20 November, 2026
An Teàrmann Nàdair Nàiseanta as sine san RA a’ comharrachadh 75 bliadhna
Tha Beinn Eighe, a’ chiad Teàrmann Nàdair Nàiseanta anns an Rìoghachd Aonaichte, a’ comharrachadh 75 bliadhna Didòmhnaich seo tighinn (22 Samhain).
Chaidh teàrmann NàdarAlba air cladach Loch MaRuibhe ainmeachadh anns an t-Samhain 1951 airson a’ phàirt a bu mhotha den t-seann choille-ghiuthais Chailleanaich ann an iar-thuath na h-Alba a dhìon.
On uair sin, tha na coilltean prìseil seo air fàs mu 41%, agus timcheall air 800,000 craobh air an cur. ’S e craobhan giuthais a th’ anns a’ chuid as motha dhiubh seo cuide ri seòrsachan duilleige-leathainne leithid beithe, critheann, cuileann, caorann is darach, a bha uile air am fàs ann an lios-àraich chraobhan air an làraich fhèin le sìol a chruinnicheadh air an teàrmann.
Tha na h-àiteachan seo a-nis a’ ceangal ri chèile nam mìrean den t-seann choille, a’ cruthachadh àrainneachd a tha fada nas fheàrr dha fiadh-bheatha, feòragan, taghanan, coilich-dhubha is tairbh-nathrach annasach nam measg.
Thathar a-nis a’ coimhead às dèidh an teàrmainn ann an dòigh a bhrosnaicheas ath-bheòthachadh nàdarra airson a’ choille a leudachadh barrachd.
Tha Doug Bartholomew bho NàdarAlba air a bhith na Mhanaidsear Teàrmainn aig Beinn Eighe fad 10 bliadhna.
A’ meòrachadh air na tha a’ fàgail an teàrmainn cho sònraichte, thuirt e: “Tha coille air a bhith an seo aig Beinn Eighe bhon linn-deighe mu dheireadh, agus mar sin ’s ann àrsaidh dha-rìribh a tha i. Bidh cuid de na craobhan as sine a th’ againn an seo mu 400 bliadhna a dh’aois.
“Tha sinn a’ faighinn tòrr mòr uisge, còrr is dà mheatair sa bhliadhna, agus tha an t-sìde fhliuch seo uabhasach cudromach dhan choille, a tha ga meas mar choille-uisge mheasarra. Gheibh thu measgachadh mòr, mòr de ghnèitean ris an còrd cho fliuch ’s a tha i agus bidh crotal, cuisle-aibheach is còinneach a’ còmhdachadh nan craobhan. Mar sin chan e na craobhan fhèin a-mhàin, ach am measgachadh sin air fad agus na diofar sheòrsachan, a tha an urra ris a’ choille-ghiuthais an seo.”
On a chaidh ainmeachadh, tha iomadh atharrachadh air tighinn air Beinn Eighe, eadar gnothaichean matha, leithid na coilltean gan leudachadh agus barrachd luchd-tadhail a’ faighinn tlachd às an àite, gu cùisean dùbhlanach, buaidh atharrachadh na gnàth-shìde nam measg.
Thuirt Doug: “Taobh a-staigh beatha na coille, chan fhaic gach manaidsear ach boillsgeadh dhi, agus feumaidh foighidinn a bhith agad. Chan eil thu ach nad neach-glèidhidh air a’ choille tron ùine ud, ach gu dearbh tha mi air an aire a thoirt do phàirtean den choille a tha a’ fàs às ùr agus tha e na adhbhar toileachais a bhith a’ faicinn an atharrachaidh slaodaich sin a’ tòiseachadh fhad is tha mi an seo.
“A thaobh nan gnothaichean a tha nas dùbhlanaiche, tha sinn dha-rìribh a’ faicinn tachartasan sìde nas motha is iad a’ tachairt nas trice, mar eisimpleir an abhainn na speid is a’ sguabadh air falbh nan ceuman-coiseachd. Tha sinn a’ faicinn greisean nas tiorma as t-samhradh cuideachd a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air cuid a ghnèithean – leithid tairbh-nathrach annasach dha bheil Beinn Eighe na àite sònraichte. Tha iad an eisimeil air glumagan boglaich dhan larbha aca. Bidh cuid de na glumagan seo a’ tiormachadh bho àm gu àm agus ’s dòcha gum bi buaidh aig sin san ùine fhada.
“Tha na rudan seo a’ dèanamh dragh dhuinn, ach tha sinn an dòchas gu bheil ar n-obair an seo a’ ceangal ri chèile nam mìrean den choille àrsaidh agus a’ cruthachadh àrainn nas seasmhaiche a tha a’ dol a chuideachadh ri aghaidh a chur air na h-atharrachaidhean seo.
“A’ coimhead air adhart dhan 75 bliadhna ri thighinn, tha sinn airson is gun cùm sinn oirnn a’ faicinn nan coilltean a’ dol am feabhas leis a h-uile gnè dhùthchasach ris am biodh tu an dùil annta. Tha sinn ag iarraidh barrachd dhaoine a thighinn a ghabhail tlachd às an teàrmann is ionnsachadh mu dheidhinn, a’ cur luach ann an nàdar is sna h-àrainnean an seo agus a’ toirt air falbh leotha, gu ge air bith cò às a tha iad, cho cudromach is a tha e gun gabh sinn cùram de na h-àiteachan seo agus gun glèidh sinn iad dha na ginealaichean ri thighinn.”
Tha Teàrmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe ri taobh Teàrmann Nàdair Nàiseanta Thoirbheartan le Urras Nàiseanta na h-Alba – an tèarmann nàdair nàiseanta às ùire san Rìoghachd Aontaichte às dèidh dha ainmeachadh fhaighinn le NàdarAlba san Lùnastal. Tha an dà theàrmainn le chèile nam pàirt de Chom-pàirteachas Gleann Thoirbheartan, anns a bheil uachdaranan na sgìre ag obair airson àrainnean ath-bheòthachadh thairis air còrr is 30,000 heactair.
Faic an làrach-lìn againn airson barrachd fiosrachaidh mu Theàrmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe.
CRÌOCH
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot






