùidhe air feadh na h-Alba. Tha e mion-eòlach air NàdarAlba, air àrainnean is gnèithean na h-Alba agus air na rudan a tha a’ toirt buaidh orra. Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ri bhith ag obair còmhla ri Nick sna bliadhnaichean air thoiseach oirnn, aig àm a bhios air leth cudromach do nàdar is dha daoine air feadh na dùthcha.”
Thuirt Nick Halfhide: “’S e urram a th’ ann dhomh a bhith a’ gabhail dreuchd an Àrd-oifigeir aig NàdarAlba. ’S e an t-amas agam nàdar ann an Alba a thoirt am feabhas do mhuinntir na h-Alba, dha na gnìomhachasan a tha an eisimeil air, agus do nàdar fhèin. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ris an sgioba thàlantach aig NàdarAlba, agus ris na coimhearsnachdan, gnìomhachasan, is buidhnean air feadh na h-Alba aig a bheil meas cho mòr air nàdar.”
Thòisich Nick na àrd-oifigear eadar-amail nuair a ghabh an t-seann àrd-oifigear aig NàdarAlba, Francesca Osowksa, dreuchd ùr na h-àrd-oifigear aig Comhairle Maoineachaidh na h-Alba anns an Fhaoilleach 2025, às dèidh dhi a bhith anns an dreuchd aig NàdarAlba bhon Dàmhair 2017.
Tha grunn dreuchdan ceannardais taobh a-staigh NàdarAlba air a bhith aig Nick thar nam bliadhnaichean. O chionn ghoirid bha e na Stiùiriche air Nàdar is Atharrachadh na Gnàth-shìde agus ron sin na Stiùiriche air Fàs Seasmhach agus na Stiùiriche Obrachaidhean is Ceannard Obrachaidhean. Ann an 2020, chaidh fho-fhastadh gu dreuchd an àrd-oifigeir eadar-amail aig Iomairt Ceann a Deas na h-Alba far an do shoirbhich leis a’ stèidheachadh buidheann phoblach ùr aig àm a’ phandemic eadar-nàiseanta is crìonadh an eaconamaidh. Cha b’ e seo a’ chiad uair a bha e na àrd-oifigear ’s e roimhe na àrd-oifigear air stèidh mhaireannach aig Coimisean nam Fiadh fad ceithir bliadhna, mus deach an Coimisean a chur còmhla ri Dualchas Nàdair na h-Alba ann an 2010. Bha àrd-dreuchdan aig Nick còmhla ri Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh cuideachd.
CRÌOCH
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot