18 October, 2018
15 criomagan fiosrachaidh: comharrachadh na Gàidhlig ’s dualchas nàdair na h-Alba
Gabhaidh dealbhan aig sàr-ìre de dhùmhlachd-bhreacaidh a luchdachadh a-nuas gu h-ìosal
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a’ comharrachadh seachdain a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail le bhith a’ toirt sùil air a’ cheangal eadar a’ Ghàidhlig, dualchas agus nàdar.
Seo agaibh grunn chriomagan fiosrachaidh a sheallas an dlùth-cheangal eadar daoine, a’ Ghàidhlig agus cruth-tìre, ainmhidhean, eòin ’s lusan na h-Alba.
An robh fios agaibh…..?
’S ann às a’ Ghàidhlig a thàinig am facal Beurla ‘bog’ agus tha còrr air ceathrad facal againn airson ‘boglach’ a chur an cèill.
’S e Eilean a’ Cheò ainm Gàidhlig eile air an Eilean Sgitheanach.
Tha An Dàmhair a’ tighinn bho damh-dàir, an t-àm nuair a bhios na dàimh ruadha a’ dàireadh leis na h-èildean.
’S ann bhon Ghàidhlig An Càrn Gorm (an t-àite far a bheil an t-ionad-sgìthidh) a gheibhear ‘the Cairngorms’ sa Bheurla. ’S e Am Monadh Ruadh a th’ againn orra sa Ghàidhlig – iomradh air dath na cloiche-gràin a chithear am pailteas san sgìre.
Tha 276 ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba anns an bheil iolaire. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil an treas cuid dhiubh a’ dèanamh luaidh air an iolair-mhara agus gu bheil an còrr dhiubh mu dheidhinn na h-iolaire-buidhe.
Tha tùs Frangach aig an fhacal ‘avalanche’, ach tha facal sònraichte sa Ghàidhlig airson an dearbh rud – maoim-sneachda – a’ daingneachadh gu bheil maoimean-sneachda air a bhith ann am beanntan na h-Alba o a-riamh.
Tha an gnàthas-cainnte Gàidhlig às an dris, anns an droigheann coltach ris an abairt Bheurla ‘out of the frying pan into the fire’.
B’ e Loch Leamhain a bh’ air Loch Laomainn o shean, a’ faighinn ainm bhon abhainn a bhios a’ sruthadh bhuaithe. ’S ann bho Beinn Laomainn a thàinig an t-ainm a th’ air an loch a-nis.
’S ann bho Lochan na Gàire a tha a’ bheinn ‘Lochnagar’ ann an Siorrachd Obar Dheathain a’ faighinn a h-ainm. Tha an lochan seo faisg air mullach na beinne. Anns a’ Ghàidhlig ’s e a th’ oirre ach Beinn nan Cìochan.
’S e Na Fir-chlis a chanas sinn ris an aurora borealis sa Ghàidhlig.
Tha an t-ainm-àite as giorra air an t-saoghal na ainm Gàidhlig - Ì. Gu math tric cluinnear Eilean Ì no Ì Chaluim Chille, a tha na luaidh air Calum Cille a dh’fhuirich air an eilean.
Tha na h-ainmean Beurla air dà de na h-eòin dùthchasach againn a’ tighinn bhon Ghàidhlig – tàrmachan agus capall coille.
’S e Lus nam Ban-sìth fear de na h-ainmean Gàidhlig air an lus ris an canar foxglove sa Bheurla. Bhiodh na Gàidheil a’ dèanamh ceangal eadar an lus seo agus na sìthichean.
Nuair a bhios an gille-brìghde air sgèith, canaidh e ‘bi glic, bi glic’.
Bithear a’ gabhail rìgh na coille air a’ chraoibh-dharaich.
Tha SNH an sàs ann am mòran phròiseactan a bhios a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig, a’ togail ùidh sa chànan agus a’ neartachadh na Gàidhlig mar phàirt sònraichte ’s chudromach de bheatha muinntir na h-Alba san àm ri teachd.
Am measg ar n-obrach tha sreath leabhranan dà-chànanaich air a bheil A’ Ghàidhlig Air Aghaidh na Tìre, a bhios a’ comharrachadh dualchas cultarach ’s nàdarra ann an sgìrean leithid An t-Eilean Sgitheanach ’s Iar-Thuath na Gàidhealtachd, cho math ri faclair nàdair air loidhne.
’S e seo an treas bliadhna againn de thachartasan aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, ’s cuirm-chiùil shònraichte againn am-bliadhna leis an neach-ciùil chliùtach Màiri Anna NicUalraig a’ moladh na Cluaidh. Thugadh Cluaidh – Ùrachadh na h-Aibhne dhan àrd-ùrlar na bu tràithe air an t-seachdain mar phàirt de dh’Iomall a’ Mhòid ann an Dùn Omhain.
Tha SNH cuideachd air goireas foghlaim ùr air rùrachd sheasmhach a chur air bhog agus tha cuairt de bhùthan-obrach do sgoiltean Gàidhlig ga cur air dòigh.
Contact information
- Name
- NatureScot Media
- Telephone
- 0131 316 2655
- media@nature.scot
Notes to editors
MEDIA QUERIES: For more information, contact SNH Communications Officer Catriona Webster on catriona.webster@nature.scot or the main SNH press office on 0131 316 2655 or snhmedia@nature.scot.
PICTURES: Free use. Please credit SNH/Lorne Gill.
NatureScot is Scotland's nature agency. Responding to the twin crises of biodiversity loss and climate change, we work to protect and restore nature by inspiring everyone to value our natural world. Our goal is a nature-rich, net-zero future for Scotland. For more information, visit our website at www.nature.scot
'S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba. Bidh sinn a’ gleidheadh agus a’ slànachadh nàdar le bhith a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a chur air an t-saoghal nàdarra againn, agus sinn a’ freagairt air an dà chùis-èiginn de chall bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. ’S e ar n-amas nàdar beairteach ’s cothromachadh carboin do dh’Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot














