Skip to main content

03 February, 2026

Albannaich ‘aig teis-meadhan’ plana do dh’ath-shlànachadh nàdair

Albannaich ‘aig teis-meadhan’ plana do dh’ath-shlànachadh nàdair: Wildlife spotting at the Outer Hebrides wildlife festival. © Eilidh Ross/Species on the Edge.

Tha buidheann nàdair na h-Alba air plana àrd-amasach fhoillseachadh a chuireas daoine aig teis-meadhan ath-shlànachadh nàdair ann an Alba.

Dh’fhoillsich NàdarAlba am plana aca, a mhaireas ceithir bliadhna, an-diugh. Tha e a’ cuimseachadh air seasmhachd na h-Alba a neartachadh mu choinneamh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde le bhith ag ath-stèidheachadh a’ cheangail eadar daoine is nàdar airson na buannachdan a thig na chois a thoirt dhan a h-uile duine.

Tha dealas làidir aig NàdarAlba do cho-obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan, tuathanaich, iasgairean, luchd-leasachaidh is ùghdarrasan ionadail airson call nàdair a stad ro 2030 agus nàdar na h-Alba ath-shlànachadh ro 2045.

Le bhith a’ toirt dhaoine is nàdar còmhla, tha am plana a’ cur roimhe lèirsinn de dh’Alba a thoirt gu buil anns am bi beartas nàdair is soirbheas dhaoine. 

Tha buannachdan mòra na dòigh seo rim faicinn mar-thà le pròiseactan leithid Gnèithean air an Oir. Le taic bho Mhaoin-Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha NàdarAlba is seachd carthannasan glèidhteachais ag obair gu dlùth ri coimhearsnachdan ionadail is manaidsearan fearainn airson 37 gnèithean air a’ chladach a tha fon chunnart as motha a chuideachadh airson an ama ri teachd.

Agus tro Mhaoin Ath-shlànachadh Nàdair aig Riaghaltas na h-Alba, anns a bheil luach £65 millean, tha daoine a’ faighinn taic is brosnachadh cùram a ghabhail ri nàdar na sgìre aca. Ann am Fìobha, tha Com-pàirteachas Coimhearsnachd Chair Aile air seann raon-adhair a thionndadh na thèarmann nàdair coimhearsnachd, far am faigh fiadh-bheatha is daoine tlachd.

Tha pròiseactan àrainneachdail ann am bailtean mòra is beaga a’ cuideachadh ri nàdar a thoirt a-steach do bheatha làitheil dhaoine, le slighean-siubhail nas sàbhailte is nas fhallaine agus àitichean anns am faod daoine fois a ghabhail. Tha pròiseact ann an Glaschu, air a bheil an Canal and North Gateway, na fhìor dheagh eisimpleir far an deach coimhearsnachdan beòthail a thogail air seann fhearann gnìomhachais, le slighean coiseachd is rothaireachd ùra, is dìon thuiltean. 

Chan ann a-mhàin gun tig piseach air bith-iomadachd is a’ ghnàth-shìde ann an saoghal nàdarra nas fhallaine ach tha buannachdan ann do shlàinte is sunnd dhaoine cuideachd. A rèir Oifis nan Stadastaig Nàiseanta, tha na buannachdan slàinte a thig an cois nàdair a’ sàbhaladh Seirbheis Slàinte na h-Alba còrr is £1 billean gach bliadhna. Cho math ri sin, tha ath-shlànachadh nàdair is planntrais chraobhan ùra a’ lùghdachadh truailleadh adhair gu mòr ann an Alba, a’ sàbhaladh £868 millean ann am buannachdan slàinte.

Nì NàdarAlba na leanas sna ceithir bliadhnaichean a tha romhainn:

  • Ceanglaichean dhaoine ri nàdar a neartachadh, a’ leasachadh luchd-obrach is sgilean, le obair shaor-thoileach is saidheans shaoranach na mheasg.
  • Obair còmhla ri tuathanaich, coilltearan, iasgairean is manaidsearan fearainn eile airson na th’ ann de bhith-iomadachd a mheudachadh air tuathanasan, coilltean is anns a’ mhuir.
  • Co-dhiù 30% dhen tìr, mhuir is dhe na h‑aibhnichean a dhìon ro 2030, air an t-slighe gu ath-shlànachadh.
  • Spionnadh a chur ann an ath-shlànachadh mòintichean na h-Alba, a’ cuideachadh gu mòr le sgaoilidhean carboin ann an Alba a lùghdachadh.
  • Stiùireadh seasmhach nam fiadh air feadh na h-Alba a leudachadh airson leigeil le bith-àrainnean ath-shlànachadh gu nàdarra.
  • Ìrean nas àirde de dh’inbheisteadh cùramach bhon roinn phoblaich is phrìobhaidich ann an ath-shlànachadh nàdair is seasmhachd na gnàth-shìde.

Thuirt Rùnaire na Gnàth-shìde Gillian Mhàrtainn:

“Tha nàdar na h-Alba is na buannachdan nàdarra aice cudromach do dhaoine, coimhearsnachdan is dhan eaconamaidh. Tha e riatanach gun seas na buannachdan seo mu choinneamh atharrachadh na gnàth-shìde is call na bith-iomadachd ma tha sinn a’ dol a thoirt nan iomadh buannachd a thig nan cois do dh’Alba gu bàrr.

