30 August, 2024
A’ mapadh dualchas coilltean na h-Alba an-dè airson a-màireach
Thòisich iomairt ùr airson lorg fhaighinn air coilltean ar dùthcha a chaidh air dìochuimhne an tòir cothroman ath-shlànachaidh.
Nam biodh comas cainnt aig craobhan na h-Alba, dè chanadh iad? Tha pròiseact probhail air a bheil Coilltean Caillte eadar NàdarAlba, Coilltearachd is Fearann Alba agus Ainmean-Àite na h-Alba airson mapa a dhèanamh dhe na h-ainmean-àite air fad ann an Alba a tha a’ buntainn ri coilltean airson uachdaranan-fearainn is coimhearsnachdan a bhrosnachadh gu cnuasachadh a thaobh nan craobhan dùthchasach a bhiodh air an fhearann aca, agus dòighean airson an tilleadh san àm ri teachd ma dh’fhaoidte.
Chaidh mapa sgeulachdan didseatach, loma-làn de mhion-fhiosrachadh mun àrainneachd is cultar, a chruthachadh dhen 15,000 ainm-àite a chruinnich an Dr Jake King o Ainmean-Àite na h-Alba rè an rannsachaidh aige. Tha am mapa seo a’ toirt fiosrachadh eachdraidheil is cultarach dhuinn mu na coilltean o shean, càit an robh iad agus dè na seòrsaichean de chraobhan a bhiodh a’ fàs ann an àite àraidh aig àm. Tha coilltean a’ fàs ann an cuid dhe na h-àitichean a chaidh a mhapadh ach tha ùidh shònraichte aig a’ phròiseact sna h-àitichean far nach eil sgeul air craobhan an-diugh no clàr mu na rinn daoine ann roimhe a bharrachd air na tha na h-ainmean-àite ag innse dhuinn.
Thuirt Oifigear Gàidhlig NàdarAlba, Robyn Ireland: “Bha a’ mhòrchuid de dh’Alba fo choille aig àm ach chan eil ach 4% dhen tìr air fad fo choille dhùthchasach a-nis. Tha Coilltean Caillte a’ soillseachadh neart a’ cheangail eadar bith-iomadachd na h-Alba agus iomadachd chultarach.
“Tha cuid mhòr dhen phròiseact a’ toirt dealbh air àitichean ach gun an cànan, fanaidh am fiosrachadh mu na h-àitichean am falach agus tachraidh fiù gun tèid e air dìochuimhne. Tha am pròiseact Coilltean Caillte a’ sealltainn gum b’ fheàirrde èic-eòlas tuigse is urram do cho-theacsa cultarach na h-Alba. ’S urrainn dhuinn an dàimh seo ath-bheòthachadh agus is mòr an t-sochair e fios a bhith againn air na bh’ ann romhainn ach an gabh sinn cùram nas fheàrr dhen nàdar san àm ri teachd.”
Thuirt an Dr Jake King o Ainmean-Àite na h-Alba: “Bha am pròiseact togarrach is ùr-ghnàthach seo caran mar PhD ann an 18 làithean! Tha an 15,000 ainm-àite seo sa bheil faclan a tha a’ ciallachadh ‘coille’, ainmean chraobhan àraidh, no beathaichean is planntrais a bhios beò ann an coilltean, sgapte air feadh na h-Alba agus a’ tighinn o gach cànan Albannach eadar Gàidhlig is Albais agus fiù Cruithnis agus Seann Lochlannais. Ma chleachdas sinn pròiseact nan Coilltean Caillte ri taobh seataichean dàta eile mu choilltean na h-Alba, tha mi an dòchas gum bi e na thùs èic-eòlach is cultarach luachmhor a chuireas ris an eòlas againn agus gun èirich pròiseactan rannsachaidh ùra bhon obair seo.”
Thuirt Manaidsear nam Pròiseactan Carboin aig Coilltearachd is Fearann Alba, Sarah Nicholas: “Tha cànan fìor chudromach nar cruthan-tìre. Tha beartas de bheul-aithris aig mòran de na coilltean is den fhearann a th’ againn agus tha ainmean Gàidhlig, Albais, Lochlannais is Cruithnis a’ mìneachadh coltas an àite no ag innse dhuinn mu dhualchas cultarach na sgìre. Thuige seo chan eil mapa mòr air a bhith againn air ainmean-àite air feadh na h-Alba co-cheangailte ri coilltean.
“Tha sinn moiteil taic a chumail ri Coilltean Caillte oir tha criomagan fiosrachaidh ann an ainmean-àite a chuireas ri ar tuigse air cruthan-tìre. Nuair a choimheadas sinn air suirbhidhean èic-eòlach, co-chomhairleachaidhean coimhearsnachd is seataichean dàta eile, cuiridh an obair seo ris na co-dhùnaidhean a nì sinn air stiùireadh fearainn san àm ri teachd.
“Tron Phlana Ghàidhlig againn, tha am pròiseact seo am measg nan dòighean anns an dearbhaich FLS a chuid dealais airson dèanamh cinnteach gun tèid buinteanas na Gàidhlig aithneachadh is gum bi an cànan seasmhach san àm ri teachd.”
