Skip to main content

16 June, 2021

A’ comharrachadh dualchas ainmean-àite Inbhir Nis

A’ comharrachadh dualchas ainmean-àite Inbhir Nis: Aerial view over the Kessock bridge towards Inverness.  ©Patricia and Angus Macdonald/NatureScot

Tha NatureScot air leabhar-iùil ùr air ainmean-àite baile is sgìre Inbhir Nis fhoillseachadh an-diugh.

Tha an leabhar a’ taisbeanadh dualchas cultarail is nàdarra prìomh bhaile mòr na Gàidhealtachd tro ainmeachadh is mìneachadh iomadh ainm-àite san sgìre.

Tha an leabhar a’ leantainn an t-sreatha shoirbheachail le NatureScot, A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre, a tha a’ dèanamh feum mòr de dh’eòlas ionadail gus an cuirear barrachd tuigse air na h-ainmean a tha a’ ceangal nan daoine agus am fearann, an àrainneachd is a’ choimhearsnachd.

Chaidh an leabhar a rannsachadh is a sgrìobhadh leis an sgeulaiche is neach-chraolaidh chliùiteach, Ruairidh MacIlleathain, a tha na eòlaiche air na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig is an àrainneachd. Thuirt Ruairidh: “Tha ainmean-àite baile mòr is sgìre Inbhir Nis a’ comharrachadh measgachadh iongantach de dh’àrainnean is cruthan-tìre san sgìre, eadar mòintich àrda is cladaichean rèidh, agus tacannan, bailtean beaga is feartan a’ bhaile mhòir. Mar a chì sinn anns a’ mhòr-chuid den Ghàidhealtachd, ’s i a’ Ghàidhlig prìomh chànan na tìre, agus anns an leabhar seo tha mi a’ feuchainn ri ainmean-àite Gàidhlig a mhìneachadh agus tha mi a’ piobrachadh muinntir an àite is luchd-turais gus an cuir iad eòlas air a’ chànan agus air beairteas an dualchais chultarail againn.”

Tha am pròiseact air taic fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig cuideachd, a’ phrìomh bhuidheann phoblach airson a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an Alba. Thuirt an t-Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan, Steven Kellow: “Tha na h-ainmean-àite Gàidhlig air leth cudromach ann an dualchas a’ chànain agus iad gu tric a’ dùsgadh ùidh is a’ toirt air daoine a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Tha sinn fìor thoilichte ar cuid taic a chumail ris a’ phròiseact seo a tha a’ comharrachadh is a’ brosnachadh an dualchais Ghàidhealaich ann an sgìre Inbhir Nis agus tha sinn cinnteach gun tèid muinntir an àite a bhrosnachadh gu barrachd Gàidhlig ionnsachadh.”

Tha an leabhar-iùil ri fhaighinn air-loidhne air làrach-lìn NatureScot agus tha àireamh bheag de lethbhreacan clò-bhuailte ri faighinn air làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean. Bidh òraid air-loidhne anns an t-Sultain agus thèid an tuilleadh fios a sgaoileadh san àm ri teachd.

Contact information

Name
NatureScot Media
Telephone
0131 316 2655
Email
media@nature.scot

NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot

'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot

Downloads

Aerial view over the Kessock bridge towards Inverness.  ©Patricia and Angus Macdonald/NatureScot

Aerial view over the Kessock bridge towards Inverness. ©Patricia and Angus Macdonald/NatureScot

View | Download