“Tha mi toilichte aontachadh ris an ath-phlana, a mhaireas ceithir bliadhna, aig NàdarAlba. Tha e a’ cur roimhe tuigse is ceangal eadar daoine is nàdar a neartachadh agus tha dealas aige do dh’obair a dhèanamh còmhla ri gnìomhachasan air inbheisteadh a bhios math dha nàdar ’s a chuireas taic ri fàs eaconomaigeach.

Thuirt Cathraiche NàdarAlba An t-Ollamh Colin Galbraith:

“Tha sinn an ìmpis bòidhchead, luach is buannachdan nàdair a chall leis gu bheil an saoghal nàdarra againn ann an èiginn a tha a’ fàs nas miosa, agus nach eil coltas ann gu bheil atharrachadh na gnàth-shìde a’ dol nas slaodaiche.

“Ach nuair a thig daoine is nàdar còmhla, gabhaidh rudan mìorbhaileach a thoirt gu buil. Le bhith a’ cur daoine aig teis-meadhan ath-shlànachadh nàdair, thèid againn air car a chur ann ’s tlachd a ghabhail à buannachdan nàdair, ge bi càite a bheil sinn a’ fuireach agus dè tha sinn ris.

“Tha am plana seo a’ cur an cèill nan ceumannan dàna a ghabhas NàdarAlba, còmhla ris na com-pàirtichean is coimhearsnachdan againn, airson bith-iomadachd a thoirt am meud is aghaidh a chur air atharrachadh na gnàth-shìde, airson beartas nàdair is soirbheas dhaoine.”

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

Notes to editors

Tha plana NàdarAlba do 2026-2030 a’ togail air soirbheas sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba na mheasg. Thathar ag ràdh gur i an ro-innleachd nàdair as fharsainge thuige seo, le 130 gnìomh a chuidicheas ri stad a chur air call na bith-iomadachd ’s NàdarAlba a’ stiùireadh an dàrna leth dhiubh.

Cuide ri sin, bho 2021 tha còrr is 114,000 heactair de bhith-àrainnean ga ath-shlànachadh le taic £65m bho Mhaoin Ath-shlànachadh Nàdair aig Riaghaltas na h-Alba. Tha NàdarAlba air taic a chumail ri 250 pròiseactan nàdair thuige seo tro sgeama farpaiseach nan duaisean.

Agus tha prògram Peatland ACTION aig NàdarAlba air 30,000 hectair de mhòinteach a bh’ ann an droch chor ath-shlànachadh bho 2022 (66,000 on a thòisich am prògram ann an 2012). Thathar a’ tomhas gu bheil seo air sgaoilidhean ghasaichean taighe-ghlainne a lùghdachadh a bhiodh co-ionnan ri 90,000 tunna (0.09 millean tunna) de dhà-ogsaid carboin, agus aig an aon àm a’ cruthachadh bhith-àrainnean do dh’fhiadh-bheatha, obraichean is seasmhachd an aghaidh theintean is thuiltean.

Dàta air buannachdan slàinte a thig an cois nàdair a’ tighinn bho ONS UK natural capital accounts: 2024 - detailed summary. Fiosrachadh air cur-seachadan a’ tighinn bhon ONS is NàdarAlba. Fiosrachadh air truailleadh adhair a’ tighinn bhon ONS, UK Centre for Ecology and Hydrology, agus Defra.

NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot

’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot

Downloads

Wildlife spotting at the Outer Hebrides wildlife festival. © Eilidh Ross/Species on the Edge.: Wildlife spotting at the Outer Hebrides wildlife festival. © Eilidh Ross/Species on the Edge.

Wildlife spotting at the Outer Hebrides wildlife festival. © Eilidh Ross/Species on the Edge.

View | Download

Orkney nature festival © Eilidh Ross/Species on the Edge.: Orkney nature festival © Eilidh Ross/Species on the Edge.

Orkney nature festival © Eilidh Ross/Species on the Edge.

View | Download

Aquatic plant survey at Marlee Loch near Blairgowrie. ©Lorne Gill/NatureScot: Aquatic plant survey at Marlee Loch near Blairgowrie. ©Lorne Gill/NatureScot

Aquatic plant survey at Marlee Loch near Blairgowrie. ©Lorne Gill/NatureScot

View | Download

Planting an oak sapling at Battleby, Perth. ©Lorne Gill/NatureScot: Planting an oak sapling at Battleby, Perth. ©Lorne Gill/NatureScot

Planting an oak sapling at Battleby, Perth. ©Lorne Gill/NatureScot

View | Download

Peatland restoration demonstration at Cairnsmore of Fleet National Nature Reserve, Dumfries and Galloway. ©Lorne Gill/NatureScot: Peatland restoration demonstration at Cairnsmore of Fleet National Nature Reserve, Dumfries and Galloway. ©Lorne Gill/NatureScot

Peatland restoration demonstration at Cairnsmore of Fleet National Nature Reserve, Dumfries and Galloway. ©Lorne Gill/NatureScot

View | Download

Diver restoring seagrass, Sound of Barra. ©Ben James/NatureScot.: Diver restoring seagrass, Sound of Barra. ©Ben James/NatureScot.

Diver restoring seagrass, Sound of Barra. ©Ben James/NatureScot.

View | Download