Thug an t-eòlaiche Gàidhlig Ruairidh MacIlleathain, Fearann is Coilltearachd Alba, agus èic-eòlaichean choilltean dùthchasaich taic is comhairle dhan phròiseact cho-obrachail seo. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le tabhartas rannsachaidh is ùr-ghnàthachaidh o Future Woodlands Scotland agus o phrògram Stiùireadh Choilltean, Mòine agus Fearann Dùthchail aig Roinn an Uallaich Shòisealta is na So-sheasmhachd aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Chithear StoryMap nan Coilltean Caillte an seo.
Gheibhear aithisg rannsachaidh a’ phròiseict an seo.
Gheibhear fiosrachadh mu eachdraidh coilltean na h-Alba an seo.
RANNSACHADH CÙISE
Coille-ghiuthais Ghleann Màilidh
Tha an t-àite seo air a’ mhapa mar An Giubhsach ann an stòr-dàta Choilltean Caillte agus tha pròiseact Ath-shlànachadh Coille-ghiuthais Ghleann Màilidh airson aon dhe na bloighean mu dheireadh a th’ againn de choille-ghiuthais Chailleannach dhùthchasach a dhìon.
Ged a chòmhdaich i cuid mhòr dhen Ghàidhealtachd aig àm, chan eilear eòlach ach air 84 bloigh de choille-ghiuthais Chailleannach leth-nàdarra agus tha aonan dhiubh ann an Gleann Màilidh.
Chrìon na coilltean seo gu mòr tro na linntean an cois leagail chraobhan, teine, cus ionaltraidh agus planntachadh de chraobhan neo-dhùthchasach. Tha bith-iomadachd ann an coilltean-giuthais nach fhaighear ann an àite sam bith eile ann am Breatainn, a’ gabhail a-staigh an capall-coille, lus-Linneus agus fungas na coise uaine a tha an cunnart dol à bith ma chrìonas an dachaigh aca barrachd.
’S e ‘taibhse coille’ a th’ ann an taobh an iar coille-ghiuthais Ghleann Màilidh agus is ciall dha sin gu bheil nas lugha na 20% dhen cheann-bhrat duilleagach air fhàgail agus gu bheil e ann an dearg-èiginn. Tha an t-ainm, An Giùthsach, ag innse dhuinn gu bheil coille air a bhith an seo fad ùine mhòr, pìos fianais eile air dè cho cudromach ’s a tha e ann an cultar is èic-eòlas.
Rinn Future Woodlands Scotland suirbhidhean ann an 2023 agus chunnacas gu bheil craobhan òga a’ fàs gu nàdarra am broinn crìochan 1876 na coille ach nach fhàs iad mòr leis gu bheil cus fhiadh-ruadh ann agus gu bheil dearg-fheum aca air dìon.
Mar fhuasgladh air seo, agus le taic Teachd-choilltean na h-Alba agus Sgeama Thabhartasan Coilltearachd na h-Alba aig Coilltearachd Alba, tha Pròiseact Ath-shlànachadh Ghleann Màilidh air Oighreachd Achadh na Cairidh a’ dol a chur feansa mu 250 heactair dhen taibhse choille a th’ air fhàgail airson a dhìon o na fèidh-ruadha. Togaidh an obair seo air an obair ath-shlànachaidh a rinn Urras nan Coilltean agus Coille Coimhearsnachd Airceig sna coilltean-giuthais am fagas mar phàirt de Chom-pàirteachas Ath-shlànachadh Tìr Loch Airceig – pròiseact fòcais aig a’ Chaidreachas airson Coille-uisge na h-Alba.
Bheir seo comas fàis do ghinealach ùr de chraobhan, cuiridh e stad air crìonadh nan coilltean àrsaidh seo agus daingnichidh e teachd-shaoghal dhaibh. Tha am pròiseact cuideachd airson Gleann Màilidh a cheangal ri coilltean eile a tha faisg air airson ’s gun seas na coilltean ri atharrachadh na gnàth-shìde nas fheàrr.
“Tha ath-shlànachadh coille-ghiuthais Ghleann Màilidh ro-chudromach airson dìon na bith-iomadachd agus airson pìos de dhualchas nàdarra na h-Alba a chumail beò,” mar a thuirt Kieran Leigh-Moy, manaidsear prògraim aig Future Woodlands Scotland. “Tha na craobhan is lusan àrsaidh seo a’ sealltainn de cho beartach ’s a tha an t-èiceo-shiostam air a bhith an seo fad linntean. Tha mi an dòchas gur e seo a’ chiad cheum air slighe a thilleas beatha do choille-ghiuthais Ghleann Màilidh.”
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
NatureScot is Scotland's nature agency. We work to enhance our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. Our priority is a nature-rich future for Scotland and an effective response to the climate emergency. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on X at https://x.com/NatureScot
’S e NatureScot buidheann nàdair na h-Alba. Bidh sinn a’ neartachadh àrainneachd na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gu barrachd suim a chur ann an nàdar. Tha e mar phrìomhachas againn gum bi nàdar na h-Alba beairteach agus gun dèilig sinn gu h-èifeachdach le èiginn na gnàth-shìde. Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig www.nature.scot no air X aig https://x.com/NatureScot